Lùcas 6
6
1 Chronaich Crìosd doille nam Pharasach mu thimcheall coimhead na sàbaid, le sgrìobtair, le reuson, agus le mìorbhail; 13 thagh e dà‑abstol‐dheug; 17 shlànaich e muinntir a bha tinn.
1Agus thàrladh air a’ chiad là sàbaid#Mat 12:1, etc.; Marc 2:23, etc. an dèidh an dara là de fhèill na càisge gun deachaidh e tro na h‑achaidhean arbhair; agus spìon a dheisciobail na diasan arbhair#Deut 23:25, agus dh’ith iad, an dèidh am bruthadh len làmhan.
2Agus thubhairt cuid de na Pharasaich riu, Carson a tha sibh a’ dèanamh an nì nach eil ceadaichte ri dhèanamh air làithean na sàbaid#Ecs 20:10; Eòin 5:10?
3Agus fhreagair Iosa iad, agus thubhairt e, Nach do leugh sibhse an nì seo a rinn Daibhidh, nuair a bha acras air fhèin#1 Sam 21:6, agus orrasan a bha maille ris;
4Cionnas a chaidh e a‑steach do thaigh Dhè, agus a ghabh e aran na fianais, agus a dh’ith e fhèin, agus a thug e mar an ceudna dhaibhsan a bha maille ris; nì nach eil ceadaichte ithe ach do na sagartan a‑mhàin#Lebh 24:9?
5Agus thubhairt e riu, Is Tighearna Mac an Duine air an t‑sàbaid fhèin.
6Thàrladh mar an ceudna air sàbaid eile#Lùc 13:14; Mat 12:10, etc.; Marc 3:1, etc. gun deachaidh e a‑steach don t‑sionagog, agus gun do theagaisg e; agus bha an sin duine aig an robh a làmh dheas air seargadh.
7Agus rinn na sgrìobhaichean agus na Pharasaich faire, a dh’fheuchainn an lèighseadh e air an t‑sàbaid#Eòin 9:16; a‑chum gum faigheadh iad cùis‐dhìtidh na aghaidh.
8Ach thuig esan an smuaintean#Iob 42:2; Mat 9:4, agus thubhairt e ris an duine aig an robh an làmh sheargte, Eirich, agus seas a‑mach anns a’ mheadhon. Agus dh’èirich esan, agus sheas e.
9An sin thubhairt Iosa riu, Feòraichidh mise aon nì dhibh: A bheil e ceadaichte air làithean na sàbaid math a dhèanamh#Lùc 14:3, no olc, anam a shaoradh, no a sgrios?
10Agus air dha amharc mun cuairt orra uile, thubhairt e ris an duine, Sìn a‑mach do làmh. Agus rinn e sin: agus dh’aisigeadh a làmh slàn dha mar an làmh eile.
11Agus lìonadh iadsan le cuthach; agus labhair iad ri chèile, ciod a dhèanadh iad ri Iosa.
12Agus anns na làithean sin chaidh esan gu beinn a dhèanamh ùrnaigh#Mat 6:6, agus bhuanaich e rè na h‑oidhche ann an ùrnaigh ri Dia.
13Agus air teachd don là, ghairm e da ionnsaigh a dheisciobail; agus thagh e dà‑fhear‐dheug asda, den do ghairm e Abstoil:
14Sìmon, air an tug e mar an ceudna Peadar mar ainm#Eòin 1:42, agus Anndras a bhràthair, Seumas agus Eòin, Philip agus Bartolomèus,
15Mata agus Tòmas, Seumas mac Alphèuis, agus Sìmon den goirear Selotes,
16Iùdas bràthair Sheumais#Iùd 1, agus Iùdas Iscariot, esan a bha na fhear‐brathaidh.
17Agus thàinig e a‑nuas leo, agus sheas e air ionad còmhnard, agus coitheanal a dheisciobal, agus buidheann mhòr‐shluaigh o Iudèa uile agus o Ierusalem#Mat 4:25, etc.; Marc 3:7, etc., agus o chois fairge Thìruis agus Shìdoin, muinntir a thàinig ga èisdeachd, agus gu bhith air an leigheas on easlaintean;
18Agus iadsan a bha air am pianadh le spioradan neòghlan: agus lèighseadh iad.
19Agus dh’iarr an sluagh uile beantainn ris#Lùc 8:46; Marc 5:30: oir chaidh cumhachd a‑mach as#Mat 5:3‐12, agus shlànaich e iad uile.
20Agus thog e suas a shùilean air a dheisciobail, agus thubhairt e, Is beannaichte sibhse a tha bochd: oir is leibh rìoghachd Dhè.
21Is beannaichte sibhse a tha acrach a‑nis#Isa 55:1; Salm 107:9; oir sàsaichear sibh. Is beannaichte sibhse a tha a’ caoidh a‑nis#Isa 61:3; Tais 7:14‐17: oir gàiridh sibh.
22Is beannaichte sibh, nuair a bheir daoine fuath dhuibh#1 Pead 3:14, agus a chuireas iad as an cuideachd sibh, agus a bheir iad cainnt mhaslach dhuibh, agus a thilgeas iad a‑mach ur n‑ainm mar olc, airson Mac an Duine.
23Dèanaibh‐se gàirdeachas anns an là sin#Gnìo 5:41; 1 Pead 4:13, 14, agus leumaibh le aoibhneas: oir feuch, is mòr ur duais air nèamh: oir is ann mar sin a rinn an athraichean air na fàidhean#1 Each 24:19‐21; Ier 26:8.
24Ach is an‑aoibhinn dhuibhse a tha saoibhir#Amos 6:1‐6; Hab 2:9; Seum 5:1; Lùc 16:25: oir fhuair sibh ur sòlas.
25Is an‑aoibhinn dhuibhse a tha sàthach#Isa 28:7; 65:13: oir bidh acras oirbh. Is an‑aoibhinn dhuibhse a tha a’ gàireachdaich a‑nis: oir nì sibh bròn agus gul.
26Is an‑aoibhinn dhuibhse nuair a labhras daoine math umaibh#Eòin 15:19; Seum 4:4: oir is ann mar sin a rinn an athraichean ris na fàidhean brèige.
27Ach tha mi ag ràdh ribhse a tha ag èisdeachd, Gràdhaichibh ur naimhdean#Ecs 23:4, 5; Mat 5:44; Ròm 12:20, dèanaibh math dhaibhsan lem fuathach sibh;
28Beannaichibh iadsan a tha gur mallachadh, agus dèanaibh ùrnaigh airson na muinntir a tha a’ buntainn gu naimhdeil ribh#Lùc 23:34; Gnìo 7:60.
29Ris an tì a bhuaileas thu air aon ghiall, cùm an giall eile#Mat 5:39; agus don tì a bheir d’fhallaing dhìot, na bac do chòta mar an ceudna#1 Cor 6:7.
30Thoir do gach neach a dh’iarras ort#Deut 15:7, 8, 10; Gnà 19:17; 21:26; agus on neach a bheir uat do mhaoin, na iarr air ais i.
31Agus mar a b’àill leibh daoine a dhèanamh dhuibh, dèanaibh‐se mar an ceudna dhaibhsan#Mat 7:12; Gal 5:14.
32Oir ma ghràdhaicheas sibh iadsan aig a bheil gràdh dhuibh, ciod am buidheachas a tha agaibh? Oir gràdhaichidh peacaich fhèin an dream aig a bheil gràdh dhaibh.
33Agus ma nì sibh math don mhuinntir a nì math dhuibh, ciod am buidheachas a tha agaibh? Oir nì peacaich an nì seo fhèin mar an ceudna.
34Agus ma bheir sibh iasad dhaibhsan om bheil dùil agaibh ri a fhaotainn a‑rìs, ciod am buidheachas a tha agaibh? Oir bheir peacaich fhèin iasad do pheacaich, a‑chum gum faigh iad uiread a‑rìs.
35Ach gràdhaichibh‐se ur naimhdean, agus dèanaibh math, agus thugaibh iasad, gun dùil a bhith agaibh ri nì sam bith na èirig: agus bidh ur duais mòr, agus bidh sibh nur cloinn don Tì as àirde#Mat 5:45: oir tha esan toirbheartach dhaibhsan a tha mì‑thaingeil agus olc.
36Bithibh‐se uime sin tròcaireach, mar a tha ur n‑Athair tròcaireach.
37Agus na tugaibh breith agus cha toirear breith oirbh#Mat 7:1: na dìtibh, agus cha dìtear sibh: thugaibh maitheanas#Mat 6:14, 15, agus bheirear maitheanas dhuibh.
38Thugaibh uaibh#Deut 15:10; Gnà 19:17, agus bheirear dhuibh; deagh thomhas, air a gheinneadh agus air a chrathadh ri chèile, agus a’ cur thairis, bheir daoine nur n‑uchd; oir leis an tomhas len tomhais sibh, tomhaisear dhuibh a‑rìs#Marc 4:24; Seum 2:13.
39Agus labhair e cosamhlachd riu, Am faod an dall dall a threòrachadh#Mat 5:14? Nach tuit iad le chèile ann an sloc?
40Chan eil an deisciobal os cionn a mhaighistir#Mat 10:24; Eòin 13:16: ach ge bè neach a tha coileanta, bidh e mar a mhaighistir.
41Agus carson a tha thu a’ faicinn an smùirnein a tha an sùil do bhràthar, agus nach eil thu a’ toirt fa‑near na sail a tha ann ad shùil fhèin?
42No cionnas a dh’fhaodas tu a ràdh rid bhràthair, A bhràthair, leig dhomh an smùirnean a thoirt as do shùil, agus nach eil thu a’ toirt fa‑near an t‑sail a tha ann ad shùil fhèin? A chealgair, tilg a‑mach air tùs an t‑sail as do shùil fhèin#Gnà 18:17, agus an sin is lèir dhut gu soilleir an smùirnean a tha ann an sùil do bhràthar a thoirt aisde.
43Oir cha deagh chraobh a bheir a‑mach droch thoradh#Mat 7:16, 17: agus cha droch chraobh a bheir a‑mach deagh thoradh.
44Oir aithnichear gach craobh air a toradh#Mat 12:33: oir cha tionail daoine fìgean de dhroighinn, no caoran fìona den fhearr‐dhris.
45Bheir duine math nì math a‑mach à deagh ionmhas a chridhe#Mat 12:35; agus bheir droch dhuine nì olc a‑mach à droch ionmhas a chridhe: oir is ann à pailteas a chridhe a labhras a bheul.
46Agus carson a ghoireas sibh, A Thighearna, a Thighearna, dhìomsa#Mat 7:21; Gal 6:7, agus nach dèan sibh na nithean a tha mi ag ràdh?
47Gach neach a thig am ionnsaigh‐sa, agus a chluinneas mo bhriathran, agus a nì iad, feuchaidh mi dhuibh cò ris as cosmhail e:
48Is cosmhail e ri duine a thog taigh#Mat 7:24‐27, agus a chladhaich domhain, agus a chuir a’ bhunait air carraig: agus nuair a thàinig an tuil, bhuail an sruth gu dian air an taigh sin#Seum 1:12; 2 Pead 1:10, agus cha b’urrainn e a charachadh; oir bha e air a shuidheachadh air carraig.
49Ach an tì a chluinneas agus nach dèan#Seum 2:20, is cosmhail e ri duine a thog taigh air an talamh gun bhunait, air an do bhuail an sruth gu dian, agus air ball thuit e: agus bu mhòr tuiteam an taighe sin.
Currently Selected:
Lùcas 6: ABIG
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017