N. Luc 14
14
XIY. CAIB.
Criosta leigheas fear na meud-bhronn: dubhfhacal na suipreach: gum feumar gach ni fhagail gu Criosta leanail.
1Agus thachair, nuair a chaidh Iosa stigh do thigh h-aon de na priomh-Phairisich a dhʼiche arain air latha na sàbaid, gun robh geur fhaire aca air.
2Agus, seall, bha fear araid air a bhialaobh air an robh a mheud-bhronn;
3Agus fhreagair Iosa, us labhair e ris an luchd-lagha agus ris na Phairisich, a g-radh: Am beil e ceadaichte leigheas air latha na sàbaid?
4Ach dhʼfhan iadsa ʼnan tosd. Ach esan a breith air, leighis e e, agus leig e air falbh e.
5Agus gam freagairt, thuirt e: Co agaibhse, aig a bheil asal no damh a thuiteas ann an slochd, nach tarruinn gu grad as e air latha na sàbaid?
6ʼS cha bʼurrainn daibh freagairt a thoirt da anns na nichean so.
7Agus labhair e dubh-fhacal riusan cuideachd a fhuair cuireadh, ʼs e gabhail beachd mar thagh iad na ciad aiteachan-suidhe, a g-radh riu:
8Nuair a gheobh thu cuireadh gu bainis, na suidh sa chiad àite, eagal ma dhʼ fhaoidte gun dʼfhuair fear nas urramaiche na thusa cuireadh bhuaithe;
9ʼS gun tig esan, a thug cuireadh dhutsʼ agus dhasan, ʼs gun abair e riut: Thoir aite do ʼn duine so: ʼs gun tòisich thu an sin le naire air an aite is isle a ghabhail.
10Ach nuair a gheobh thu cuireadh, falbh, suidh sios anns an aite is isle; los, air dhasan a thug cuireadh dhut tighinn, gun abair e riut: A charaide, theirig suas nas airde. An sin gheobh thu urram an lathair nan daoine, a tha aig bord maille riut.
11Oir a h-uile h-aon a dhʼ ardaicheas e fhein, theid isleachadh; agus esan a dhʼ islicheas e fhein, theid ardachadh.
12Us thuirt e ris-san cuideachd, a thug cuireadh dha: Nuair a ni thu dinneir no suipeir, na gairm do chairdean, no do bhraithrean, no do luchd-eolais, no do choimhearsnaich a tha beartach: eagal ma dhʼ fhaoidte gun gairm iadsan thu fhein rithist, ʼs gum faigh thu dioladh.
13Ach nuair a ni thu cuilm, gairm na bochdan, na ciorramaich, na bacaich, na doill:
14Agus bithidh tu beannaichte, a chionn ʼs nach eil dad aca leis am paidh iad thu: oir ath-dhiolar dhut aig aiseirigh nan ionraic.
15Nuair a chuala fear de ʼn fheadhainn, a bha aig bord maille ris, na nichean so, thuirt e ris: Is sona esan a dhʼicheas aran ann an rioghachd Dhe.
16Us thuirt e ris: Rinn duine àraidh suipeir mhor, agus thug e cuireadh do mhoran.
17Agus chuir e a sheirbhiseach aig uair na suipreach a gh-radh riusan a fhuair cuireadh, iad a thighinn: a chionn gu bheil a h-uile ni nis deas.
18Agus leig iad uile mar-aon air an leisgeul a ghabhail. Thuirt a chiad fhear ris: Cheannaich mi baile fearainn, agus feumaidh mi dol ga fhaicinn: guidheam ort, gabh mo leisgeul.
19Us thuirt fear eile: Cheannaich mi coig cuing dhamh, agus tha mi dol gam fiachuinn: guidheam ort, gabh mo leisgeul.
20Us thuirt fear eile: Phos mi bean, le sin cha n-urrainn domh tighinn.
21ʼS an seirbhiseach a tilleadh, dhʼinnis e na nichean so dha mhaighistir. An sin ghabh fear-an-tighe fearg, us thuirt e ri sheirbhiseach: Falbh a mach gu luath gu straidean mora agus caol-sthraidean a bhaile; agus thoir a stigh an so na bochdan, agus na daoine ciorramach, agus na doill, agus na criplich.
22Us thuirt an seirbhiseach: A mhaighistir, rinneadh mar a dhʼorduich thu, agus tha aite ann fhathast.
23Us thuirt am maighistir ri sheirbhiseach: Falbh thun nan rathaidean mora, ʼs nan callaidean, agus thoir orra tighinn a stigh, gus gun lionar mo thigh.
24Ach tha mi g-radh ribh nach blais a h-aon de na daoine sin, a fhuair cuireadh, mo shuipeir.
25Agus bha anabarr sluaigh ga leantuinn; ʼsa tionndadh, thuirt e riu:
26Ma thig duine air bith gam ionnsuidhse, ʼs nach toir e fuath dha athair, ʼs dha mhathair, ʼs dha mhnaoi, ʼs dha chloinn, ʼs dha bhraithrean, ʼs dha pheathraichean, agus dha bheatha fhein cuideachd, cha n-urrainn dha bhith ʼna dheisciopul agamsa.
27Agus fear air bith nach giulain a chrois, ʼs nach lean mise, cha n-urrainn dha bhith ʼna dheisciopul agamsa.
28Oir co agaibhse, aig a bheil toil tùr a thogail, nach suidh sios an toiseach a mheas a chostuis a tha riatanach, fiach a bheil aige na chuireas crioch air,
29Eagal, an deigh dha an steidh a leagail, ʼs gun chomas aige air a chriochnachadh, gun teann iad uile, a chi e, ri magadh air,
30A g-radh: Thòisich an duine so air togail, agus cha bʼurrainn da criochnachadh?
31No co an righ, a tha dol a chogadh an aghaidh righ eile, nach suidh sios an toiseach, ʼs nach smaoinich an urrainn da le deich mile coinneamh a thoirt dhasan, a tha tighinn ʼna aghaidh le fichead mile?
32Mur urrainn, nuair a bhios am fear eile fhathast fad as, cuiridh e teachdaireachd ga ionnsuidh a dhʼiarraidh cumhnantan sithe.
33Mar an ciadna gach aon agaibhse, nach treig gach ni thʼaige, cha n-urrainn dha bhith ʼna dheisciopul agamsa.
34Tha salann math. Ach ma chailleas an salann a bhlas, co leis a nithear blasda e?
35Cha n-eil e gu feum do ʼn talamh, no do ʼn otrach, ach tilgear a mach e. Esan aig a bheil cluasan gu cluinntinn, cluinneadh e.
Currently Selected:
N. Luc 14: MacETN
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017