Lùcas 4
4
1 Buaireadh agus trasg Chrìosd: 13 thug e buaidh air an diabhal; 14 thòisich e ri searmonachadh. 16 Ghabh poball Nàsaret iongantas ri a bhriathran gràsmhor. 33 Leighis e duine anns an robh deamhan, 38 agus màthair‐chèile Pheadair, etc.
1Agus air do Iosa a bhith làn den Spiorad Naomh#Mat 4:1, etc.; Marc 1:12, etc., thill e air ais o Iòrdan, agus threòraicheadh e leis an Spiorad don fhàsach,
2Agus bha e air a bhuaireadh rè dà‑fhichead là leis an diabhal; agus cha d’ith e nì sam bith anns na làithean sin#Ecs 34:28; 1 Rìgh 19:8: agus air dhaibh a bhith air an crìochnachadh, an sin dh’fhàs e acrach.
3Agus thubhairt an diabhal ris, Mas tu Mac Dhè, abair ris a’ chloich seo a bhith na h‑aran.
4Agus fhreagair Iosa e, ag ràdh, Tha e sgrìobhte#Deut 8:3 nach ann le aran a‑mhàin a thig duine beò, ach le gach uile fhacal Dhè.
5Agus air don diabhal a thoirt gu beinn àird, nochd e dha uile rìoghachdan an domhain ann am mionaid aimsir.
6Agus thubhairt an diabhal ris, Bheir mise an cumhachd seo uile dhut, agus an glòir; oir thugadh dhòmhsa sin#Eòin 12:31; 14:30; Eph 2:2; Tais 13:2, 7; agus bheir mi e do neach air bith as toil leam.
7Uime sin ma nì thu adhradh dhòmhsa, is leat iad uile.
8Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Tàrr air mo chùlaibh, a Shàtain: oir tha e sgrìobhte, Nì thu adhradh don Tighearna do Dhia#Deut 6:13; 10:20, agus dhàsan na aonar nì thu seirbhis.
9Agus thug e e gu Ierusalem, agus chuir e air binnein an teampaill e, agus thubhairt e ris, Mas tu Mac Dhè, tilg thu fhèin sìos à seo:
10Oir tha e sgrìobhte, Bheir e àithne da ainglean mud thimcheall#Salm 91:11, thusa a choimhead;
11Agus togaidh iad suas thu nan làmhan, air eagal gum buail thu, uair air bith, do chas air cloich.
12Agus air freagairt do Iosa thubhairt e ris, Thubhairteadh, Na buair thusa an Tighearna do Dhia#Deut 6:16.
13Agus nuair a chrìochnaich an diabhal am buaireadh uile, dh’imich e uaithe rè tamaill#Lùc 22:53; Eòin 14:30.
14Agus thill Iosa ann an cumhachd an Spioraid#Eòin 4:43; Gnìo 10:37 a‑chum Ghalile: agus chaidh a iomradh‐san air feadh na dùthcha mun cuairt gu h‑iomlan.
15Agus theagaisg e nan sionagogan, a’ faotainn glòire o na h‑uile dhaoine.
16Agus thàinig e gu Nàsaret#Mat 2:23, far an d’àraicheadh e: agus chaidh e a‑steach, mar a bu ghnàth leis#Mat 13:54; Eòin 18:20, air là na sàbaid don t‑sionagog, agus dh’èirich e na sheasamh a‑chum leughaidh.
17Agus thugadh dha leabhar an fhàidh Esaias; agus air fosgladh an leabhair dha, fhuair e an t‑àit anns an robh e sgrìobhte,
18Tha Spiorad an Tighearna orm#Isa 61:1, do bhrìgh gun d’ung e mi a shearmonachadh an t‑soisgeil do na bochdan; chuir e mi a shlànachadh na muinntir aig a bheil an cridhe briste#Salm 34:18; 51:17; 147:3; Isa 57:15, a ghairm fuasglaidh do na braighdean, agus aiseag am fradhairc do na doill#Salm 146:8; Isa 29:18, a thoirt saorsa don mhuinntir a tha brùite#Isa 42:3; Mat 12:20,
19A shearmonachadh bliadhna thaitneach an Tighearna#Isa 61:2; 63:4.
20Agus air dùnadh an leabhair dha, thug e don fhear‐fhrithealaidh e, agus shuidh e: agus bha sùilean na bha anns an t‑sionagog uile a’ geur‐amharc air.
21Agus thòisich e air a ràdh riu, An‑diugh tha an sgriobtar seo air a choileanadh nur cluasan‐se.
22Agus thug iad uile fianais dha, agus ghabh iad iongantas ris na briathran gràsmhor#Lùc 2:47; Salm 45:2; Isa 50:4; Mat 13:54; Marc 6:2 a thàinig a‑mach as a bheul. Agus thubhairt iad, Nach e seo mac Iòseiph?
23Agus thubhairt e riu, Gun amharas thubhairt sibh rium an gnàth‐fhacal seo, A lèigh, leighis thu fhèin: ge bè air bith iad na nithean a chuala sinn a rinneadh leat an Capernàum#Mat 4:13; 11:23, etc., dèan mar an ceudna iad an seo ad dhùthaich fhèin.
24Agus thubhairt e, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, nach eil fàidh air bith taitneach na dhùthaich fhèin#Mat 13:57; Eòin 4:44.
25Ach gu fìrinneach tha mise ag ràdh ribh gu robh mòran bhantrach ann an Israel an làithean Eliais, nuair a dhruideadh nèamh rè trì bliadhna agus sia mìosan#Seum 5:17, agus a bha gorta mhòr air feadh na tìre uile:
26Ach cha do chuireadh Elias a dh’ionnsaigh aoin dhiubh, ach gu Sarepta Shìdoin#1 Rìgh 17:9, a‑chum mnà a bha na bantraich.
27Agus bha mòran lobhar ann an Israel ri linn Eliseais am fàidh; agus cha do ghlanadh a h‑aon aca, ach Nàaman an Sirianach#2 Rìgh 5:14.
28Agus lìonadh iadsan uile a bha anns an t‑sionagog le feirg, nuair a chuala iad na nithean sin;
29Agus dh’èirich iad suas, agus thilg iad a‑mach as a’ bhaile e, agus thug iad leo e gu malaidh a’ chnuic, air an robh am baile togte, a‑chum a thilgeadh sìos an coinneamh a chinn.
30Ach air gabhail dhàsan tro am meadhon, dh’fhalbh e#Eòin 8:59; 10:39,
31Agus chaidh e sìos gu Capernàum, baile de Ghalile, agus bha e gan teagasg air làithean na sàbaid:
32Agus ghabh iad iongantas ra theagasg; do bhrìgh gu robh a fhacal le cumhachd#Ier 23:29; Mat 7:28, 29; Tìt 2:15; Eabh 4:12.
33Agus bha anns an t‑sionagog duine anns an robh spiorad deamhain neòghlain#Marc 1:23, agus ghlaodh e le guth mòr,
34Ag ràdh, Leig leinn; ciod e ar gnothach‐ne riut, Iosa o Nàsaret? An tàinig thu gar sgrios? Tha fhios agam cò thu#Lùc 1:35; Salm 16:10; Daniel 9:24; Gnìo 3:14, Aon naomh Dhè.
35Agus chronaich Iosa e, ag ràdh, Bi ad thosd, agus thig a‑mach as. Agus air don deamhan esan a thilgeadh sìos nam meadhon, thàinig e a‑mach as, gun chiùrradh sam bith a dhèanamh air.
36Agus thàinig uamhas orra uile, agus labhair iad ri chèile, ag ràdh, Ciod a’ ghnè cainnte seo? Oir le ùghdarras agus cumhachd tha e a’ toirt òrdaigh do na spioradan neòghlan, agus tha iad a’ teachd a‑mach.
37Agus chaidh iomradh airsan a‑mach air feadh gach àite den dùthaich mun cuairt.
38Agus dh’èirich e as an t‑sionagog agus chaidh e a‑steach do thaigh Shìmoin: agus bha fiabhras mòr air màthair‐chèile Shìmoin#Mat 8:14, etc.; Marc 1:29, etc.; agus ghuidh iad air as a leth.
39Agus air dha seasamh os a cionn, chronaich e am fiabhras, agus dh’fhàg e i. Agus dh’èirich ise air ball, agus rinn i frithealadh dhaibh.
40Agus aig dol fodha na grèine, iadsan uile aig an robh daoine easlan le iomadh gnè thinnis, thug iad da ionnsaigh iad: agus chuir esan a làmhan air gach aon dhiubh, agus leighis e iad.
41Agus chaidh mar an ceudna deamhain a‑mach à mòran, a’ glaodhaich agus ag ràdh, Is tu Crìosd Mac Dhè. Agus chronaich e iad, agus cha d’fhuiling e dhaibh labhairt: oir bha fhios aca gum b’esan Crìosd.
42Agus air teachd don là, chaidh e a‑mach, agus dh’imich e gu àite fàsail: agus bha an sluagh ga iarraidh, agus thàinig iad da ionnsaigh, agus b’àill leo a chumail, a‑chum nach rachadh e uapa.
43Ach thubhairt esan riu, Is èiginn dhòmhsa rìoghachd Dhè a shearmonachadh do bhailtean eile mar an ceudna; oir is ann a‑chum seo a chuireadh mi#Marc 1:38.
44Agus shearmonaich e ann an sionagogan Ghalile.
Currently Selected:
Lùcas 4: ABIG
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017