YouVersion Logo
Search Icon

II. Esdras 9

9
CAIB. IX.
1Fhreagair e mi an sin, agus thubhairt e, Tomhais thusa an ùine gu cùramach innte fein: agus an uair a chìth thu earrann do na comharaibh seachad, mu ʼn dʼ innis mi dhuit roimhe,
2An sin tuigidh tu, gur e sin aʼ cheart àm anns an tòisich an Tì a ʼs Airde air an t‑saoghal a rinn e fhiosrachadh.
3Air an aobhar sin an uair a chithear critheanna‑talmhainn agus buaireanna an t‑sluaigh anns an t‑saoghal:
4An sin tuigidh tu gu maith, gu ʼn do labhair an Tì a ʼs Airde mu na nithibh sin, o na làithibh a bha romhad, eadhon o ʼn toiseach.
5Oir ceart mar a ta toiseach agus deireadh aig na h‑uile a rinneadh anns an t‑saoghal, agus mar a ta an deireadh follaiseach;
6Ceart mar so tha aig na h‑amannaibh mar an ceudna aig an Tì a ʼs Airde ceud‑thoiseacha so‑thuigsinn, ann am mìorbhuilibh agus ann an oibribh cumhachdach, agus na deireanna ann an crìochaibh agus ann an comharaibh.
7Agus gach neach a theàrnar, agus aig am bi comas gu dol as le oibribh fein, agus le creidimh, trìd an do chreid sibh,
8Gléidhear esan o na cunnartaibh sin, agus chìth e mo shlàinte ʼnam thìr fein, agus an taobh a stigh do ʼm chrìochaibh fein: oir naomhaich mi iad dhomh fein o ʼn toiseach.
9An sin bithidh iadsan ann an staid mhuladaich a mhì‑bhuilich a nis mo shligheanna: agus gabhaidh iadsan còmhnuidh ann an àmhghairibh a thilg gu tàireil air falbh iad.
10Oir iadsan a shealbhaich nithe maithe ʼnam beatha fein, agus nach dʼ fhuair eòlas orm‑sa;
11Agus iadsan aig an robh fuath domʼ lagh, an uair a bha fathast saorsa aca, agus an uair a bha fathast àite aithreachais fosgailte dhoibh, nach do thuig e, ach a rinn tàir air;
12Is éigin dhoibh sin fios fhaotuinn air an déigh aʼ bhàis le dòruinn.
13Agus uime sin na biodh neònachas ort ciamar, no cʼ uin a pheanasaichear an t‑an‑diadhaidh: ach faigh a mach ciamar a theàrnar am fìrean, leis am bheil an saoghal, agus air son an do dhealbhadh an saoghal.
14An sin fhreagair mi, agus thubhairt mi,
15Thubhairt mi a cheana, agus a nis tha mi aʼ labhairt, agus labhraidh mi e mar an ceudna an déigh so, gu ʼm bheil mòran tuilleadh ann diubhsan a théid a dhìth, na diubhsan a bhios air an teàrnadh;
16Amhuil mar a tha tonn ni ʼs mò na sileag.
17Agus fhreagair e mi, ag ràdh, Amhuil mar a ta an t‑achadh, mar sin mar an ceudna tha ʼn sìol; mar a ta na blàthan, mar sin tha mar an ceudna na dathanna; mar a ta am fear‑oibre, mar sin mar an ceudna tha ʼn obair; agus mar a ta an tuathanach e fein, mar sin mar an ceudna tha ʼn treabhachas: oir bʼ e àm an t‑saoghail a bhʼ ann.
18Agus a nis, an uair a dhʼ ullaich mi an saoghal, nach robh fathast air a dheanamh, eadhon air an sonsan gu còmhnuidh a ghabhail ann a ta fathast beò, cha do labhair duine sam bith ʼnam aghaidh.
19Oir an sin bha gach aon ùmhal: ach a nis, tha na cleachdannan aca‑san a dhealbhadh anns an t‑saoghal so a rinneadh, air an truailleadh le sìol maireannach, agus tha iad ʼgan teasairginn fein le lagh nach gabh a rannsachadh a mach.
20Mar so ghabh mi beachd air an t‑saoghal, agus, feuch, bha cunnart ann, a thaobh nan innleachd a thàinig a stigh ann.
21Agus chunnaic mi, agus chaomhain mi e gu mòr, agus ghléidh mi fìon‑dhearc do ʼn bhagaid, agus meacan#9.21 meacan bun‑fhreumh ‑ plant, root or bulb of plant do shluagh mòr.
22Uime sin rachadh am mòr‑shluagh a dhìth a rugadh gu dìomhain; agus rachadh mʼ fhìon‑dhearc a ghléidheadh, agus mo mheacan; oir le saothair mhòir rinn mi iomlan e.
23Gidheadh, ma sguireas tu fathast seachd làithean ni ʼs faide, (ach cha dean thu trasgadh annta,
24Ach théid thu dhʼ ionnsuidh achaidh do bhlàthaibh, far nach ʼeil tigh sam bith air a thogail, agus ithidh tu a mhàin do bhlàthaibh an achaidh; na blais air feòil, na òl fìon, ach ith na blàthan ʼnan aonar,)
25Agus dean ùrnuigh ris an Tì a ʼs Airde an còmhnuidh, an sin thig mi, agus labhraidh mi riut.
26Uime sin chaidh mi air mo shlighe do ʼn achadh ris an goirear Ardat, ceart mar a dhʼ àithn e dhomh; agus an sin shuidh mi a ʼm measg nam blàth, agus dhʼ ith mi do luibhibh an achaidh, agus leis an lòn aca so shàsuicheadh mi.
27An déigh sheachd làithean shuidh mi air an fheur, agus bha mo chridhe, mar a bha e roimh sin, fo bhròn ʼsan taobh a stigh dhìom.
28Agus dhʼ fhosgail mi mo bheul, agus thòisich mi air labhairt an làthair an Tì a ʼs Airde, agus thubhairt mi,
29O Thighearna, thusa a ta ʼgadʼ fhoillseachadh fein dhuinne dhʼ fhoillsicheadh thu dʼ ar n‑aithrichibh ʼsan fhàsach, ann an àite far nach ʼeil neach idir ag imeachd, ann an ionad fàsail, an uair a thàinig iad a mach as an Eiphit.
30Agus labhair thu, ag ràdh, Eisd rium, O Israeil; agus comharraich mo bhriathra, a shìl Iacoib:
31Oir, feuch, tha mi aʼ cur mo lagh annaibh, agus bheir e toradh a mach annaibh, agus cuirear urram oirbh leis, a chaoidh.
32Ach ar n‑aithriche a fhuair an lagh, cha do ghléidh iad e, agus cha do choimhead iad mʼ òrduighean: agus ged nach deachaidh toradh do lagha‑sa a dhìth, ni mò a bʼ urrainn da, oir bu leat fein e;
33Gidheadh chaidh iadsan a fhuair e a dhìth, a chionn nach do ghléidh iad an nì a chuireadh annta.
34Agus, feuch, tha e ʼna chleachd, an uair a gheibh am fonn an sìol, no an cuan an long, no soitheach idir biadh na deoch, air do ʼn nì sin a bhi air dol a dhìth anns an deachaidh a chuir, no thilgeadh,
35Théid mar an ceudna an nì sin a dhìth, a chuireadh, no thilgeadh, no ghabhadh a steach ann, agus cha ʼn fhan e maille ruinn; ach dʼ ar taobh‑ne cha do thachair so.
36Oir sinne a fhuair an lagh théid sinn a dhìth leis aʼ pheacadh, agus ar cridhe mar an ceudna a fhuair e.
37Gidheadh cha téid an lagh a dhìth, ach mairidh e ʼna neart.
38Agus an uair a labhair mi na nithe sin ʼnam chridhe, sheall mi air ais lemʼ shùilibh, agus air an taobh cheart chunnaic mi boirionnach, agus, feuch, rinn i caoidh agus gul, le guth àrd, agus bha i ro bhrònach ʼna cridhe, agus bha ʼn t‑eudach aice air a reubadh, agus bha luaithre aice air a ceann.
39An sin leig mi dhìom na smuainte a bha annam, agus thionndaidh mi rithe,
40Agus thubhairt mi rithe, Cʼ arson a ta thu aʼ gul? cʼ arson a ta thu co brònach ʼnadʼ inntinn?
41Agus thubhairt i rium, A Mhaighstir, leig cead dhomh, chum gun dean mi tuireadh, agus gu ʼn co‑chuir mi ri mʼ àmhghar fein, oir tha mi ro mhuladach amʼ inntinn, agus air mo thoirt ro ìosal.
42Agus thubhairt mi rithe, Ciod a ta ʼcur ort? innis domh.
43Thubhairt i rium, Bha mise do sheirbhiseach neo‑thorrach, agus cha robh duine cloinne agam, ged bha fear‑pòsda agam deich bliadhna thar fhichead.
44Agus rè nan deich bliadhna fichead sin, cha dʼ rinn mi a bheag a là agus a dhʼ oidhche, agus gach uile uair, ach mʼ ùrnuigh ris an Tì a ʼs Airde.
45An déigh dheich bliadhna fichead dhʼ éisd Dia riumsa do bhanoglach, sheall e air mo thruaigh, smuainich e air mo thrioblaid, agus thug e dhomh mac; bha mi ro aoibhneach air a shon, mar a bha mʼ fhear‑pòsda mar an ceudna, agus mo choimhearsnaich uile; agus thug sinn mòr urram do ʼn Uile‑chumhachdach.
46Agus dhʼ àraich mi e le saothair mhòir.
47Uime sin an uair a dhʼ fhàs e suas, agus a ràinig e gu inbhe pòsaidh, rinn mi cuirm.

Currently Selected:

II. Esdras 9: MacGAP

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in