YouVersion Logo
Search Icon

N. Luc 18

18
XVIII. CAIB.
Feumaidh sinn a bhith ri urnaigh gun lasachadh; am Phairiseach ʼs an cismhaor; cunnart a bheartais; an dall a faighinn a fhradhairc.
1Agus labhair e dubhfhacal riu, gur còir dhuinn a bhith ri urnaigh daonnan, ʼs gun fhailneachadh,
2A g-radh: Bha britheamh ann am baile araid, anns nach robh eagal De, no suim de dhuine.
3Agus bha bantrach araid anns a bhaile chiadna, agus thainig i ga ionnsuidh, a g-radh: Dian diughaltas domh air mo namhaid.
4ʼS cha bʼ aill leis fad moran uine. Ach mu dheireadh thuirt e ris fhein: Ged nach eil eagal agam romh Dhia, no suim de dhuine:
5A dhʼ aindeoin sin, bhon tha bhantrach so draghail domh, ni mi diughaltas air a son, eagal le sior-thighinn gun saraich i mi.
6Us thuirt an Tighearna: Cluinnibh cioda tha am britheamh eucorach a cantuinn:
7Agus nach dian Dia diughaltas air son a dhaoine taghte, a tha g-eigheach ris a latha ʼsa dhʼoidhche; ʼs am bi faighidin aige gan taobh?
8Tha mi g-radh ribh gun dian e diughaltas gu h-ealamh air an son. An deigh sin nuair a thig Mac an duine, an saoil sibh, am faigh e creideamh air talamh?
9Agus ri cuid, a bha earbsach asda fhein mar dhaoine cearta, us taireil air feadhainn eile, labhair e an dubhfhacal so:
10Chaidh dithis dhaoine suas do ʼn teampull a dhianamh urnaigh: fear ʼna Phairiseach, ʼs am fear eile ʼna chismhaor.
11Am Phairiseach ʼna sheasamh, rinn e urnaigh mar so ann fhein: O Dhia, tha mi toirt taing dhut nach eil mi mar a chuid eile de dhaoine, ʼnan luchd-foirneirt, ana-cearta, adhaltranach: no mar an cismhaor so fhein.
12Tha mi trasgadh dà uair san t-seachduin: tha mi toirt an deachaimh bhuam de gach ni thʼ agam.
13ʼS an cismhaor ʼna sheasamh fad air ais, cha bʼaill leis urad ʼsa shuilean a thogail suas gu neamh: ach bhuail e ʼuchd, a g-radh: O Dhia, bi iochdor riumsa am pheacach.
14Tha mi a g-radh ribh: chaidh an duine so sios gu thigh air a naomhachadh a raghainn air an fhear eile: oir a h-uile duine a dhʼardaicheas e fhein, theid isleachadh; ʼs am fear a dhʼ islicheas e fhein, theid ardachadh.
15Agus thug iad leanabanan cuideachd ga ionnsuidh gus e bheantuinn daibh. ʼS nuair a chunnaic na deisciopuil so, chronaich iad iad.
16Ach Iosa gan gairm h-uige fhein, thuirt e: Leigibh le cloinn bhig tighinn gam ionnsuidhse, ʼs na bacaibh iad: oir ʼsann do ʼn leithidean sin a tha rioghachd Dhe.
17Gu firinneach tha mi g-radh ribh: Co sam bith nach glac rioghachd Dhe mar leanabh, nach teid e a stigh innte.
18Agus dhʼ fharraid uachdran araid dheth, a g-radh: A mhaighistir mhath, ciod a ni mise gus a bheatha shiorruidh a shealbhachadh?
19Us thuirt Iosa ris: Car-son tha thu cantuinn math riumsa? neach idir cha n-eil math ach Dia ʼna aonar.
20Is aithne dhut na faintean: Na dian murt: Na dian adhaltras: Na dian goid: Na tog fianuis bhreige: Thoir onair dha dʼathair, ʼs dha dʼ mhathair.
21Thuirt e: Chum mi iad sin uile bho mʼ oige.
22Nuair chuala Iosa so, thuirt e ris: Tha aon ni fhathast a dhith ort: reic a h-uile ni a thʼ agad, us builich air na bochdan, agus bithidh iuntas agad ann am flathanas; agus thig lean mise.
23Air dhasan so chluinntinn, dhʼfhas e brònach: a chionn bha e gle bheartach.
24Agus thuirt Iosa, ʼs e faicinn gun dʼfhas e brònach: Nach duilich dhaibhse aig a bheil beartas dol a stigh do rioghachd Dhe!
25Oir is fhasa do chamhal dol tro chrò snathaid, na do dhuine beartach dol a stigh do rioghachd Dhe.
26Agus thuirt an fheadhainn a bha ga chluinntinn: Co ma ta is urrainn a bhith sabhailte?
27Thuirt e riu: Na nichean tha do-chomasach do dhaoine, tha iad comasach do Dhia.
28An sin thuirt Peadar: Seall, threig sinn gach ni, agus lean sinn thu.
29Thuirt e riu: Gu firinneach tha mi g-radh ribh: cha n-eil duine air bith a dhʼ fhag tigh, no parantan, no braithrean, no bean, no clann, air son rioghachd Dhe,
30Nach fhaigh moran tuille san àm so, agus a bheatha shiorruidh anns an t-saoghail a tha ri tighinn.
31An sin ghabh Iosa na dhà-dhiag ga ionnsuidh, us thuirt e riu: Seall, tha sinn a dol suas gu Ierusalem, agus coimhlionar a h-uile ni a sgriobhadh leis na faidhean mu Mhac an duine.
32Oir liubhrar e do na cinnich, ʼs ni iad magadh air, agus sgiursar e, agus caithear smugaidean air;
33ʼS an deigh dhaibh a sgiursadh, cuiridh iad gu bàs e, agus air an treas latha eiridh e rithist.
34Agus cha do thuig iadsa ni dhiu so, ʼs bha am facal so am falach orra, agus cha robh iad a tuigsinn na chaidh a radh.
35A nis thachair, nuair a bha e teannadh air Iericho, gun robh dall araid ʼna shuidhe aig oir an rathaid a g-iarraidh deirce.
36ʼS nuair a chual e an sluagh a gabhail seachad, dhʼ fharraid e ciod a bhʼann.
37Agus dhʼinnis iad dha gun robh Iosa bho Nasareth a dol seachad.
38ʼS ghlaodh e, a g-radh: Iosa, a mhic Dhài, dian trocair orm.
39Agus chronaich an fheadhainn a bha air thoiseach e, gus e bhith ʼna thosd. Ach ʼsann is mua gu mor a ghlaodh e: A mhic Dhài, dian trocair orm.
40Agus Iosa a stad, dhʼ orduich e a thoirt ga ionnsuidh. ʼS nuair thainig e faisg, dhʼfharraid e dheth,
41A g-radh: Ciod is aill leat mi dhianamh dhut? Ach thuirt e: A Thighearna, gum faic mi.
42Us thuirt Iosa ris: Faic, rinn do chreideamh slan thu.
43Agus san uair chunnaic e, agus lean e e, a toirt gloire do Dhia. ʼS thug an sluagh uile, ʼs iad a faicinn so, moladh do Dhia.

Currently Selected:

N. Luc 18: MacETN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in