YouVersion Logo
Search Icon

Isaiah 49

49
LAOIDH 24
Isaiah 49.13-17
13-17A nèamhan togaibh luathghair ait;
a thalamh, binn‑cheòl seinn;
A shlèibhte, canaibh co‑sheirm chiùil,
's gach dùil air feadh gach linn!
2 Feuchaibh cia tròcaireach ar Dia,
cluinnibh a bhriathran gràis;
Don anam thruagh bheir cofhurtachd,
is saors' o dhochann bàis.
3 Sguiribh, an làithean goirt ur claoidh,
dher caoidh 's dher gearan cruaidh:
An saoil sibh nach toir Dia fa‑near
staid gach aoin neach dha shluagh?
4 An dìobair màthair cìochran maoth
a broillich, le h‑an‑iochd?
Nach maothaich osna 's deòir a cridh
's nach gabh i truas da sliochd?
5 Ach, arsa Dia, ged chaochail iochd
da gineil anns gach mnaoi,
Mo ghaol is m' iochd‑sa do mo shluagh,
gun chaochladh mairidh chaoidh.
6 Domhain air dèarnan mo dhà làimh,
ainm Shioin gheàrr mi sìos;
A balla briste càiridh mi,
's a h‑àrois#49.13-17 h‑àrois h-àrosan (cruth gin. air a chleachdadh an àite an cruth iom.). togaidh rithist.

Currently Selected:

Isaiah 49: LSN1987

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in