YouVersion Logo
Search Icon

Gnàth‑fhacal 3

3
LAOIDH 11
Gnàth‑fhac. 3.13-17
13-17 Cia sona 'n tì, do theagasg Dhè,
bheir èisteachd gach aon uair;
'S ri gliocas nèimh, le mòran tlachd,
thilleas gu moch a chluas?
2 Is feàrr a stòr na 'n t‑ionmhas faoin
a tha san t‑saogh'l gu lèir;
'S is luachmhoire a dhuais gu mòr
na òr a' chruinne‑chè.
3 Tha saoghal fada na làimh dheis
is urram na làimh chlì;
Iadsan air fad a bheir dha gràdh,
's leotha saidhbhreas, slàint', is sìth.
4 Don òg na shlighe fhìor‑ghlan rèidh
sòlas bheir e gu pailt,
'S don aosta bheir e coron#3.13-17 coron crùn glòir,
's tròcair o Dhia gun airc.
5 An uair tha dìcheall dhaoine mòr,
tha dhuais‑san mòr dha rèir:
Do shòlasan tha shlighe làn;
is sìth a ghnàth 's gach ceum.

Currently Selected:

Gnàth‑fhacal 3: LSN1987

Highlight

Share

Compare

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in