YouVersion Logo
Search Icon

N. Luc 17

17
XVII. CAIB.
Air sgainneal a sheachnadh, eifeachd creidimh, &c: na deich lobhair; air ath-thighinn Chriosta.
1Agus thuirt e ri dheisciopuil: ʼS fheudar gun tig sgainnealan: ach se mo thruaighe an duine leis an tig iad.
2Bʼ fhearr dha clach-mhuilinn a bhith air a crochadh mu amhaich, agus e bhith air a thilgeadh sa mhuir, na e sgainneal a thoirt do h-aon dhe ʼn fheadhainn ʼbheaga so.
3Thugaibh an aire dhuibh fhein. Ma pheacaicheas do bhrathair ad aghaidh, cronaich e: ʼs ma ghabhas e aithreachas, thoir mathanas dha.
4Agus ma pheacaicheas e na tʼ aghaidh seachd uairean san latha, agus gun tionndaidh e riut seachd uairean san latha, a g-radh: Tha aithreachas orm: thoir mathanas dha.
5Us thuirt na h-ostail ris an Tighearna: Miadaich ar creideamh.
6Us thuirt an Tighearna: Nam biodh creideamh agaibh mar ghrainne de shiol mustaird, theireadh sibh ris a chraoibh mhaol-dhearc so: Bi air do spionadh, ʼs bi air do shuidheachadh sa mhuir; agus bhiodh i umhailt dhuibh.
7Ach co agaibhse aig a bheil seirbhiseach a treabhadh, no g-àrach feudalach, a their ris, nuair a thig e bho ʼn achadh: Falbh gu h-ealamh, suidh gu biadh:
8ʼS nach docha e radh ris: Dian deas mo shuipeir, agus crioslaich thu fhein, agus fritheil dhomhsa gus an ich ʼs an ol mi, ʼs an deigh sin ithidh agus olaidh thusa?
9An toir e taing do ʼn t-seirbhiseach sin, a chionn gun dʼ rinn e na bha e air orduchadh dha?
10Air leam nach toir. Mar an ciadna sibhse, nuair a ni sibh na nichean sin uile a chaidh orduchadh dhuibh, abraibh: Is seirbhisich neo-tharbhach sinn: rinn sinn an ni bu chòir dhuinn dhianamh.
11Agus thachair, nuair a bha e triall gu Ierusalem, gun do ghabh e tromh mhiadhon Shamaria agus Ghalile.
12Agus nuair a bha e dol a stigh do bhaile araid, choinnich deichnear dhaoine e, a bha ʼnan lobhair, a sheas fad as;
13Agus thog iad an guth, a g-radh: Iosa, a Mhaighistir, dian trocair oirnn.
14Nuair a chunnaic e iad, thuirt e: Siubhlaibh, fiachaibh sibh fhein do na sagairt. Us thachair, nuair a bha iad a dol, guna ghlanadh iad.
15Agus thill fear dhiubh, nuair a chunnaic e gun deach a ghlanadh, air ais a toirt gloire do Dhia le guth ard.
16Us thuit e air aghaidh aig a chasan, a toirt taing: agus bu Shamaritanach e.
17Agus thuirt Iosa, ʼs e freagairt: Nach deach deichnear a ghlanadh? ʼs càit a bheil an naoinear?
18Cha dʼ fhuaireadh a thilleadh ʼsa bheireadh gloir do Dhia ach an coigreach so.
19Us thuirt e ris: Eirich, falbh: oir rinn do chreideamh slan thu.
20Agus dhʼfharraid na Phairisich dheth: Cuin a thig rioghachd Dhe? gam freagairt thuirt e: Cha tig rioghachd Dhe an seol gum faicear i;
21Cha mhua their iad: Seall an so, no seall an sin. Oir, seall, tha rioghachd Dhe an taobh stigh dhibh.
22Agus thuirt e ri dheisciopuil: Thig na lài anns am bu mhath leibh aon latha fhaicinn de Mhac an duine, agus cha n-fhaic sibh e.
23Agus their iad ribh: Seall an so, seall an sin. Na rachaibh ann, ʼs na leanaibh iad:
24Oir, mar a tha an dealanach, a tha boillsgeadh an aon aite fo neamh, a soillseachadh gu ruig na h-aitean eile fo neamh, is amhuil a bhios Mac an duine ʼna latha fhein.
25Ach feumaidh e an toiseach ioma ni fhulang, ʼsa bhith air a dhiultadh leis a ghinealach so.
26Agus mar a thachair an lài Noé, is amhuil a bhios an laithean Mhic an duine.
27Bha iad a g-ithe ʼsa g-ol; bha iad a posadh ʼs bhathas gan toirt seachad am posadh, gus an latha san deach Noé stigh do ʼn àirc: us thainig an tuil, agus sgrios i iad uile.
28Mar a thachair cuideachd an lài Lot: bha iad a g-ithe ʼsa g-ol; bha iad a ceannach ʼsa reiceadh; bha iad a planntachadh ʼsa togail thighean:
29Agus air an latha anns an deach Lot a mach á Sodom, thuit teine agus pronnasg bho neamh, a sgrios iad uile:
30ʼSann mar sin a bhios san là air an nochdar Mac an duine.
31San uair sin, am fear a bhios air mullach an tighe, ʼsa mhaoin a stigh, na tearnadh e gu ʼtoirt air falbh; agus esan a bhios san achadh, mar an ciadna na tilleadh e air ais.
32Cuimhnichibh bean Lot.
33Fear sa bith a dhʼiarras a bheatha thiarnadh, caillidh e i; agus fear sa bith a chailleas i, tiarnadh e i.
34Tha mi g-radh ribh: air an oidhche sin bithidh dithis an aon leabaidh: gabhar a h-aon diu, agus fagar an t-aon eile.
35Bithidh dithis bhan a bleith comhla: gabhar té dhiubh, agus fagar an té eile; agus dithis san achadh: gabhar fear, agus fagar am fear eile.
36ʼSa freagairt thuirt iadsan ris: Càit, a Thighearna?
37Thuirt e riu: Ge bʼ e aite am bi a chlosach, an sin cruinnichear na h-iolairean.

Currently Selected:

N. Luc 17: MacETN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in