Lùcas 5
5
1 Theagaisg Crìosd an sluagh à luing Pheadair; 4 le tarraing mhìorbhailich èisg nochd e cionnas a bha e gus Peadar agus a chompanaich a dhèanamh nan iasgairean air daoine: 12 ghlan e neach a bha na lobhar, etc.
1Agus thàrladh, nuair a bha am poball a’ dlùth‐theannadh air#Mat 4:18, etc.; Marc 1:16, etc. a‑chum facal Dhè èisdeachd, gun do sheas e làimh ri loch Ghenesaret,
2Agus chunnaic e dà luing nan seasamh ri taobh an loch: ach bha na h‑iasgairean air dol a‑mach asda, agus a’ nighe an lìon.
3Agus chaidh e a‑steach do aon de na bàtaichean a bu le Sìmon, agus dh’iarr e air dol a‑mach beagan o thìr: agus air suidhe dha, theagaisg e an sluagh as a’ bhàta.
4A‑nis nuair a sguir e de labhairt, thubhairt e ri Sìmon, Cuir a‑mach a‑chum na doimhne#Eòin 21:6, agus leigibh sìos ur lìn a‑chum tarraing.
5Agus fhreagair Sìmon, agus thubhairt e ris, A Mhaighistir, shaothraich sinn feadh na h‑oidhche uile, agus cha do ghlac sinn nì sam bith: ach air d’fhacal‐sa leigidh mi sìos an lìon.
6Agus nuair a rinn iad seo, chuartaich iad tacar mòr èisg, ionnas gun do bhriseadh an lìon.
7Agus smèid iad air an companaich, a bha anns an luing eile, teachd agus còmhnadh a dhèanamh leo. Agus thàinig iad, agus lìon iad an dà luing, ionnas gu robh iad an inbhe dol fodha.
8Nuair a chunnaic Sìmon Peadar seo thuit e sìos aig glùinean Iosa, ag ràdh, Imich uamsa, a Thighearna#Iob 42:5, 6; Isa 6:5, oir is duine peacach mi.
9Oir ghlac uamhas e fhèin agus iadsan uile a bha maille ris, airson an tarraing èisg a ghlac iad:
10Agus mar an ceudna Seumas agus Eòin, mic Shebede, a bha nan companaich aig Sìmon. Agus thubhairt Iosa ri Sìmon, Na biodh eagal ort; à seo suas glacaidh tu daoine.
11Agus nuair a thug iad am bàtaichean gu tìr, dh’fhàg iad na h‑uile nithean#Mat 4:20; Philip 3:7, 8, agus lean iad esan.
12Agus nuair a bha esan ann am baile àraidh, feuch duine làn de luibhre#Mat 8:2, etc.; Marc 1:40, etc.: agus air dha Iosa fhaicinn, thuit e sìos air a aghaidh, agus ghuidh e air, ag ràdh, A Thighearna, mas toil leat, tha thu comasach air mise a ghlanadh.
13Agus shìn e a làmh, agus bhean e ris, ag ràdh, Is toil leam; bi glan#2 Rìgh 5:10, 14. Agus air ball dh’fhàg an luibhre e.
14Agus dh’àithn e dha gun innse do neach air bith: Ach imich, agus nochd thu fhèin don t‑sagart, agus thoir seachad airson do ghlanaidh, mar a dh’àithn Maois#Lebh 14:4, etc. mar fhianais dhaibh.
15Ach bu mhò a sgaoileadh a iomradh‐san: agus thàinig sluagh mòr an ceann a chèile a‑chum èisdeachd#Mat 4:25; Marc 3:7; Eòin 6:2, agus a bhith air an slànachadh leis on eucailean.
16Agus chaidh e air leth a‑chum an fhàsaich#Mat 14:23; Marc 6:46, agus rinn e ùrnaigh.
17Agus thàrladh air là àraidh, nuair a bha e a’ teagasg, gu robh nan suidhe an sin Pharasaich agus luchd‐teagaisg an lagha, a thàinig as gach uile bhaile de Ghalile, agus de Iudèa, agus o Ierusalem: agus bha cumhachd an Tighearna an làthair a‑chum an slànachadh#Lùc 6:19.
18Agus, feuch, ghiùlain daoine air leabaidh duine air an robh a’ phairilis#Mat 9:2, etc.; Marc 2:3, etc.: agus dh’iarr iad a thoirt a‑steach, agus a chur na làthair‐san.
19Agus nuair nach d’fhuair iad seòl air am faodadh iad a thoirt a‑steach, le meud na cuideachd, chaidh iad suas air an taigh, agus leig iad sìos tro mhullach an taighe e fhèin agus a leabaidh, anns a’ mheadhon an làthair Iosa.
20Agus nuair a chunnaic e an creideamh, thubhairt e ris, A dhuine, tha do pheacaidhean air am maitheadh dhut.
21Agus thòisich na sgrìobhaichean agus na Pharasaich air reusonachadh, ag ràdh, Cò e seo a tha a’ labhairt toibheim? Cò a dh’fhaodas peacaidhean a mhaitheadh ach Dia a‑mhàin#Salm 32:5; 103:3; 130:4; Isa 43:25?
22Ach air aithneachadh an smuaintean do Iosa, fhreagair e agus thubhairt e riu, Ciod a tha sibh a’ reusonachadh nur cridheachan?
23Cia aca as fhasa a ràdh, Tha do pheacaidhean air am maitheadh dhut, no a ràdh, Èirich agus imich?
24Ach a‑chum gum bi fhios agaibh gu bheil cumhachd aig Mac an Duine peacaidhean a mhaitheadh air thalamh#Gnìo 5:31 (thubhairt e ri fear na pairilis), tha mi ag ràdh riut, Eirich, agus tog do leabaidh, agus imich dod thaigh.
25Agus dh’èirich e air ball nan làthair, agus thog e an leabaidh air an robh e na laighe, agus chaidh e da thaigh fhèin a’ toirt glòire do Dhia.
26Agus ghlac uamhas iad uile, agus thug iad glòir do Dhia, agus lìonadh le eagal iad, ag ràdh, Chunnaic sinne nithean do‑chreidsinn an‑diugh.
27Agus an dèidh nan nithean sin, chaidh e a‑mach, agus chunnaic e cìs‐mhaor dom b’ainm Lèbhi#Mat 9:9, etc.; Marc 2:13 na shuidhe aig àite‐togail na cìse; agus thubhairt e ris, Lean mise.
28Agus air fàgail nan uile nithean dha, dh’èirich e, agus lean e e.
29Agus rinn Lèbhi fèisd mhòr dha na thaigh fhèin: agus bha cuideachd mhòr de chìs‐mhaoir#Lùc 15:1, etc., agus de mhuinntir eile a shuidh maille riu.
30Agus rinn an sgrìobhaichean agus am Pharasaich gearan an aghaidh a dheisciobal‐san, ag ràdh, Carson a tha sibh ag ithe agus ag òl maille ri cìs‐mhaoir agus ri peacaich?
31Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Chan eil feum acasan a tha slàn air an lèigh#Lùc 18:11‐13, ach acasan a tha tinn.
32Cha tàinig mise a ghairm nam fìrean, ach nam peacach a‑chum aithreachais#Lùc 15:7, 10; 1 Tim 1:15; 2 Pead 3:9.
33Agus thubhairt iadsan ris, Carson a tha deisciobail Eòin gu tric ri trasgadh, agus a’ dèanamh ùrnaigh, agus mar an ceudna deisciobail nam Pharasach; ach tha do dheisciobail‐sa ag ithe agus ag òl#Lùc 7:34, 35?
34Agus thubhairt esan riu, Am faod sibh a thoirt air cloinn seòmar an fhir nuadh‐phòsda#Eòin 3:29 trasg a dhèanamh, am feadh a tha am fear nuadh‐pòsda maille riu?
35Ach thig na làithean nuair a bheirear am fear nuadh‐pòsda uapa; an sin nì iad trasg anns na làithean sin.
36Agus labhair e mar an ceudna cosamhlachd riu: Cha chuir neach air bith mìr de aodach nuadh air seann aodach, no reubaidh an t‑aodach nuadh e, agus cha tig am mìr den aodach nuadh ris an t‑seann aodach.
37Agus cha chuir duine sam bith fìon nuadh ann an seann searragan; no brisidh am fìon nuadh na searragan, agus dòirtear e fhèin, agus caillear na searragan.
38Ach is còir fìon nuadh a chur ann an searragan nuadha; agus bidh iad le chèile tèarainte.
39Agus chan eil duine sam bith, air dha seann fhìon òl, a dh’iarras air ball fìon nuadh; oir their e, Is e an seann fhìon as fèarr.
Currently Selected:
Lùcas 5: ABIG
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017