N. Matu 28
28
XXVIII. CAIB.
Aiseirigh Chriosta, us ʼordugh dha dheisciopuil.
1Agus deireadh oidhche na sàbaid, mu bhristeadh na fàire a chiad latha de ʼn t-seachduin, thainig Mairi Magdalen agus a Mhairi eile a shealltuinn na h-uaighe.
2Us, seall, bha crith-thalmhuinn mhor ann. Oir thainig aingeal an Tighearna bho neamh, agus air dha tighinn charaich e a chlach air a h-ais, agus shuidh e oirre.
3Agus bha ʼaodann mar dhealanach, agus ʼeideadh mar shneachda.
4Agus le fiamh roimhe dhʼoilltich an luchd-faire, agus dhʼfhas iad mar dhaoine marbha.
5ʼS an t-aingeal a freagairt, thuirt e ris na boirionnaich: Na biodh eagal oirbhse: oir tha fhios agam, gum beil sibh a sireadh Iosa, a chaidh a cheusadh:
6Cha n-eil e an so: oir dhʼeirich e mar a thuirt e. Thigibh, us faicibh an t-aite anns na chuireadh an Tighearna.
7ʼSa falbh gu luath, innsibh dha dheisciopuil, gun dʼeirich e; us, fiach, imichidh e roimhibh do Ghalile: an sin chi sibh e. Seall, tha mise air innse dhuibh roimh laimh.
8Agus ghrad-dhʼimich iad bhoʼn uaigh le fiamh ʼs le mor aoibhneas, agus ruith iad a dhʼinnse dha dheisciopuil.
9Agus, seall, choinnich Iosa iad, a g-radh: Fàilt oirbh. Us thainig iadsa faisg, agus rug iad air a chasan, agus thug iad aoradh dha.
10An sin thuirt Iosa riu: Na biodh eagal oirbh. Siubhlaibh, agus abraibh ri mo bhraithrean, iad a dhol do Ghalile, chi iad an sin mi.
11An deigh dhaibh falbh, faic, thainig cuid deʼn luchd-faire a stigh doʼn bhaile, agus dhʼinnis iad do na h-ard-shagairt h-uile ni a thachair.
12ʼS air dhaibhse cruinneachadh comhla ris na seanairean, ʼs an comhairle a chur ri cheile, thug iad suim mhor airgid do na saighdearan,
13A g-radh: Abraibh gun tainig a dheisciopuil feadh na h-oidhche, us ghoid iad e, agus sinne ʼnar cadal.
14Agus ma thig so gu cluasan an uachdrain, cuiridh sinne impidh air, agus saoraidh sinn sibhse.
15ʼSa gabhail an airgid, rinn iad mar a chaidh a sheoladh dhaibh. Agus tha ʼn sgial so air sgaoileadh am measg nan Iudhach gus an latha an diugh.
16An sin chaidh an t-aon deisciopul diag do Ghalile, gu beinn far an dʼorduich Iosa dhaibh.
17Agus ga fhaicinn thug iad aoradh dha; ach bha cuid dhiu ann an teagamh.
18Us Iosa a tighinn, labhair e riu, a g-radh: Thugadh dhomhsa a h-uile cumhachd air neamh ʼs air talamh.#28.18 XXVIII.18. a h-uile cumhachd, &c. Faic an so am barantas agus an t-ordugh, a flmair na h-ostail ʼs an luchd-ionaid, easbuigean agus cleir na h-eaglais. Fhuair esan bho ʼAthair a h-uile cumhachd air neamh ʼs air talamh: agus a bhrigh na cumhachd so, tha e gan cur-sa (ceart mar a chuir ʼAthair esan, N. Eoin 20.21.) a theagasg ʼsa thionndadh ris a chreideamh, cha n-e a mhain a h-aon, ach a h-uile cinneadh: agus a dhʼionnsachadh dhaibh a h-uile firinn: ʼs los an cuideachadh gus an t-ordugh so a choimhlionadh gu h-eifeachdach, tha e gealltuinn a bhith maille riu (cha n-ann fad tri no ceithir chiad bliadhna) ach a h-uile latha gu deireadh an t-saoghail. Ciamar leis a sin a bʼurrainn do ʼn Eaglais Chaitlicich dhol mearachd am feasd, bho na tha Criosta fhein daonnan maille ri ʼbuachaillean, mar tha air a ghealltuinn an so, agus is esan an rathad, agus an fhirinn, agus a bheatha? N. Eoin 14.6.
19Falbhaibh ta, us teagaisgibh a h-uile cinneadh, gam baisteadh an ainm an Athar, agus a Mhic, agus an Spioraid Naoimh;
20A teagasg dhaibh a h-uile ni chumail, a dhʼàithn mise oirbh: agus, seall, tha mise maille ribh h-uile latha gu deireadh an t-saoghail.
Currently Selected:
N. Matu 28: MacETN
Highlight
Share
Copy
![None](/_next/image?url=https%3A%2F%2Fimageproxy.youversionapistaging.com%2F58%2Fhttps%3A%2F%2Fweb-assets.youversion.com%2Fapp-icons%2Fen.png&w=128&q=75)
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017