Agus nuair a bha esan ann am baile àraidh, feuch duine làn de luibhre: agus air dha Iosa fhaicinn, thuit e sìos air a aghaidh, agus ghuidh e air, ag ràdh, A Thighearna, mas toil leat, tha thu comasach air mise a ghlanadh.
Agus shìn e a làmh, agus bhean e ris, ag ràdh, Is toil leam; bi glan. Agus air ball dh’fhàg an luibhre e.