YouVersion Logo
Search Icon

II. Esdras 10

10
CAIB. X.
1Agus thàinig e gu crìch, an uair a chaidh mo mhac a steach dʼ a sheòmair‑bainnse, thuit e sìos, agus fhuair e bàs.
2An sin thilg sinn bun os ceann na soluis, agus dhʼ éirich mo choimhearsnaich uile suas a thoirt comhfhurtachd dhomh: mar so ghabh mi foise gu ruig oidhche an dara là.
3Agus thàinig e gu crìch, an uair a sguir iad uile a thoirt comhfhurtachd dhomh, chum gu ʼm bithinn foisneach: an sin dhʼ éirich mi suas air an oidhche, agus theich mi, agus thàinig mi chum an achaidh so, mar a ta thu ʼfaicinn.
4Agus tha mi a nis aʼ cur romham nach pill mi chum aʼ bhaile, ach fuireach an so, agus nach ith mi agus nach òl mi, ach caoidh agus trasgadh a dheanamh an còmhnuidh gus am faigh mi bàs.
5An sin leig mi dhìom na smuaintean a bhʼ agam, agus labhair mi rithe a ʼm feirg, ag ràdh,
6O a bhean amaidich os ceann nan uile, nach ʼeil thu ʼfaicinn ar caoidh‑ne, agus ciod a dhʼ éirich dhuinn?
7Mar a ta Sion ar màthair làn do ʼn uile thruime, agus gu mòr air a h‑irioslachadh, aʼ deanamh caoidh ro ghoirt?
8Agus a nis, aʼ faicinn gu ʼm bheil sinn uile ri caoidh agus brònach, oir tha sinn uile ann an truime, am bheil thusa dòlasach air son aoin ghin mhic?
9Oir cuir aʼ cheist air an talamh, agus innsidh e dhuit, gur esan bu chòir caoidh a dheanamh air son tuiteim a mhòir shluaigh a ta fàs air.
10Oir thàinig na h‑uile as an toiseach, agus thig na h‑uile as fathast, agus, feuch, tha iad ach beag uile aʼ gluasad chum sgrios, agus tha cuideachd mhòr diubh air an spìonadh a mach gu buileach.
11Cò uime sin a nì barrachd caoidh na esan, a chaill cuideachd co mòr, agus cha tusa, a ta brònach air son aoin a mhàin?
12Ach ma their thu rium, Cha ʼn ʼeil mo bhròn‑sa cosmhuil ri bròn na talmhainn, aʼ chionn gu ʼn do chaill mi toradh mo bhronn, a thug mi mach le piantaibh, agus a dhʼ fhuiling mi le h‑àmhghairibh;
13Ach cha ʼn ann mar so tha ʼchùis thaobh na talmhainn: oir a réir cleachdaidh na talmhainn, teichidh aʼ mhòr‑chuideachd a ta làthair ann, mar a thàinig iad;
14An sin, a deiream riutsa, Ceart mar a thug thusa mach le saothair; eadhon mar sin thug an talamh mar an ceudna a thoradh, ʼse sin, an duine, eadhon o ʼn toiseach, dhàsan a dhealbh e.
15A nis uime sin cùm do bhròn agad fein, agus giùlan le deagh mhisnich an nì sin a dhʼ éirich dhuit.
16Oir ma dhʼ aidicheas tu gu ʼm bheil sònrachadh Dhé ceart, gheibh thu do mhac fein ri ùine, agus molar thu am measg bhan.
17Uime sin thoir am baile ort chum tʼ fhear‑pòsda.
18Agus thubhairt i rium, Cha dean mi sin: cha téid mi do ʼn bhaile, ach an so gheibh mi bàs.
19Uime sin thòisich mi air labhairt ni ʼs faide rithe, agus thubhairt mi,
20Na dean sin, ach bi air do chomhairleachadh leam‑sa: oir cia lìon nàmhaid thʼ aig Sion? gabh comhfhurtachd a thaobh àmhghair Ierusaleim.
21Oir tha thu ʼfaicinn gu ʼm bheil ar n‑ionad‑naomh‑ne air fhàsachadh;
22Tha ar saltair air a thilgeadh air an làr, tha ar n‑òran air a chuir ʼna thosd, tha ar n‑aoibhneas aig crìch, solus ar coinnleir air ʼsmàladh as, àirc ar coimhcheangail air a milleadh, ar nithe naomha air an truailleadh, agus tha ʼn t‑ainm a thugadh oirnn ach beag air a mhì‑naomhachadh: tha ar clann air an cur gu nàire, ar sagartan air an losgadh, ar Lebhithich air dol gu bràighdeanas, ar n‑òighean air an truailleadh, agus ar mnai air an èigneachadh: tha ar daoine ionraic air an giùlan air falbh, ar leanabain air am milleadh, ar n‑òganaich air an toirt do dhaorsa, agus ar daoine làidir air an deanamh dìblidh;
23Agus, ciod a ʼs mò na na h‑uile, chaill seul Shioin a nis urram fein, oir thugadh suas e do làmhaibh na muinntir sin aig am bheil fuath dhuinn.
24Agus uime sin crath dhìot do mhòr‑thruime, agus cuir an lìonmhorachd àmhghair air falbh, chum gu ʼm bi an Uile‑chumhachdach tròcaireach dhuit a rìs, agus gu ʼn tabhair an Tì a ʼs Airde dhuit fois agus tàmh o dʼ shaothair.
25Agus thàinig e gu crìch, an uair a bha mi ag imeachd maille rithe, feuch, dhealraich a gnùis gu grad, gu ro shoilleir, agus bha a gnùis loinnearach, air chor is gu ʼn robh mi fo eagal roipe, agus smuainich mi ciod a dhʼ fheudadh a bhi ann.
26Agus, feuch, gu h‑obann rinn i glaodh mòr, ro eagallach; air achd#10.26 achd dhòigh ‑ manner, way is gu ʼn do chriothnaich an talamh le fuaim na mnà.
27Agus sheall mi, agus feuch, cha do nochd aʼ bhean i fein domh tuilleadh; ach bha baile air a thogail, agus nochd àite mòr e fein o na bunaitibh: an sin bha eagal orm, agus ghlaodh mi le guth àrd, agus thubhairt mi,
28Cʼ àit am bheil an t‑aingeal Uriel, a thàinig amʼ ionnsuidh air tùs, oir thug e orm tuiteam gu tric ann an neulaibh, agus tha mo chrìoch air a tionndadh gu truaillidheachd, agus mʼ ùrnuigh gu h‑achmhasain.
29Agus an uair a bha mi ʼlabhairt nam briathar so, feuch, thàinig e dʼ am ionnsuidh, agus sheall e orm.
30Agus, feuch, luidh mi mar aon a thug suas an deò, agus thugadh uam mo thuigse: agus ghlac e mi air an làimh dheis, agus thug e comhfhurtachd dhomh, agus chuir e air bonn#10.30 bonn mo chasan ‑ shorthand for feet (on my feet) mi, agus thubhairt e rium,
31Ciod a ta cur ort? agus cʼ arson a ta thu co mì‑fhoisneach? agus cʼ arson tha trioblaid air do thuigse, agus smuainte do chridhe?
32Agus thubhairt mise, A chionn gun do thréig thu mi, agus gidheadh rinn mi a réir do bhriathar, agus chaidh mi do ʼn achadh, agus, feuch, chunnaic mi, agus tha mi fathast aʼ faicinn, an nì nach urrainn mi a chur an céill.
33Agus thubhairt e rium, Seas suas gu fearail, agus bheir mi comhairle ort.
34An sin thubhairt mise, Labhair air adhairt, a thighearn, amʼ thimchioll; gidheadh na tréig mi, air eagal gu ʼm bàsaich mi as eugais dòchais.
35Oir chunnaic mi an nì sin nach bʼ aithne dhomh, agus tha mi aʼ cluinntinn an nì air nach ʼeil fios agam.
36An e gu ʼm bheil mo thuigse air a mealladh, no mʼ anam ann am bruadair?
37A nis uime sin, guidheam ort, gu ʼm foillsich thu an sealladh so dodʼ sheirbhiseach.
38Fhreagair e mi an sin, agus thubhairt e, Eisd rium, agus innsidh mi dhuit, agus cuiridh mi an céill duit cʼ arson a ta thu fo eagal: oir foillsichidh an Tì a ʼs Airde dhuit iomadh nì uaigneach.
39Chunnaic e gu ʼm bheil do shlighe ceart; oir tha thu fo bhròin an còmhnuidh air son do shluaigh, agus aʼ deanamh mòr‑chaoidh air son Shioin.
40ʼSe so uime sin a ʼs ciall do ʼn t‑sealladh a chunnaic thu o cheann ghoirid:
41Chunnaic thu boirionnach aʼ caoidh, agus thòisich thu air comhfhurtachd a thoirt dhi:
42Ach a nis cha ʼn fhaic thu aogas na mnà sin tuilleadh, ach nochdadh dhuit baile air a thogail.
43Agus do bhrìgh gu ʼn dʼ innis i dhuit mu bhàs a mic; ʼse so am mìneachadh:
44ʼSi a bhean so a chunnaic thu, Sion; agus do bhrìgh gu ʼn dubhairt i riut, eadhon ise a chunnaic thu mar bhaile air a thogail,
45Do bhrìgh, a deiream, gu ʼn dubhairt i riut, gun robh i neo‑thorrach rè dheich bliadhna fichead: ʼsiad sin na deich bliadhna fichead anns nach tugadh suas ìobairt sam bith ann.
46Ach an déigh dheich bliadhna fichead thog Solamh am baile, agus thairg e ìobairtean: agus an sin rug an neo‑thorrach mac.
47Agus do bhrìgh gu ʼn dubhairt i riut, gu ʼn dʼ àraich i e le saothair: bʼ e sin an tuineachas#10.47 tuineachas ionad‑còmhnaidh ‑ abode, dwelling ann an Ierusalem.
48Ach do bhrìgh gu ʼn dubhairt i riut, Gu ʼn dʼ éirich do mo mhac tuiteam fhaotuinn, agus bàsachadh, ʼn àm da teachd dʼ a sheòmar‑bainnse: bʼ e so an sgrios a thàinig air Ierusalem.
49Agus, feuch, chunnaic thu a coslas: agus do bhrìgh gu ʼn dʼ rinn i caoidh air son a mic, thòisich thu air comhfhurtachd a thoirt di: agus a thaobh nan nithe sin a thachair, tha iad gu bhi air am fosgladh suas duit.
50Oir a nis tha ʼn Tì a ʼs Airde aʼ faicinn gu ʼm bheil thu do rìreadh ri bròn, agus o tʼ uile chridhe aʼ fulang air a son, mar sin dhʼ fhoillsich e dhuit soilleireachd a glòir‑san, agus caomhalachd a maise:
51Agus uime sin dhʼ iarr mi ort fantuinn anns an achadh, far nach do thogadh tigh idir.
52Oir bha fios agam gun nochdadh an Tì a ʼs Airde so dhuit:
53Uime sin dhʼ àithn mi dhuit a dhol do ʼn achadh, far nach robh bunait togalach sam bith.
54Oir anns an àite ʼsam bheil an Tì a ʼs Airde aʼ tòiseachadh air a bhaile fein a nochdadh, cha ʼn ʼeil e comusach do dhʼ aitreamh duine sam bith seasamh.
55Agus uime sin na biodh eagal ort, na biodh do chridhe fo gheilt, ach rach a stigh, agus faic maise agus mòrachd na togalach, a mheud ʼs as urrainn do shùilean fhaicinn:
56Agus an sin cluinnidh tu a mheud ʼs as urrainn do chluasaibh a thoirt fanear.
57Oir tha thu beannaichte os ceann mhòrain, agus tha thu air do ghairm maille ris an Tì a ʼs Airde; mar nach ʼeil mòran.
58Ach màireach air an oidhche fanaidh tu an so;
59Agus mar so nochdaidh an Tì a ʼs Airde dhuit seallanna air na nithibh àrda a nì an Tì a ʼs Airde orrasan a ta chòmhnuidh air an talamh anns na làithibh deireannach. Mar so chodail mi an oidhche sin agus oidhche eile, mar a dhʼ àithn e dhomh.

Currently Selected:

II. Esdras 10: MacGAP

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in