YouVersion Logo
Search Icon

Laoidhean 21

21
LAOIDH 21
Isaiah 33.13-18
1Ho! gach aon neach fad as no dlùth
do'n chùis so gabhaibh suim;
Bidh àgh is beannachd aig na naoimh,
ach sgriosar daoine daoi.
2An ti bhios ionraic treibhdhireach
fa chomhair Dhé gach uair,
Ri gnìomh gun iochd nach cuir a làmh,
's air bréig gu bràth nach luaidh;
3An ti nach laimhsich duais an uilc,
's gu ceilg nach buair an saogh'l,
Nach seall gun ghràin air lochd air bith,
's nach gluais air slighe chlaoin:
4An ti sin còmhnuidh gheibh gu bràth
'an daingneach làidir Dhé;
Gun easbhuidh gheibh e 'theachd‑an‑tìr,
is caisgear iota 's fheum.
5Fadheòidh bidh Nèamh dha fosgailte,
le dorsaibh farsuinn fial,
'S le Righ nan righrean bithidh e
gu tèaruint' feadh gach ial.

Currently Selected:

Laoidhean 21: LSN1987

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in