YouVersion Logo
Search Icon

N. Luc 21

21
XXI. CAIB.
Leth fheoirlinn na bantraich: na comharran a theid roimh sgrios Ierusalem, ʼs roimh dheireadh an t-saoghail.
1ʼS air coimhead da, chunnaic e na daoine beartach a tilgeadh an tiodhlaicean anns an ionmhas.
2Agus chunnaic e mar an ciadna bantrach bhochd araid a cur ann dà fheoirlinn phràise.
3Us thuirt e: Gu deimhinn tha mi g-radh ribh, gun do chuir a bhantrach bhochd so tuilleadh ann na iad uile.
4Oir bho ʼn leor mhor chuir iadsan uile ann tobhartasan do Dhia: ach bho h-uireasuidh chuir ise a beo-shlainte uile a bhʼaice ann.
5Agus ri cuid, a bha g-radh mu ʼn teampull gun robh e air a sgeimheachadh le deagh chlachan ʼs le tobhartasan, thuirt e:
6Na nichean sin a tha sibh a faicinn, thig na laithean anns nach fagar clach air muin cloiche, nach tilgear sios.
7Agus dhʼfhaighnich iad dheth, a g-radh: A Mhaighistir, cuin a bhios na nichean so, agus ciod an comharradh nuair a thòisicheas iad air tachairt?
8Thuirt e: Thugaibh an aire nach bi sibh air ur mealladh: oir thig moran na mʼainmse, a g-radh, is mise e: us tha an t-àm faisg: na rachaibhse uime sin ʼnan deigh.
9ʼS nuair a chluinneas sibh mu chogaidhean agus àr-a-mach, na gabhaibh eagal: feumaidh iad sin tachairt an toiseach, ach cha n-eil a chrioch tur fhathast.
10An sin thuirt e riu: Eiridh cinneadh an aghaidh cinnidh, agus rioghachd an aghaidh rioghachd.
11Us bithidh crithean-talmhuinn mor ann an ioma aite, agus plaighean, agus gorta, us nichean fuathasach bho neamh, ʼs comharran mora.
12Ach rompa so uile, cuiridh iad sibhse an laimh, agus ni iad geur-leanmhuinn oirbh, gu ʼr liubhairt do na sinagogan, ʼs do phriosanan, gu ʼr tarruinn air bialaobh righrean agus uachdran as leth mʼ ainmse:
13Us tachraidh so dhuibh-se mar theisteanas.
14Socraichibh ma ta ʼnur cridheachan nach smaoinich sibh roimh laimh ciamar a fhreagras sibh.
15Oir bheir mise dhuibh bial us gliocas, nach urrainn dha ʼr naimhdean uile cur ʼna aghaidh no aicheadh.
16Agus brathar sibh le ʼr parantan, ʼs le ʼr braithrean, ʼs le ʼr luchd-daimh, ʼs le ʼr cairdean, us cuiridh iad cuid dhibh gu bàs;
17Agus bithidh fuath aig h-uile duine oirbh as leth mʼainmse:
18Ach fuiltean de ʼr ceann cha chaillear.
19ʼNur faighidin gleidhidh sibh ur n-anmannan.
20Ach nuair a chi sibh Ierusalem air a chuairteachadh le armailt, tuigibh an sin gum beil a sgrios aig laimh.
21An sin teicheadh iadsan, a tha ann an Iudéa, thun nam beann; us falbhadh iadsan, a tha ʼna miadhon, mach aisde; agus na rachadh iadsan, a tha anns na duchannan, a stigh innte:
22Oir ʼsiad sin laithean an diughaltais, los gach ni tha sgriobhte a bhith air an coimhlionadh.
23Ach mo thruaighe iadsan, a tha torrach ʼsa toirt ciche anns na laithean sin: oir bithidh amhghar mor san tir, us corruich an aghaidh an t-sluaigh so.
24Agus tuitidh iad fo fhaobhar a chlaidhimh; agus bheirear iad an daorsa gus a h-uile cinneadh; agus theid Ierusalem a shaltairt leis na cinnich: gus an coimhlionar amannan nan cinneach.
25Agus bithidh comharran anns a ghrein, agus anns a ghealaich, agus anns na reultan; ʼs air an talamh airc nan cinneach as leth uamhunn nuallan na mara ʼs nan tonn:
26Daoine a seargadh as le eagal, ʼs le suil ri ciod a dhʼ eireas do ʼn t-saoghal gu leir: oir bithidh cumhachdan nan neamh air an gluasad;
27ʼS an sin chi iad Mac an duine a tighinn air neul, le cumhachd mhoir ʼs le gloir.
28Ach nuair a thòisicheas na nichean so air tachairt, seallaibh an aird, us togaibh suas ur cinn: a chionn tha ur saoradh a teannadh oirbh.
29Agus labhair e coimheart riu: Seallaibh air a chraoibh-fhige ʼs air na craobhan uile:
30Nuair a tha iad a cur mach am meas, is aithne dhuibh gum beil an samhradh faisg.
31Mar sin sibhse, nuair a chi sibh na nichean so tachairt, tuigibh gum beil rioghachd Dhe aig laimh.
32Gu firinneach tha mi g-radh ribh nach teid an ginealach so seachad, gus an coimhlionar na nichean so uile.
33Theid neamh agus talamh seachad: ach cha teid mʼ fhacail-sa seachad.
34Thugaibh an aire dhuibh fhein, eagal ur cridheachan a bhith trom ma dhʼ fhaoidte le sathachd, ʼs le misg, ʼs le curaman na beatha so; ʼs gun tig an là ud oirbh gun fhaireachadh.
35Oir mar ribe thig e orrasan uile, a tha tamh air uachdar an talmhuinn uile.
36Dianaibhse uime sin faire ri urnaigh daonnan, los gum measar sibh toillteanach air na nichean so uile a tha ri tighinn a sheachnadh, agus seasamh an lathair Mhic an duine.
37Agus bha e san latha a teagasg anns an teampull: ach aig an oidhche a dol a mach, bha e fantuinn air sliabh ris an canar Olibhet.
38Agus much sa mhaduinn bha an sluagh uile a tighinn do ʼn teampull a dhʼ eisdeachd ris.

Currently Selected:

N. Luc 21: MacETN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in