Agus thug e e gu Ierusalem, agus chuir e air binnein an teampaill e, agus thubhairt e ris, Mas tu Mac Dhè, tilg thu fhèin sìos à seo:
Oir tha e sgrìobhte, Bheir e àithne da ainglean mud thimcheall, thusa a choimhead;
Agus togaidh iad suas thu nan làmhan, air eagal gum buail thu, uair air bith, do chas air cloich.
Agus air freagairt do Iosa thubhairt e ris, Thubhairteadh, Na buair thusa an Tighearna do Dhia.