N. Luc 15
15
XY. CAIB.
Dubhfhacal na caorach seachranaich, ʼsa mhic sthraoidheil.
1A nis bha na cismhaoir ʼs na peacaich a tarruinn dluth air gus a chluinntinn.
2Agus bha na Phairisich ʼs na Sgriobhaich ri monmhur, a g-radh: Tha an duine so a gabhail ri peacaich, agus a g-iche comhla riu.
3Agus labhair e an dubhfhacal so riu, a g-radh:
4Co an duine agaibhse aig a bheil ciad caora, ʼs ma chailleas e h-aon diu, nach fag an ceithir fichead us naoi-diag san fhasach, ʼs nach teid air tòir na té a chailleadh, gus am faigh e i?
5ʼS nuair a gheobh e i, cuiridh e le aoibhneas air a ghuaillean i:
6ʼSa tighinn dachaidh, gairmidh e a chairdean ʼsa choimhearsnaich, a cantuinn riu: Dianaibh aoibhneas maille rium, a chionn gun dʼ fhuair mi a chaora a chailleadh.
7Tha mi g-radh ribh gum bi aoibhneas mar sin ann am flathanas air son aon pheacaich a ni peanas, nas mua na air son ceithir fichead us naoi-diag de dhaoine ionraic, aig nach eil feum air peanas.
8No co am boirionnach aig a bheil deich buinn airgid, ma chailleas i aon bhonn, nach las coinneal, ʼs nach sguab an tigh, ʼs nach sir gu dichiollach, gus am faigh i e?
9ʼS nuair a gheobh i e, gairmidh i a bana-chairdean, sa bana-choimhearsnaich, a g-radh: Dianaibh aoibhneas maille riumsa, a chionn gun dʼfhuair mi am bonn a chaill mi.
10Air an alt chiadna tha mise g-radh ribhse, gum bi aoibhneas an lathair ainglean De air son aon pheacaich a ni peanas.
11Us thuirt e: Aig duine araid bha dithis mhac;
12Agus thuirt am fear a bʼoige dhiu ri athair: Athair, thoir dhomh an roinn a thig orm dhe do chuid. Agus roinn e orra a chuid.
13Agus an ceann beagan laithean an deigh sin, thionail am mac a bʼoige a chuid uile, us shiubhail e do chein-thir, agus chaith e a mhaoin an sin le caithe-beatha straoidheil.
14ʼS an deigh dha a chuid uile a chosg, dhʼeirich gorta mhor san tir sin, agus thòisich e ri bhith ann an uireasuidh.
15Agus dhʼfhalbh e, agus rinn e fasdadh ri fear de mhuinntir na ducha sin. Agus chuir esan gu ghabhail e a bhiadhadh mhuc,
16Agus bha deidh aige air a bhroinn a lionadh leis na plaosgan, a bha na mucan a g-ithe; ʼs cha tug gin sin dha.
17ʼSa tilleadh h-uige fhein, thuirt e: Nach lionor an luchd-tuarasdail, a tha an tigh mʼ athar, aig a bheil pailteas arain, agus mise an so a basachadh leis an acras?
18Eiridh mi, agus theid mi gu mʼathair, us their mi ris: Athair, pheacaich mi an aghaidh fhlathanais agus ad lathair-sa:
19ʼS cha n-airidh mi tuilleadh gun cante do mhac-sa rium: dian mi mar aon dhe dʼ luchd-tuarasdail.
20ʼSa g-eirigh suas, thainig e gu ʼathair. ʼS nuair a bha e fhathast fad as, chunnaic athair e, ʼs ghabh e truas ris, ʼsa ruith ga ionnsuidh thuit e air a mhuineal, agus phog e e.
21Us thuirt am mac ris: Athair, pheacaich mi an aghaidh fhlathanais ʼs ad lathair-sa: cha n-airidh mi tuilleadh gun cante do mhac-sa rium.
22Us thuirt an t-athair ri sheirbhisich: Grad-thugaibh a mach a chiad dheise, us cuiribh air i, us cuiribh fainne air a laimh, us brogan air a chasan:
23Agus thugaibh an so an laogh biadhte, agus marbhaibh e, agus ichemid, agus biomaid cridheil:
24A chionn ʼs gun robh mo mhac so marbh, agus thainig e beo rithist; bha e air chall, agus fhuaireadh e. Us thòisich iad air a bhith cridheil.
25A nis bha mhac bu shine san achadh; ʼs nuair a thainig e, ʼsa tharruinn e teann air an tigh, chuala e an ceol ʼs an dannsadh:
26Agus ghairm e fear de na seirbhisich, agus dhʼfharraid e dheth ciod bu chiall do na nichean so.
27Us thuirt e ris: Thainig do bhrathair, agus mharbh tʼ athair an laogh biadhte, a chionn gun dʼfhuair e sabhailte e.
28Us ghabh e fearg, agus cha rachadh e stigh. Chaidh athair uime sin a mach, agus theann e ri aslachadh air.
29Agus esan a freagairt, thuirt e ri athair: Seall, tha mi air do riarachadh fhad so de bhliadhnaichean, ʼs cha do chuir mi riamh an aghaidh tʼ orduigh, ʼs cha tug thu riamh dhomh meann gu cridhealas a dhianamh maille ri mʼ chairdean:
30Ach cho luath ʼsa thainig do mhac so, a chaith a chuid maille ri striopaichean, mharbh thu air a shon an laogh biadhte.
31Ach thuirt e ris: A mhic, tha thusa daonnan maille rium, agus is leat gach ni thʼ agam.
32Ach bha e iomchuidh gun dianamaid cuilm agus cridhealas: a chionn bha do bhrathair so marbh, us thainig e beo; bha e air chall, agus fhuaireadh e.
Currently Selected:
N. Luc 15: MacETN
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017