YouVersion Logo
Search Icon

Lùcas 15

15
LAOIDH 40
Lùc. 15.13-25
13-25 Le misg is mì‑bheus nuair a chaith
an strùidhear truagh a mhaoin,
'S e 'g iarraidh lòin am measg nam muc,
de phlaosgan falamh faoin.
2 Ged bhàsaichinn thuirt e, le gort,
am fearann coigreach cèin,
An teaghlach m' athar gheibh gach tràill
na 's àill le chridhe fhèin.
3 Nis tillidh, 's tuitidh mise sìos
an làthair m' Athar chaoimh;
Och! pheacaich is chan airidh mi,
air d' iochd‑sa no iochd nèimh.
4 Ag ràdh seo, gu taigh Athar thill,
le inntinn thùrsach throm;
Tràth chunnaic athair e fad às,
las tlus#15.13-25 tlus co‑fhaireachdainn is iochd na chom.
5 Ghrad‑ruith na chòmhdhail, 's thug e pòg,
le furan mòr dha mhac;
Is b' aithreach leis an strùidhear thruagh
gun tug e fuath da smachd.
6 Och! pheacaich, is chan airidh mi,
air d' iochd‑sa no iochd nèimh;
Dèan mi am sheirbhiseach a‑mhàin.
O Athair chàirdeil chaoimh!
7 Thugaibh a‑mach, ars' Athair ait,
a' chulaidh thaghta dha;
'S gach iochd is urram dìolamaid
don iompachan gun dàil:
8 Oir bha e marbh, is tha e beò;
caillte, 's fa‑dheòidh air sgeul;
Biodh gàirdeachas oirnn uime sin,
's biodh seo na latha fèill.
9 Mar sin bidh gàirdeachas air nèamh
tràth theàrnar peacach baoth;
Le tilleadh dha le h‑aithreachas
gu Athair iochdmhor caomh.

Currently Selected:

Lùcas 15: LSN1987

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in