Laoidhean 17
17
LAOIDH 17
Isaiah 1.10-19
1A mhaithean Shodoim! gabhaibh suim
do fhocal Righ nam feachd;
Fheara Ghomorah! thigibh dlùth,
is bithidh ùmh'l d'a reachd.
2Mar so a deir e, Ciod is brìgh
d'ur n‑ìobairtibh gun stà?
Tha m'altair sgìth d'ur tiodhlacaibh,
's ghabh mi d'ur n‑aoradh gràin.
3Ged las 'ur n‑ìobairtean gu nèamh,
's ged dhorchaich tùis an speur;
Gidheadh bheir mise fuath is gràin
do ghnìomh 'ur làmh 's dhuibh féin.
4Bhur trasg 's 'ur n‑urnuigh 's fuathach leam,
's 'ur làithe féill faraon;
Oir tha 'ur cridhe làn do cheilg,
's 'ur slighe cam is claon.
5Glanaibh 'ur làmhan o gach olc,
's na deanaibh lochd ni 's mò;
'N'ur giùlan uile bithibh ceart,
's 'nur cridhe glan, gun ghò.
6Na tairgibh dhomhsa urram faoin,
ach foghlumaibh mo reachd;
Teann‑thagraibh cùis na bantraich truaigh
's air fann na deanaibh lochd.
7An sin, mar chorcur dearg ged robh
'ur lochdan, nighear uaibh
An sal, is bidh sibh glan, tre ghràs,
mar shneachd a's àille snuadh.
Currently Selected:
Laoidhean 17: LSN1987
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1987, 2017
© Scottish Bible Society 1987, 2017