YouVersion Logo
Search Icon

Laoidhean 35

35
LAOIDH 35
Mat. 26.26-29
1San oidhche san do bhrathadh Ìos',
'S e rèidh gu bheatha leigeil sìos,
Ghlac esan aran, 's bheannaich e,
Toirt buidheachais do Rìgh nan nèamh.
2'N sin thubhairt e ri chàirdean gaoil,
('S e briseadh 'n t‑samhlaidh sin air fheòil,)
Glacaibh 's ithibh; uaith seo gu bràth,
Air chuimhne gleidhibh latha mo bhàis.
3Ghlac e an cupan fòs na làimh.
Is thog e rithist a ghuth an‑àird,
Tràth labhair e le briathran sìth,
Is teas‑ghràdh lasadh suas na chridh:
4M' fhuil, amhail seo, bheir mise seach,
Mar èirig anm' airson gach neach;
Seo seula cùmhnaint slàint is gràis,
Cruaidh‑naisgte leamsa ann am bhàs.
5Làn luchdaichte le gràdh do dhaoin,
Tha 'n cupan seo, 's an ìocshlàint saor;
Gabhaibh dheth uile, 's bithibh beò;
Bibh cuimhneach orms thug suas an deò.
LAOIDH 35
Air dhòigh eile
2 San oidhch' an d'éirich gach aon nàmh,
an aghaidh Slànuighear dhaoin',
Ghlac e, 's e réidh gu dol gu bàs,
aran 'na làmhaibh naomh'.
2 'S air toirt da buidheachais do Dhia,
tha riaghlaidh talamh 's nèimh.
An t‑aran bhris, mar shamhl' air fheòil,
is thuirt gu fòil r'a threud;
3 Mo chorp‑sa briste, amhuil so,
feuch bheir mi dhuibh gu saor;
Oir air 'ur sonsa bhriseadh e,
's air son a' chinne‑daoin'.
9 Glacaibh is ithibh, uime sin,
is cuimhnichibh mo bhàs,
Gach uair a ni sibh 'n obair cheudn'
'na dhéigh so, gu là bhràth.
4 Ghlac e an sin 'n a làimh an cup',
's thug buidheachas faraon,
Bha 'chridhe laiste le teas ghràdh,
shruth slàint' o 'bhilibh caoin.
5 Feuch amhuil so bheir mise m'fhuil,
gu'r teàrn' o ghuin a' bhàis;
Gabhadh gach neach; tha 'n iocshlaint saor
do gach uil' aon le'n àill.
6 Air feadh gach linn sìor‑chuimhnichibh,
mòr‑shaoibhreas m'iochd 's mo ghràis,
So seul a' chùmhnaint ni mi ruibh,
is cuimhneachan mo bhàis.

Currently Selected:

Laoidhean 35: LSN1987

Highlight

Share

Compare

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in