YouVersion Logo
Search Icon

Iob 9:2-10

Iob 9:2-10 LSN1987

Am bi sìol Àdhaimh saor o chiont, no glan am fianais Dhè? Ma thagras e rèir ceartais ruinn, fo smachd thèid sinn don eug. 2 Gu geur‑chùiseach ma thoimhseas e gach smuain, is guth, is gnìomh; Leithsgeul, airson mo mhìle ciont a dhealbh chan urrain mi. 3 Is glic a chridh 's is treun a làmh, 's nach aingidh dàn an sluagh A thogas ceann an aghaidh Dhia; cò riamh thug airsan buaidh? 4 Roimh fheirg, na slèibhte criothnaichidh, is clisgidh iad om bonn; O bhunait luaisgidh null 's a nall, le garbh‑chrith, 'n talamh trom. 5 Ma thoirmisgeas e èirigh grèin, chan èirich grian gu bràth: Dubh‑neulach nì e 'n speur air fad, 's gach reul thèid às na smàl. 6 Coisichidh Dia san fhairge ghairbh, carbad do ghaothan nì; A shlighe àrd cò lorgaicheas, a cheuman dorch cò chì?

Free Reading Plans and Devotionals related to Iob 9:2-10