YouVersion Logo
Search Icon

Mata 11

11
LAOIDH 34
Mat. 11.25-30
25-30 Buidheachas follaiseach thug Crìosd
dha Athair fhèin, ag ràdh,
Sìor‑bheannaicht' bi‑sa, Dhia nam feart,
o linn gu linn gu bràth!
2 'S tu cheil air daoine saogh'lta glic
dearbh‑fhìrinn shlàinteil nèimh.
Gidheadh a thaisbean soilleir i
do leanbain umhail sèimh.
3 'S i seo do thoil‑sa, Athair chaoimh,
's do naomh‑reachd seasmhach buan;
Na iarradh ainglean naomh no daoin'
làn‑fhios an adhbhair uainn.
4 Gach uile chumhachd dhòmhs thug Dia;
dha mhàin is fios mo ghnè;
Is dhòmhsa mhàin a ghnè‑san 's eòl,
's don dream dhan seòl mi e.
5 O sibhse tha le uallach trom cia
an uilc 's an eagail leòint',
Thigibh gam dh'ionnsaigh‑sa, is gheibh
bhur n‑anaman fois is treòir.
6 Le cridhe umhail togarrach
mo chuing‑sa togaibh oirbh:
Dham cheannsal gèillibh, is dham reachd,
gu beachd chan eil e doirbh.
7 Oir caomh tha mise agus sèimh,
's cha dèan mo chuing ur cràdh;
Foghlamaibh uam, 's ur n‑anman sgìth
fois shìorraidh gheibh is àgh#11.25-30 àgh aoibhneas, sonas.

Currently Selected:

Mata 11: LSN1987

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in