YouVersion Logo
Search Icon

Iob 8

8
LAOIDH 6
Iob 8.11-22
11-22Gun làthach am fàs luachair ghlas?
no seileastair gun sruth?
Ged fhàs, is diombuan#8.11-22 diombuan neo‑mhaireann geàrr an cuairt,
seargaidh, gun bhuain, an cruth.
2 Is ionnan dòchas baoth#8.11-22 baoth amaideach an daoi#8.11-22 daoi neo‑fhìreanta,
nach faod a‑chaoidh bhith buan;
Mar lìon an damhain‑allaidh fhaoin,
thèid leis gach gaoth mun cuairt.
3 Tràth leigeas e a thaic ri thaigh,
aomaidh gach clach is crann;
'S luath ghreimicheas e ris, ach 's luaith'
thèid fhàrdach bun‑os‑cionn.
4 Ged fhàs na ghàradh ris a' ghrèin
a gheuga dosrach ùr;
'S ged sgaoil e fhreumhan domhainn teann
do‑spìonaidh#8.11-22 do‑spìonaidh nach gabh an spìonadh tha car ùin':
5 Gidheadh air teachd da bhinn o nèamh,
spìonar a fhreumh à bun;
Àite chan aithnich e nas motha;
caochlaidh a ghlòir gu tur.
6 Feuch, 's amhlaidh gàirdeachas nan daoi#8.11-22 daoi neo‑fhìreanta,
nì tàir air naomh‑reachd Dhè;
Grad‑thuitidh iad: 's cho grad a thig
nan àite daoine sèimh.
7 Ach Dia nan gràs, le cumhachd mòr,
nì daoine còir a dhìon;
An cridhe lìonaidh e le gean,
's am beul le moladh sìor.

Currently Selected:

Iob 8: LSN1987

Highlight

Share

Compare

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in