YouVersion Logo
Search Icon

N. Eoin 14

14
XIV. CAIB.
Comhradh Chriosta an deigh a shuipreach deirionnaich.
1Na biodh ur cridhe fo iomaguin. Tha sibh a creidsinn ann an Dia, creidibh mar an ciadna unnamsa.
2Ann an tigh mʼAthar tha iomadh aros: mur biodh, bhithinn air innse dhuibh: a chionn tha mi dol a dhianamh deas aite dhuibh.
3Agus ma dhʼfhalbhas mi, ʼs ma dheasaicheas mi aite dhuibh, thig mi rithist, agus gabhaidh mi gam ionnsuidh fhein sibh, air chor ʼs, far am beil mise, gum bi sibhse mar an ciadna.
4Agus is aithne dhuibh cean tha mi dol, agus is aithne dhuibh an rathad.
5Thuirt Tomas ris: A Thighearna, cha n-aithne dhuinn cean a tha thu dol; agus ciamar is urrainn eolas a bhith againn air an rathad?
6Thuirt Iosa ris: Is mise an rathad, agus an fhirinn, agus a bheatha: cha tig neach air bith thun an Athar, ach tromhamsa.
7Nam bʼaithne dhuibh mise, gu cinnteach dhʼaithneadh sibh mʼAthair mar an ciadna; agus á so suas aithnidh sibh e, agus chunnaic sibh e.
8Thuirt Philip ris: A Thighearna, fiach dhuinn an t-Athair, agus foghnaidh sin duinn.
9Thuirt Iosa ris: An fhad so dhʼ uine tha mise cuide ribh, ʼs nach aithne dhuibh mi? Philip, esan a tha gam fhaicinn-sa, tha e faicinn an Athar cuideachd. Ciod h-uige a tha thusa, g-radh: Fiach dhuinn an t-Athair?
10Nach eil sibh a creidsinn gum beil mise anns an Athair, ʼs an t-Athair unnamsa? Na briathran a tha mi labhairt ribh, cha n-ann bhuam fhein a tha mi gan labhairt. Ach an t-Athair, a tha tamh unnam, se tha dianamh nan oibrichean.
11Nach eil sibh a creidsinn gum beil mise anns an Athair, ʼs an t-Athair unnamsa?
12Mur eil, creidibh as leth nan oibrichean fhein. Gu firinneach firinneach tha mi g-radh ribh: esan a chreideas unnamsa, na h-oibrichean a tha mise dianamh, ni esan iad mar an ciadna, agus nas mua na iad sin ni e: a chionn gum beil mi dol gu mʼ Athair.
13Agus ciod sam bith a dhʼ iarras sibh air an Athair na mʼainmse, ni mi e; los gum bi an t-Athair air a ghlorachadh anns a Mhac.
14Ma dhʼ iarras sibh orm ni air bith na mʼ ainmse, sin ni mise.
15Ma tha gaol agaibh ormsa, cumaibh mʼ fhaintean.
16Us iarraidh mi air an Athair, agus bheir e Cofhurtair eile dhuibh, gus e dhʼ fhantuinn maille ribh a chaoidh,#14.16 XIV., 16. Paracletus. Se sin Cofhurtair, agus cuideachd fear-tagraidh; air chor ʼs le ʼr brosnachadh gu urnaigh, tha e mar gum b ʼeadh a g-urnaigh unnainn, ʼsa dianamh tagraidh as ar leth. A chaoidh. Bho so tha e soilleir nach ann a mhain do na h-ostail fhad ʼs bu bheo iad, a bha Spiorad na firinn air a ghealltuinn, ach cuideachd dha ʼn luchd-ionaid air feadh a h-uile linn.
17Spiorad na firinne, nach urrainn do ʼn t-saoghal a ghabhail: a chionn ʼs nach eil e ga fhaicinn, no eolach air: ach bithidh eolas agaibhse air: a chionn gum fan e maille ribh, agus gum bi e unnaibh.
18Cha n-fhag mi sibh ʼnur dilleachdain; thig mi gu ʼr n-ionnsuidh.
19Sealan fhathast ʼs cha n-fhaic an saoghal mi tuilleadh. Ach chi sibhse mi: a chionn gum beil mise beo, ʼs gum bi sibhse beo.
20ʼS an latha sin tuigidh sibh gum beil mise ann am Athair, us sibhse unnamsa, agus mise unnaibhse.
21Am fear aig a bheil mʼ fhaintean, ʼsa tha gan cumail, se a tha toirt gaoil dhomhsa. ʼS am fear a tha toirt gaoil dhomhsa, bithidh gaol aig mʼAthair air: agus bithidh gaol agamsa air, agus foillsichidh mi mi fhein dha.
22Thuirt Iudas (cha n-e Iscariot) ris: A Thighearna, ciamar a tha e gum foillsich thu thu fhein dhuinne, ʼs nach ann do ʼn t-saoghal?
23Fhreagair Iosa, us thuirt e ris: Ma ghradhaicheas duine air bith mise, cumaidh e mʼ fhacal, us bheir mʼ Athair gaol da, agus thig sinn ga ionnsuidh, agus gabhaidh sinn comhnuidh maille ris:
24Am fear nach toir gradh dhomh, cha chum e mʼfhacal. ʼS am facal a chuala sibhse, cha leamsa e, ach leis an Athair a chuir mi.
25Na nichean so labhair mi ribh, ʼs mi gabhail comhnuidh mar-ribh.
26Ach an Cofhurtair, an Spiorad Naomh, a chuireas an t-Athair na mʼ ainmse, teagaisgidh e h-uile ni dhuibh, agus bheir e gach ni gu ʼr cuimhne, ge bʼ e air bith iad, a their mi ribh.#14.26 26. teagaisgidh e h-uile ni dhuibh, Tha an Spiorad Naomh san aite so air a ghealltuinn do na h-ostail, agus dha ʼn luchd-ionaid, a dhʼ aon mhathas gus a h-uile firinn a theagasg dhaibh, ʼs an gleidheadh bho h-uile mearachd.
27Sith tha mi fagail agaibh, mo shith tha mi toirt dhuibh; cha n-ann mar a tha ʼn saoghal ga toirt, tha mise ga toirt dhuibh. Na biodh ur cridhe fo iomaguin no fo fhiamh.
28Chuala sibh gun tuirt mi: Tha mi falbh, agus thig mi gu ʼr n-ionnsuidh. Ma thug sibh gaol domh, bhiodh aighear gu dearbh oirbh, gum beil mi dol dhʼionnsuidh an Athar: oir is mua an t-Athair na mise.
29Agus a nis dhʼinnis mi dhuibh mun tachair e; los, nuair a thachras e, gun creid sibh.
30Cha n-abair mi moran nichean ribh an drasda: oir tha prionns an t-saoghail so a tighinn, agus unnamsa cha n-eil ni aige.
31Ach gu fios a bhith aig an t-saoghal gur toigh leam an t-Athair, ʼs mar a thug an t-Athair fainte dhomh, mar sin tha mi dianamh. Eiribh, rachamaid as a so.

Currently Selected:

N. Eoin 14: MacETN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in