1
Lùcas 6:38
Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992
Thugaibh uaibh, agus bheirear dhuibh; deagh thomhas, air a gheinneadh agus air a chrathadh ri chèile, agus a’ cur thairis, bheir daoine nur n‑uchd; oir leis an tomhas len tomhais sibh, tomhaisear dhuibh a‑rìs.
Compare
Explore Lùcas 6:38
2
Lùcas 6:45
Bheir duine math nì math a‑mach à deagh ionmhas a chridhe; agus bheir droch dhuine nì olc a‑mach à droch ionmhas a chridhe: oir is ann à pailteas a chridhe a labhras a bheul.
Explore Lùcas 6:45
3
Lùcas 6:35
Ach gràdhaichibh‐se ur naimhdean, agus dèanaibh math, agus thugaibh iasad, gun dùil a bhith agaibh ri nì sam bith na èirig: agus bidh ur duais mòr, agus bidh sibh nur cloinn don Tì as àirde: oir tha esan toirbheartach dhaibhsan a tha mì‑thaingeil agus olc.
Explore Lùcas 6:35
4
Lùcas 6:36
Bithibh‐se uime sin tròcaireach, mar a tha ur n‑Athair tròcaireach.
Explore Lùcas 6:36
5
Lùcas 6:37
Agus na tugaibh breith agus cha toirear breith oirbh: na dìtibh, agus cha dìtear sibh: thugaibh maitheanas, agus bheirear maitheanas dhuibh.
Explore Lùcas 6:37
6
Lùcas 6:27-28
Ach tha mi ag ràdh ribhse a tha ag èisdeachd, Gràdhaichibh ur naimhdean, dèanaibh math dhaibhsan lem fuathach sibh; Beannaichibh iadsan a tha gur mallachadh, agus dèanaibh ùrnaigh airson na muinntir a tha a’ buntainn gu naimhdeil ribh.
Explore Lùcas 6:27-28
7
Lùcas 6:31
Agus mar a b’àill leibh daoine a dhèanamh dhuibh, dèanaibh‐se mar an ceudna dhaibhsan.
Explore Lùcas 6:31
8
Lùcas 6:29-30
Ris an tì a bhuaileas thu air aon ghiall, cùm an giall eile; agus don tì a bheir d’fhallaing dhìot, na bac do chòta mar an ceudna. Thoir do gach neach a dh’iarras ort; agus on neach a bheir uat do mhaoin, na iarr air ais i.
Explore Lùcas 6:29-30
9
Lùcas 6:43
Oir cha deagh chraobh a bheir a‑mach droch thoradh: agus cha droch chraobh a bheir a‑mach deagh thoradh.
Explore Lùcas 6:43
10
Lùcas 6:44
Oir aithnichear gach craobh air a toradh: oir cha tionail daoine fìgean de dhroighinn, no caoran fìona den fhearr‐dhris.
Explore Lùcas 6:44
Home
Bible
Plans
Videos