1
Eòin 3:16
An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017
“Oir is ann mar seo a ghràdhaich Dia an saoghal: gun tug e aonghin Mhic fhèin, airson 's, ge b' e a chreideas ann, nach tèid a sgrios ach gum bi a' bheatha shìorraidh aige.
Compara
Explorar Eòin 3:16
2
Eòin 3:17
Oir cha do chuir Dia a Mhac dhan t‑saoghal airson 's gun dìteadh e an saoghal, ach gus am biodh an saoghal air a shaoradh troimhesan.
Explorar Eòin 3:17
3
Eòin 3:3
Fhreagair Ìosa e, “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh riut, mura bi neach air a bhreith a‑rithist, chan urrainn dha rìoghachd Dhè fhaicinn.”
Explorar Eòin 3:3
4
Eòin 3:18
Ge b' e a chreideas ann, chan eil e air a dhìteadh, ach ge b' e nach eil a' creidsinn, tha e air a dhìteadh mu thràth, a chionn 's nach do chreid e ann an ainm aonghin Mhic Dhè.
Explorar Eòin 3:18
5
Eòin 3:19
Is e seo an dìteadh: tha an solas air tighinn a‑steach dhan t‑saoghal, agus ghràdhaich daoine an dorchadas nas motha na an solas a chionn 's gun robh an gnìomhan olc.
Explorar Eòin 3:19
6
Eòin 3:30
Feumaidh esan fàs nas motha; feumaidh mise fàs nas lugha.
Explorar Eòin 3:30
7
Eòin 3:20
Oir tha fuath aig a h‑uile neach a nì olc dhan t‑solas, agus cha tig e chun an t‑solais air eagal 's gum bi a ghnìomhan air an dèanamh follaiseach.
Explorar Eòin 3:20
8
Eòin 3:36
Ge b' e a chreideas anns a' Mhac, tha a' bheatha shìorraidh aige, ach ge b' e nach creid anns a' Mhac, chan fhaic e beatha, oir tha fearg Dhè a' fantainn air.”
Explorar Eòin 3:36
9
Eòin 3:14
Agus dìreach mar a thog Maois an nathair suas anns an fhàsach, mar sin feumaidh Mac an Duine a bhith air a thogail suas
Explorar Eòin 3:14
10
Eòin 3:35
Tha gràdh aig an Athair air a' Mhac agus thug e dha a h‑uile rud na làimh.
Explorar Eòin 3:35
Inici
La Bíblia
Plans
Vídeos