YouVersion Logo
Search Icon

Iob 14

14
LAOIDH 8
Iob 14.1-15
1-15O dhuine th' air do bhreith le mnaoi,
cia tearc is truagh do làith!
On duslach thàinig thu, is thèid
gud dhuslach fhèin gun dàil.
2 Mar mhaoth‑lus fàsaidh tu fo bhlàth
is gheibh thu bàs gu beachd:
Mar fhaileas teichidh tu gu luath,
's cha bhuan air thalamh neach.
3 Làn ciont is truaigh, an seas aon dùil,
fa chomhair sùilean Dhè?
Cò chaoidh bheir uisge soilleir glan
à tobar salach crèidh?
4 Ar làithean air an àireamh tha,
's gun tàmh a' gabhail seach';
Is goirid gus an tig an uair
a nì don uaigh ar teach.
5 Dhè mhòir, na smachdaich ann ad fheirg
an tomhas goirid faoin,
De làithean diombuan an‑shocrach
thug thu do chloinn nan daoin'.
6 Ged chrìonas lus, chan fhaigh e bàs,
thig fhàs ri h‑ùine nìos;
'S ged sheargas craobh sa gheamhradh fhuar
nì 'n t‑earrach nuadh i rithist.
7 Ach aon uair 's gum faigh duine bàs,
cha thill a làith nas motha;
A bheatha cha dèan earrach nuadh,
's air uaigh cha bhris an latha.
8 Amhlaidh mar shruth a ruitheas bras,
's nach till air ais ri shliabh;
Tha latha is bliadhna 's linn dol seach,
's cha thill ri neach an triall.
9 San uaigh 'n tràth laigheas duine sìos,
caidlidh e 'n dìon a' bhàis;
'S cha dùisg e tuilleadh gus an tèid
an cruinne‑cè na smàl.
10 O biodh an uaigh na leabaidh thaimh
dhomh fhèin, gu latha mo Thriath,
San èirich mi gu h‑aoibhneach suas
le naomh‑shluagh maiseach Dhia#14.1-15 Dhia 'Dhè' (ginideach) a bhiodh air a chleachdadh ann an suidheachadh mar seo gu h‑àbhaisteach, ach tha 'Dhia' air a chleachdadh airson co‑fhreagairt ri fuam an fhacal a tha tighinn dà loidhne air thoiseach: 'Thriath'!
11 San dòchas ait, le foighid mhòir,
feithidh mi òrdugh Nèimh,
A thig san àm a shònraich Dia
san triall mi thuige fhèin.

Currently Selected:

Iob 14: LSN1987

Highlight

Share

Compare

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in