1
Eòin 4:24
An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017
Is e spiorad a th' ann an Dia, agus feumaidh an luchd‑adhraidh aige adhradh a dhèanamh dha ann an spiorad agus ann am fìrinn.”
Compara
Explorar Eòin 4:24
2
Eòin 4:23
Ach tha an uair a' tighinn, agus tha e a‑nis ann, nuair a nì am fìor luchd‑adhraidh adhradh dhan Athair ann an spiorad agus ann am fìrinn, oir is iad a leithid seo de luchd‑adhraidh a tha an t‑Athair a' sireadh.
Explorar Eòin 4:23
3
Eòin 4:14
ach ge b' e a dh'òlas dhen uisge a bheir mise dha, cha bhi pathadh gu bràth tuilleadh air. Ach an t‑uisge a bheir mise dha, bidh e na fhuaran uisge ann, ag èirigh suas chun na beatha sìorraidh.”
Explorar Eòin 4:14
4
Eòin 4:10
Fhreagair Ìosa i, “Nam b' aithne dhut tiodhlac Dhè agus cò e a tha ag ràdh riut, ‘Thoir dhomh deoch,’ bhiodh tu air iarraidh airsan agus bhiodh e air uisge beò a thoirt dhut.”
Explorar Eòin 4:10
5
Eòin 4:34
Thuirt Ìosa riutha, “Is e mo bhiadh‑sa toil an aoin a chuir a‑mach mi a dhèanamh, agus an obair aigesan a chrìochnachadh.
Explorar Eòin 4:34
6
Eòin 4:11
“A Thighearna,” thuirt am boireannach, “chan eil soitheach‑tarraing agad, agus tha an tobar domhainn. Cò às an tig an t‑uisge beò sin agad?
Explorar Eòin 4:11
7
Eòin 4:25-26
Thuirt am boireannach ris, “Tha fios agam gu bheil am Mesiah (ris an canar Crìosd) a' tighinn. Nuair a thig esan, innsidh e a h‑uile rud dhuinn.” Thuirt Ìosa rithe, “Is mise esan a tha a' bruidhinn riut.”
Explorar Eòin 4:25-26
8
Eòin 4:29
“Thigibh 's faicibh duine a dh'innis dhòmhsa a h‑uile rud a rinn mi riamh. Nach e seo an Crìosd?”
Explorar Eòin 4:29
Inici
La Bíblia
Plans
Vídeos