Iob 26
26
LAOIDH 9
Iob 26.6-14
6-14 Cò ghleachdas ris a' ghàirdean threun
a dhealbh na speuran àrd?
No càit am falaich neach e fhèin
on t‑sùil dhan lèir gach àit?
2 Na shealladh‑san tha ifrinn fhèin
is lèir‑sgrios uile rùisgt':
'S an ceilear lochd air bith no beud
o fhradharc geur a shùl?
3 Air neoni chroch e 'n domhan mòr,
's an àirde tuath do sgaoil
Air ionad falamh, agus phaisg
uisge 's na neulan faoin.
4 Tràth chithear cumhachd Dhè 's gach àit,
tha sgàil ga fhalach fhèin;
Tha chathair cuairtichte le neòil,
's do dhuine beò cha lèir.
5 Onfhadh na fairge tillidh e
le tràigh, air meud a neirt
Is air a' chrìch a thug e dhi
cha tèid i chaoidh a thart.
6 Roimh achmhasan Iehobhah thrèin,
tha talamh 's nèamh air chrith:
Clisgidh an stèidh ma lasas suas
a chorraich uair air bith.
7 Gun doineann luaisgidh e an cuan,
's togaidh e suas a thuinn;
'S an t‑uaibhreach tilgidh e, gun nàmh,
o àirde bun‑os‑cionn.
8 'S e lìonas nèamh le cuideachd naomh,
's a nì iad aoibhneach ait;
Ach sliochd na nathrach tilgidh sìos
gu ionad claoidh le smachd.
9 De obair 's beag a chithear leinn,
's cha tuig sinn iad sin fhèin:
Ach tàirneanach a chumhachd mhòir,
cò dh'fhaodas chur an cèill?
Currently Selected:
Iob 26: LSN1987
Highlight
Share
Compare
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1826, 1987
© Scottish Bible Society 1826, 1987