YouVersion Logo
Search Icon

Lùcas 7

7
1 Leighis Crìosd seirbhiseach ceannaird‐ceud. 11 Thog e mac na banntraich ann an Nain on bhàs; 19 dhearbh e do theachdairean Eòin, le obraichean mìorbhaileach a rinn e nan làthair, gum b’e fhèin an Crìosd a bha ri teachd; 24 nochd e don t‑sluagh ciod i a bharail mu Eòin, etc.
1A‑nis nuair a chrìochnaich e a bhriathran uile ann an èisdeachd an t‑sluaigh, chaidh e a‑steach do Chapernàum#Mat 8:5, etc..
2Agus bha seirbhiseach ceannaird‐ceud àraidh, a b’ionmhainn leis, gu tinn agus ri uchd bàis.
3Agus nuair a chuala e mu Iosa, chuir e seanairean nan Iùdhach da ionnsaigh, a’ cur impidh air gun tigeadh e, agus gun lèighseadh e a sheirbhiseach.
4Agus nuair a thàinig iad gu Iosa, ghuidh iad air gu dùrachdach, ag ràdh gum b’airidh e gun dèanadh esan seo dha:
5Oir is toigh leis ar cinneach‐ne, agus thog esan dhuinn sionagog.
6Agus chaidh Iosa maille riu. Ach air dha a bhith a‑nis am fagas don taigh, chuir an ceannard‐ceud càirdean da ionnsaigh, ag ràdh ris, A Thighearna, na cuir dragh ort fhèin; oir chan airidh mise gun rachadh tu a‑steach fom chlèith:
7Uime sin cha mhò a mheas mi gum b’airidh mi fhèin air teachd ad ionnsaigh: ach a‑mhàin abair am facal#Salm 107:20, agus slànaichear m’òglach.
8Oir is duine mise fhèin air mo chur fo ùghdarras, aig a bheil saighdearan fodham; agus their mi ris an fhear seo, Imich, agus imichidh e; agus ri fear eile, Thig, agus thig e; agus rim sheirbhiseach, Dèan seo, agus nì e e.
9Agus nuair a chuala Iosa na nithean seo, ghabh e iongantas ris, agus air tionndadh dha, thubhairt e ris an t‑sluagh a lean e, Tha mi ag ràdh ribh nach d’fhuair mi creideamh cho mòr seo ann an Israel fhèin.
10Agus air tilleadh air an ais don taigh do na teachdairean a chuireadh da ionnsaigh, fhuair iad an seirbhiseach a bha tinn, slàn.
11Agus thàrladh, an là na dhèidh sin, gun deachaidh e a‑chum baile den gairmear Nain; agus chaidh a dheisciobail maille ris, agus sluagh mòr.
12A‑nis nuair a thàinig e am fagas do gheata a’ bhaile, feuch, ghiùlaineadh a‑mach duine marbh, aon mhac a mhàthar, agus bu bhantrach i: agus bha sluagh mòr de mhuinntir a’ bhaile maille rithe.
13Agus nuair a chunnaic an Tighearna i, ghabh e truas dhith#Eòin 11:33‐35; Eabh 4:15, agus thubhairt e rithe, Na guil.
14Agus thàinig e agus bhean e ris a’ ghiùlan; agus sheas iadsan a bha ga iomchar; agus thubhairt e, Oganaich, tha mi ag ràdh riut, èirich#Lùc 8:54; Eòin 11:43; Gnìo 9:40.
15Agus dh’èirich an duine a bha marbh na shuidhe, agus thòisich e air labhairt: agus thug e da mhàthair e.
16Agus ghlac eagal iad uile: agus thug iad glòir do Dhia, ag ràdh, Dh’èirich fàidh mòr nar measg‐ne#Eòin 6:40; 7:40; agus, Dh’amhairc Dia air a shluagh fhèin#Lùc 1:68.
17Agus chaidh an t‑iomradh seo a‑mach airsan air feadh Iudèa uile, agus na dùthcha mun cuairt uile.
18Agus dh’innis a dheisciobail do Eòin mu thimcheall nan nithean sin uile.
19Agus ghairm Eòin da ionnsaigh dithis àraidh de a dheisciobail#Mat 11:2, agus chuir e iad gu Iosa, ag ràdh, An tusa esan a bha ri teachd#Sech 9:9, no am bi sùil againn ri neach eile?
20Agus air teachd o na daoine da ionnsaigh, thubhairt iad, Chuir Eòin Baistidh sinne ad ionnsaigh, ag ràdh, An tusa an tì a bha ri teachd, no am bi sùil againn ri neach eile?
21Agus anns an uair sin fhèin leighis e mòran on easlaintean agus om plàighean, agus o dhroch spioradan; agus thug e am fradharc do mhòran a bha dall.
22Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e riu, Imichibh‐se agus innsibh do Eòin na nithean a chunnaic agus a chuala sibh#Eòin 1:46; 2:23; gu bheil na doill a’ faicinn#Isa 35:5, 6; Mat 9:30, na bacaich ag imeachd, na lobhair air an glanadh, na bodhair a’ cluinntinn, na mairbh air an dùsgadh, an soisgeul air a shearmonachadh do na bochdan#Lùc 4:18; Isa 61:1.
23Agus is beannaichte esan nach faigh oilbheum annamsa#Isa 8:14, 15; Mat 11:6; Eòin 6:66; 1 Cor 1:21‐28.
24Agus nuair a dh’fhalbh teachdairean Eòin, thòisich e air labhairt ris an t‑sluagh mu thimcheall Eòin, Ciod an nì a chaidh sibh a‑mach don fhàsach a dh’fhaicinn? An i cuilc air a crathadh le gaoith?
25Ach ciod e an nì a chaidh sibh a‑mach a dh’fhaicinn? An e duine air a sgeadachadh ann an aodach mìn? Feuch, iadsan a tha sgeadaichte le aodach rìomhach, agus a’ caitheamh am beatha gu sòghail, is ann an cùirtean nan rìghrean a tha iad.
26Ach ciod e an nì a chaidh sibh a‑mach a dh’fhaicinn? An e fàidh? Seadh, tha mi ag ràdh ribh, agus nas mò na fàidh.
27Is e seo an tì mum bheil e sgrìobhte, Feuch, cuiridh mi mo theachdaire rod ghnùis#Mal 3:1, a dh’ullaicheas do shlighe romhad.
28Oir tha mi ag ràdh ribh, Nam measg‐san a rugadh le mnathan, chan eil fàidh as mò na Eòin Baistidh: gidheadh an tì as lugha ann an rìoghachd Dhè, is mò e na esan.
29Agus dh’fhìreanaich am poball uile a chuala e, agus na cìs‐mhaoir, Dia#Salm 51:4; Ròm 3:4, air dhaibh a bhith air am baisteadh le baisteadh Eòin#Lùc 3:12; Mat 3:5, 6.
30Ach chuir na Pharasaich agus an luchd‐lagha cùl ri comhairle Dhè dan taobh fhèin, am feadh nach do bhaisteadh iad leis.
31Agus thubhairt an Tighearna, Cò ris uime sin a shamhlaicheas mi daoine a’ ghinealaich seo, agus cò ris a tha iad cosmhail?
32Tha iad cosmhail ri cloinn a tha nan suidhe anns a’ mhargadh, agus a dh’èigheas ri chèile, ag ràdh, Rinn sinne pìobaireachd dhuibhse, agus cha do rinn sibhse dannsa: rinn sinne tuireadh dhuibhse, agus cha do rinn sibhse gul.
33Oir thàinig Eòin Baistidh, chan ann ag ithe arain, no ag òl fìona#Lùc 1:15; Mat 3:4; agus their sibh, Tha deamhan aige.
34Thàinig Mac an Duine ag ithe agus ag òl#Eòin 2:2; 12:2; agus their sibh, Feuch duine geòcach agus pòitear fìona, caraid chìs‐mhaor agus pheacach.
35Ach tha gliocas air a fìreanachadh le a cloinn uile.
36Agus dh’iarr duine àraidh de na Pharasaich air gun itheadh e biadh maille ris#Mat 26:6, etc.; Marc 14:3, etc.; Eòin 11:2, etc.. Agus chaidh e a‑steach do thaigh an Pharasaich, agus shuidh e sìos a‑chum bìdh.
37Agus, feuch, nuair a fhuair bean anns a’ bhaile, a bha na peacach, fios gu robh e na shuidhe aig biadh ann an taigh an Pharasaich, thug i leatha bocsa alabastair làn de ola chùbhraidh.
38Agus sheas i aig a chasan air a chùlaibh a’ gul, agus thòisich i air a chasan a fhliuchadh le a deòir, agus thiormaich i iad le falt a cinn, agus phòg i a chasan, agus dh’ung i leis an ola iad.
39Agus nuair a chunnaic am Pharasach, a thug cuireadh dha, seo, labhair e ann fhèin, ag ràdh, Nam b’fhàidh an duine seo, bhiodh fhios aige cò i a’ bhean seo a tha a’ beantainn ris#Eòin 9:24, agus ciod as gnè dhi; oir is peacach i#Lùc 15:2.
40Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e ris, A Shìmoin, tha nì agam ri ràdh riut. Agus thubhairt esan, A Mhaighistir, abair e.
41Bha aig fear‐fiachan àraidh dithis a dh’fhèichneinean: bha aige air aon fhear còig ceud pèighinn, agus air an fhear eile leth‐cheud.
42Agus do bhrìgh nach robh aca nì leis an dìoladh iad, mhaith e gu saor dhaibh araon. Innis dhòmhsa uime sin, cò dhiubh as mò a ghràdhaicheas e?
43Agus fhreagair Sìmon agus thubhairt e, Is i mo bharail gur e an neach as mò don do mhaith e. Agus thubhairt e ris, Is ceart a thug thu breith#Salm 116:16‐18; 2 Cor 5:14; 1 Tim 1:13‐16.
44Agus air tionndadh ris a’ mhnaoi, thubhairt e ri Sìmon, Am faic thu a’ bhean seo? Thàinig mi a‑steach dod thaigh, cha tug thu dhomh uisge airson mo chas#Gen 18:4; Bri 19:21; ach dh’ionnlaid ise mo chasan le deòir, agus thiormaich i iad le falt a cinn.
45Cha tug thusa dhomh pòg: ach o thàinig ise a‑steach, cha do sguir i a phògadh mo chas.
46Cha d’ung thusa mo cheann le ola: ach dh’ung ise mo chasan le ola chùbhraidh.
47Uime sin tha mi ag ràdh riut gu bheil a peacaidhean, a tha lìonmhor, air am maitheadh#Ròm 5:20; 1 Cor 6:9‐11; air an adhbhar sin ghràdhaich i gu mòr: ach ge bè neach dom maithear beagan, bidh a ghràdh beag.
48Agus thubhairt e rithe, Tha do pheacaidhean air am maitheadh.
49Agus thòisich iadsan a bha nan suidhe aig biadh maille ris air a ràdh annta fhèin, Cò e seo a tha eadhon a’ maitheadh pheacaidhean#Mat 9:2, 3; Marc 2:7?
50Agus thubhairt e ris a’ mhnaoi, Shlànaich do chreideamh thu#Lùc 8:48; Hab 2:4; Mat 9:22; Eph 2:8; imich ann an sìth.

Currently Selected:

Lùcas 7: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in