YouVersion Logo
Search Icon

Iob 26:6-14

Iob 26:6-14 LSN1987

Cò ghleachdas ris a' ghàirdean threun a dhealbh na speuran àrd? No càit am falaich neach e fhèin on t‑sùil dhan lèir gach àit? 2 Na shealladh‑san tha ifrinn fhèin is lèir‑sgrios uile rùisgt': 'S an ceilear lochd air bith no beud o fhradharc geur a shùl? 3 Air neoni chroch e 'n domhan mòr, 's an àirde tuath do sgaoil Air ionad falamh, agus phaisg uisge 's na neulan faoin. 4 Tràth chithear cumhachd Dhè 's gach àit, tha sgàil ga fhalach fhèin; Tha chathair cuairtichte le neòil, 's do dhuine beò cha lèir. 5 Onfhadh na fairge tillidh e le tràigh, air meud a neirt Is air a' chrìch a thug e dhi cha tèid i chaoidh a thart. 6 Roimh achmhasan Iehobhah thrèin, tha talamh 's nèamh air chrith: Clisgidh an stèidh ma lasas suas a chorraich uair air bith. 7 Gun doineann luaisgidh e an cuan, 's togaidh e suas a thuinn; 'S an t‑uaibhreach tilgidh e, gun nàmh, o àirde bun‑os‑cionn. 8 'S e lìonas nèamh le cuideachd naomh, 's a nì iad aoibhneach ait; Ach sliochd na nathrach tilgidh sìos gu ionad claoidh le smachd. 9 De obair 's beag a chithear leinn, 's cha tuig sinn iad sin fhèin: Ach tàirneanach a chumhachd mhòir, cò dh'fhaodas chur an cèill?

Free Reading Plans and Devotionals related to Iob 26:6-14