Iob 9
9
LAOIDH 7
Iob 9.2-10
2-10Am bi sìol Àdhaimh saor o chiont,
no glan am fianais Dhè?
Ma thagras e rèir ceartais ruinn,
fo smachd thèid sinn don eug.
2 Gu geur‑chùiseach ma thoimhseas e
gach smuain, is guth, is gnìomh;
Leithsgeul, airson mo mhìle ciont
a dhealbh chan urrain mi.
3 Is glic a chridh 's is treun a làmh,
's nach aingidh dàn an sluagh
A thogas ceann an aghaidh Dhia;
cò riamh thug airsan buaidh?
4 Roimh fheirg, na slèibhte criothnaichidh,
is clisgidh iad om bonn;
O bhunait luaisgidh null 's a nall,
le garbh‑chrith, 'n talamh trom.
5 Ma thoirmisgeas e èirigh grèin,
chan èirich grian gu bràth:
Dubh‑neulach nì e 'n speur air fad,
's gach reul thèid às na smàl.
6 Coisichidh Dia san fhairge ghairbh,
carbad do ghaothan nì;
A shlighe àrd cò lorgaicheas#9.2-10 lorgaicheas leanas,
a cheuman dorch cò chì?
Currently Selected:
Iob 9: LSN1987
Highlight
Share
Compare
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1826, 1987
© Scottish Bible Society 1826, 1987