YouVersion Logo
Search Icon

N. Matu 20

20
XX. CAIB.
Dubhfhacal an luchd-oibre sa ghàradh-fhiona: uaill dithis mhac Shebede: Criost a toirt fradhairc do dhithis dhall.
1Tha rioghachd fhlathanais coltach ri fear-tighe, a chaidh a mach much sa mhaduinn a thuarasdalachadh luchd-oibre gu ghàradh-fiona.
2Agus an deigh dha cordadh ris an luchd-oibre air son sgilinn san latha, chuir e gu ghàradh-fona iad.
3ʼSa dol a mach muʼn treas uair, chunnaic e feadhainn eile ʼnan seasamh diomhain air a mhargadh.
4Agus thuirt e riu: Theirigibhse mar an ciadna gu mʼ fhion-lios, ʼs an ni a bhios ceart bheir mi dhuibh.
5Us dhʼfhalbh iad. Agus chaidh e mach a rithist muʼn t-siathamh, ʼs muʼn naoitheamh uair; agus rinn e mar an ciadna.
6Agus mu aon uair-diag chaidh e mach, us fhuair e feadhainn eile ʼnan seasamh, us thuirt e riu: Car-son a tha sibh ʼnur seasamh an so ré an latha diomhain?
7Thuirt iad ris: A chionn nach do chuir duine air bith muinntireas oirnn. Thuirt e riu: Theirigibhse cuideachd gu mʼ fhion-lios.
8ʼS nuair thainig am feasgar, thuirt Tighearna a ghàraidh-fhiona ris an stiubhart: Gairm an luchd-oibre, ʼs thoir an tuarasdal dhaibh, a toiseachadh aig an fheadhainn mu dheireadh gu ruig a chiad fheadhainn.
9Nuair ma ta thainig iadsan a bhʼair tighinn mu aon uair-diag, fhuair iad sgilinn am fear.
10Ach nuair thainig a chiad fheadhainn, shaoil iad gum faigheadh iad tuilleadh; ach fhuair iadsa mar an ciadna sgilinn am fear.
11Agus ga fhaighinn rinn iad gearan an aghaidh fear-an-tighe,
12A g-radh: Cha dʼoibrich an fheadhainn dheirionnach so ach aon uair, agus rinn thu iad ionann us sinne a ghiulain cudtrom an latha agus a bhruthainn.
13Ach esan a freagairt, thuirt e ri fear dhiubh: A charaid, cha n-eil mi dianamh eucoir ort, nach do chord thu rium air son sgilinn?
14Tog do chuid fhein ʼs bi falbh: oir is aill leam a thoirt doʼn fhear dheirionnach so urad us dhutsa.
15Nach fhaod mi mo thoil fhein a dhianamh? am beil do shuilse olc, a chionn gum beil mise math?
16Mar sin bithidh an fheadhainn mu dheireadh air thoiseach, ʼs an fheadhainn a tha air thoiseach air dheireadh. Oir tha moran air an gairm, ach beagan air an taghadh.
17Agus Iosa a dol suas gu Ierusalem, thug e an dà dheisciopul diag a lethtaobh, us thuirt e riu:
18Seall, tha sinn a dol suas gu Ierusalem, agus liubhrar Mac an duine seachad do na h-ard-shagairt, ʼs do na Sgriobhaich, agus ditidh iad gu bàs e.
19Agus bheir iad seachad do na cinnich e gu magadh air, agus gu sgiursadh, ʼs gu cheusadh, agus eiridh e air an treas latha.
20An sin thainig mathair mic Shebede le a mic ga ionnsuidh, a g-aoradh, ʼsa g-iarraidh rudeigin air.
21Thuirt e rithe: Ciod is aill leat? Thuirt i ris: Abair gun suidh iad so mo dhà mhac, fear air do laimh dheis, agus fear air do laimh chli na dʼ rioghachd.
22Ach thuirt Iosa, ʼs e freagairt: Cha n-eil fhios agaibh ciod tha sibh a g-iarraidh. An urrainn duibh a chailis ol, a tha mise dol a dhʼol? Thuirt iad ris: Is urrainn.
23Thuirt e riu: Olaidh sibh gu dearbh mo chailis: ach suidhe air mo laimh dheis, no air mo laimh chli, cha leamsa gus a thoirt dhuibh, ach dhaibhse dha ʼn deach uidheamachadh le mʼAthair.
24Nuair a chuala an deichnear so, bha iad diumbach dheʼn dà bhrathair.
25Ach ghairm Iosa iad ga ionnsuidh, us thuirt e: Tha fios agaibh gum beil prionnsachan nan cinneach a gnathachadh tighearnais orra, ʼs gur h-ann aig na daoine mora tha chumhachd thairis orra.
26Cha n-ann mar sin a bhios ʼnur measgsa: ach fear sam bith leis an aill a bhith nas mua ʼnur measg, biodh e ʼna fhear-frithealaidh dhuibh.
27Agus esan leis an aill a bhith ʼna chiad fhear ʼnur measg, bithidh e ʼna sheirbhiseach dhuibh.
28Amhuil mar nach eil Mac an duine air tighinn gu frithealadh fhaighinn, ach los frithealadh, ʼs a bheatha a thoirt seachad gu moran a shabhaladh.
29Agus nuair a chaidh iad a mach á Iericho, lean moran sluaigh e.
30Agus seall, chuala dithis dhall, a bha ʼnan suidhe aig taobh an rathaid, gun robh Iosa dol seachad; us ghlaodh iad, a g-radh: A Thighearna, gabh truas ruinn, a Mhic Dhài.
31Agus chronaich an sluagh iad, gus iad a bhith samhach. Ach ʼsann is mua ghlaodh iad, a g-radh: A Thighearna, a Mhic Dhài, gabh truas ruinn.
32Agus sheas Iosa, us ghairm e iad, us thuirt e: Ciod is aill leibh mi dhianamh dhuibh?
33A Thighearna, ars iadsan, ar suilean fhosgladh.
34Agus ghabh Iosa truas riu, agus bhean e dhaʼn suilean. Agus air ball chunnaic iad, us lean iad e.

Currently Selected:

N. Matu 20: MacETN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in