YouVersion Logo
Search Icon

Gnàth‑fhacal 1

1
LAOIDH 10
Gnàth‑fhac. 1.20-31
20-31 An coitheanal nan iomadh sluagh,
is anns na rathaidean tiugh,
Ri cloinn nan daoin' tha Gliocas nèimh
a' togail suas a ghuth;
2 Cia fhad a nì luchd fanoid tàir
air fìrinn is gràs Dhè?
'S a bheir sibh, amadain, ur spèis
dhur toil mhì‑chèillidh fhèin?
3 Tillibh air m' earail, air ur n‑ais,
is bidh sibh sona chaoidh:
Tillibh, 's a‑chum bhur beannachadh,
mo spiorad bheir mi dhuibh.
4 Ach mur toir sibh mo ghuth fa‑near,
's mur èist sibh ri mo ghlaodh:
Tràth ghlaodhas sibhs' an latha ur n‑airc,
ur n‑athchuinge bidh faoin.
5 Tràth ghlacas lèir‑sgrios sibh na cuairt,
mar ioma‑ghaoth luath nan speur,
Nì mise fanaid air ur caoidh,
's ur n‑ùrnaigh chaoidh chan èist.
6 On roghnaich sibh roimh bheatha bàs,
's èiginn gu bràth bhith truagh;
Oir ciod air bith a chuireas neach,
dhen sin nì 'n neach sin buain.

Currently Selected:

Gnàth‑fhacal 1: LSN1987

Highlight

Share

Compare

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in