N. Luc 20
20
XX. CAIB.
Dubhfhacal na tuatha: air cis a thoirt do Chésar; ʼs air aiseirigh nam marbh.
1Us thachair air a h-aon de na laithean sin, nuair a bha e teagasg an t-sluaigh san teampull, ʼsa searmonachadh an t-soisgeil, gun do chruinnich na h-ard-shagairt ʼs na Sgriobhaich maille ris na seanairean,
2Agus labhair iad ris, a g-radh: Innis dhuinn ciod an t-ughdaras leis a bheil thu a dianamh nan nichean so? no co esan a thug an t-ughdaras so dhut?
3Agus a freagairt, thuirt Iosa riu: Farraididh mise cuideachd aon ni dhibhse. Freagraibh mi:
4Baisteadh Eoin an ann bho neamh a bha e, no bho dhaoine?
5Ach smaoinich iadsan unnta fhein, a g-radh: Ma their sinn: Bho neamh; their e: Car-son ma ta nach do chreid sibh e?
6Ach ma their sinn: Bho dhaoine; clachaidh an sluagh uile sinn: oir is cinnteach leo gum bʼ fhaidh Eoin.
7Agus fhreagair iad nach bʼ aithne dhaibh co as a bha e.
8Us thuirt Iosa riu: Cha mhua dhʼinnseas mise dhuibhse ciod an t-ughdaras, leis a bheil mi dianamh nan nichean so.
9Agus thòisich e air an dubhfhacal so a radh ris an t-sluagh: Phlanntaich duine araid fionlios, us shuidhich e air tuath e; us bha e fhein uine fhada an cein-thir.
10Agus anns an àm fhreagrach chuir e seirbhiseach thun na tuatha, gus iad a thoirt da de thoradh an fhionlios. Chuir iadsan, an deigh a bhualadh, air falbh falamh e.
11ʼS chuir e rithist seirbhiseach eile air adhart. Ach bhuail iad esan cuideachd, ʼsa toirt tàire dha, chuir iad air falbh falamh e.
12Agus chuir e fhathast an treas fear. Us leon iad esan mar an ciadna, agus thilg iad a mach e.
13An sin thuirt tighearna an fhionlios: Ciod a ni mi? cuiridh mi mo mhac gaolach; faodaidh e bhith, nuair a chi iad esan, gun toir iad athadh dha.
14Nuair chunnaic an tuath e, smaoinich iad unnta fhein: Se so an t-oighre, marbhamaid e, gus an oighreachd a bhith againn fhein.
15Agus ga thilgeadh a mach as an fhionlios, mharbh iad e. Ciod ma ta a ni tighearna an fhionlios orra?
16Thig e, us sgriosaidh e an tuath ud, agus bheir e fhionlios do dhʼfheadhainn eile. Air dhaibhse so a chluinntinn, thuirt iad: Na leigeadh Dia.
17Ach thuirt esan, ʼs e coimhead orra: Ciod e so ma ta a tha sgriobhte: A chlach a dhiult na clacharan, rinneadh clach chinn na h-oisinn dhi?
18Neach sam bith a thuiteas air a chloich sin, bruthar e; ach an neach air an tuit i, mìn-phronnaidh i e.
19Agus dhʼiarr na h-ard-shagairt agus na Sgriobhaich an lamhan a chur air sa cheart uair; ach bha eagal an t-sluaigh orra, oir thuig iad gur ann riu fhein a thuirt e an dubhfhacal so.
20ʼSa cumail giar aire air, chuir iad luchd-foille, a ghabhadh orra fhein a bhith nan daoine naomh, los a ghlacadh ʼna bhriathran, ʼsa liubhradh do chomas ʼs do chumhachd an uachdrain.
21Agus dhʼfharraid iad dheth, a g-radh: A Mhaighistir, tha fios againn gu bheil thu labhairt ʼsa teagasg gu ceart; ʼs nach eil eisimeil agad ri duine air bith, ach gu bheil thu teagasg slighe Dhe am firinn:
22Bheil e ceadaichte dhuinn cis a thoirt do Chésar, no nach eil?
23Ach a beachdachadh air am foill, thuirt esan riu: Car-son a tha sibh gam bhuaireadh?
24Fiachaibh dhomh peighinn: Co leis an iomhaigh ʼs an sgriobhadh a thʼ oirre? A freagairt, thuirt iad ris: Le César.
25Us thuirt e riu: Thugaibh ma ta do Chésar na bhuineas do Chésar; agus do Dhia na bhuineas do Dhia.
26Agus cha bʼ urrainn daibh cron fhaighinn dha fhacal an lathair an t-sluaigh; ʼsa gabhail ioghnaidh as a fhreagairt, dhʼfhan iad samhach.
27Us thainig cuid de na Sadusaich, a tha g-aicheadh gum beil aiseirigh ann, agus chuir iad ceisd air,
28A g-radh: A mhaighistir, sgriobh Maois dhuinn: Ma gheobh brathair duine air bith bàs, us bean aige ʼs nach fag e clann, gun gabhadh a bhrathair a bhean, ʼs gun togadh e sliochd dha bhrathair.
29Bha seachdnar bhraithrean ma ta ann; ʼs ghabh a chiad fhear bean, agus fhuair e bàs gun chloinn.
30Us ghabh an ath fhear i, agus fhuair esan bàs gun chloinn.
31Us ghabh an treas fear i. ʼS mar sin an t-seachdnar uile, ʼs cha dʼfhag iad sliochd, agus dhʼeug iad.
32Mu dheireadh orra uile fhuair a bhean i fhein bàs.
33Anns an aiseirigh ma ta co am fear dhiubh aig am bi i? oir bha i ʼna mnaoi aig an t-seachdnar.
34Agus thuirt Iosa riu: Tha clann an t-saoghail so a posadh, agus air an toirt seachad am posadh:
35Ach iadsan, a mheasar gur airidh iad air an t-saoghal ud, agus air an aiseirigh bho na mairbh, cha phosar iad, ʼs cha ghabh iad mnathan:
36ʼS cha mhua is urrainn daibh bàs fhaighinn tuilleadh: oir is ionann iad agus na h-ainglean, agus is clann do Dhia iad, bhon is clann na h-aiseirigh iad.
37A nis gun eirich na mairbh a rithist, dhʼfhiach Maois fhein aig a phreas, nuair ghairm e an Tighearna, Dia Abrahaim, Dia Isaic, us Dia Iacoib.
38Oir cha n-e Dia nam marbh e, ach nam beo: oir dhasan tha iad beo uile.
39Agus thuirt cuid de na Sgriobhaich, ʼs iad ga fhreagairt: A Mhaighistir, is math a thuirt thu.
40ʼS an deigh sin cha robh a dhanadas aca ceisd tuilleadh a chur air.
41Us thuirt e riu: Ciamar a tha iad a cantuinn gur e Criosta mac Dhài?
42Ach tha Dài fhein a cantuinn an leabhar nan salm: Thuirt an Tighearna ri mo Thighearna, suidh air mo laimh dheis,
43 Gus an cuir mi do naimhdean ʼnan stol chas dhut.
44Tha Dài ma ta a cantuinn Tighearna ris: ciamar ma ta is mac dha e?
45Agus an eisdeachd an t-sluaigh uile, thuirt e ri dheisciopuil:
46Thugaibh an aire oirbh fhein bho na Sgriobhaich, leis an toil imeachd ann an deiseachan fada, ʼsa tha an deidh air failte sa mhargadh, ʼs air na ciad chathraichean anns na sinagogan, ʼs na ciad aiteachan suidhe aig cuilmean;
47A tha creachadh tighean bhantrach fo fheall-choltas urnaighean fada. Gheobh iad sin diteadh nas mua.
Currently Selected:
N. Luc 20: MacETN
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

: