N. Luc 22
22
XXII. CAIB.
Iudas a brath Chriosta: an t-suipeir dheirionnach: a chiad chuid de ʼn phais.
1A nis bha feill an arain neo-ghoirtichte, ris an canar a chàisg, aig laimh;
2Us bha na h-ard-shagairt, ʼs na Sgriobhaich a sireadh ciamar a chuireadh iad Iosa gu bàs: ach bha eagal an t-sluaigh orra.
3Ach chaidh satan ann an Iudas, a shloinneadh Iscariot, fear de na dhà-dhiag.
4ʼS chaidh e agus bhruidhinn e ris na h-ard-shagairt, ʼs ris na h-uachdrain, mu ʼn doigh air am brathadh e dhaibh e.
5Agus bha iad ro-thoilichte, us rinn iad cumhnant ris airgiod a thoirt da.
6Agus gheall e. Us dhʼ iarr e fàth a bhrath an ainfhios air an t-sluagh.
7Agus thainig latha an arain neo-ghoirtichte, air am feumte a chàisg a mharbhadh.
8Us chuir e Peadar agus Eoin, a g-radh: Falbhaibh, agus deasaichibh dhuinn a chàisg gus gun ich sinn i.
9Ach thuirt iadsan: Càit an aill leat sinn ga deasachadh?
10Us thuirt e riu: Seall, agus sibh a dol stigh do ʼn bhaile, coinnichidh fear sibh a giulan cuinneag uisge: leanaibh e thun an tighe anns an teid e stigh;
11Agus their sibh ri fear an tighe: Tha am maighistir a g-radh riut: Càit a bheil seomar nan aoidhean, far an ith mi chàisg maille ri mo dheisciopuil?
12Agus fiachaidh esan dhuibh seomar-bìdh farsuinn uidheamaichte, agus deasaichibh an sin.
13ʼS air dhaibhse falbh, fhuair iad mar a thuirt e riu, agus rinn iad deas a chàisg.
14ʼS nuair a thainig an uair, shuidh e sios, ʼs an dà ostal dhiag maille ris.
15Us thuirt e riu: Le ro-mhiann bu mhiann leam a chàisg so ithe maille ribh mum fuilig mi.
16Oir tha mi g-radh ribh, nach ith mi i á so suas, gus an coimhlionar i ann an rioghachd Dhe.
17ʼSa glacail na cailis, thug e taing, us thuirt e: Gabhaibh, us roinnibh eadaraibh i.
18Oir tha mi g-radh ribh nach ol mi de mheas na fionain, gus an tig rioghachd Dhe.
19ʼSa breith air aran, thug e taing, us bhrist e, us thug e dhaibh, a g-radh: Se so mo chorpsa, a tha air a thoirt seachad air ur son: Dianaibh so mar chuimhneachan ormsa.#22.19 XXII., 19. Dianaibh so mar chuimhneachan ormsa. Tha ʼn iobairtʼs an t-sacramaid so gu bhith san eaglais gu deireadh an t-saoghail, los bàs Chriosta chur an ceill gus an tig e. Ach ged is cuimhneachan iad, cha n-eil sin an seol air bith dol an aghaidh fuil us feoil Chriosta a bhith gu fior a lathair fo riochd na sacramaid, riochd a tha fiachuinn a bhàis: an aite sin se so cheart doigh a dhʼ àithn e fhein a leanail gus a bhàs a chuimhneachadh agus a luaidh, le bhith tairgse mar iobairt, ʼs le bhith gabhail san t-sacramaid na fala ʼs na feola sin leis an deach ar saoradh.
20ʼSa chailis mar an ciadna an deigh na suipreach, a g-radh: Si chailis so an tiomnadh nuadh na mʼ fhuilse, a dhoirtear air ur son.
21Ach, seall, tha lamh an fhir, a bhrathas mi, maille rium air a bhord.
22Agus tha Mac an duine gu dearbh a falbh a reir ʼs mar chaidh orduchadh: ach se mo thruaighe an duine sin leis am brathar e.
23Agus thòisich iad air faighneachd ʼnam measg fhein, co dhiubh a dhianadh so.
24Agus dhʼeirich consachadh eatorra, co shaoilte bu mhua dhiu.
25Us thuirt e riu: Tha righrean nan cinneach gan riaghladh le smachd; agus theirear daoine mathasach riusan, aig a bheil cumhachd fos an cionn.
26Ach cha n-ann mar so a bhios sibhse: ach am fear is mua a tha ʼnur measg, bitheadh e mar am fear is oige; ʼs am fear is ceannard, mar esan a tha frithealadh.
27Oir co-dhiu is mua am fear a tha ʼna shuidhe aig bord, no ʼm fear a tha frithealadh? nach e am fear a tha aig bord? Ach tha mise ʼnur measgsa mar fhear-frithealaidh.
28Agus is sibhse iad, a dhʼfhan comhla rium na mʼ bhuairidhean:
29Agus tha mise a buileachadh oirbhse, mar a bhuilich mʼ Athair ormsa, rioghachd,
30Los gun ich ʼs gun ol sibh aig mo bhord na mʼ rioghachd; ʼs gun suidh sibh air cathraichean, a toirt breth air dà threibh dhiag Israil.
31Us thuirt an Tighearna: A Shimoin, a Shimoin, seall, dhʼ iarr Satan sibh, gus ur criathradh mar chruithneachd:
32Ach ghuidh mi air do shonsa nach failnicheadh do chreideamh: ʼs an deigh do thionndadh, neartaich do bhraithrean.
33Fhreagair e e: A Thighearna, tha mi deas gu dol am priosan maille riut, araon agus gu bàs.
34Ach thuirt esan: Tha mi g-radh riut, a Pheadair, nach goir an coileach an diugh, gus an aicheadh thu tri uairean gum bʼ aithne dhut mi. Us thuirt e riu:
35Nuair a chuir mi air falbh sibh gun sporan, gun mhàla, ʼs gun bhrogan, an robh dad sam bith a dhith oirbh?
36Ach thuirt iad: Cha robh. An sin thuirt e riu: Ach an drasda am fear aig a bheil sporan gabhadh e e, agus màla mar an ciadna; ʼs am fear aig nach eil, reiceadh e chota, agus ceannaicheadh e claidheamh.
37Oir tha mi a g-radh ribh, gum feumar so fhathast a tha sgriobhte a bhith air a choimhlionadh unnamsa: Agus bha e air aireamh am measg nan ciontach. Oir tha na nichean, a tha mu mʼ dheidhinnse gu criochnachadh.
38Ach thuirt iadsan: A Thighearna, faic, tha dà chlaidheamh an so. Us thuirt e riu: Foghnaidh sin.
39ʼSa dol a mach, thriall e, mar a chleachd e, gu sliabh Olibheit. Agus lean a dheisciopuil e.
40ʼS nuair a rainig e an t-aite, thuirt e riu: Dianaibh urnaigh, los nach tuit sibh ann am buaireadh.
41Agus tharruinneadh e bhuapa cho fada ri urchair cloiche: agus a dol air a ghluinean, rinn e urnaigh,
42A g-radh: Athair, ma se do thoil e, cuir a chailis so seachad orm: ach cha n-e mo thoil-sa, ach do thoil-sa gun robh diante.
43Agus nochdadh dha aingeal bho neamh ga neartachadh. Agus lean e, ʼs e ann an spairn, air urnaigh na bʼfhaide.
44Agus thainig fallus air mar bhoinnean fala a sileadh gu làr.
45ʼS nuair a dhʼeirich e bho urnaigh, ʼsa thainig e gu dheisciopuil, fhuair e iad ʼnan cadal leis a bhròn.
46Us thuirt e riu: Car-son a tha sibh ʼnur cadal? eiribh, dianaibh urnaigh, los nach tuit sibh ann am buaireadh.
47ʼS nuair a bha e fhathast a labhairt, seall, sluagh; agus bha esan, dhaʼm bʼainm Iudas, fear de na dhà-dhiag, air an ceann; agus dhluthaich e ri Iosa gus a phogadh.
48Agus thuirt Iosa ris: Iudais, am beil thu brath Mhic an duine le poig?
49ʼS iadsan, a bha mun cuairt da, a faicinn ciod a bha gu tachairt, thuirt iad ris: A Thighearna, am buail sinn leis a chlaidheamh?
50Us bhuail fear dhiu seirbhiseach an ard-shagairt, agus ghearr e dheth a chluas dheas.
51Agus thuirt Iosa, ʼs e freagairt: Fuiligibh an fhad so. ʼS nuair a bhean e dha chluais, leighis e i.
52Agus thuirt Iosa ris na h-ard-shagairt, ʼs ri uachdrain an teampuill, ʼs ris na seanairean, a thainig ga ionnsuidh: An tainig sibh le claidhean ʼs le bataichean mar gum bʼ ann gu meirleach?
53Nuair a bha mi a h-uile latha cuide ribh san teampull, cha do shìn sibh lamh am aghaidh: ach si so ur n-uair-sa, agus cumhachd an dorchadais.
54ʼS ga ghlacadh, thug iad e gu tigh an ard-shagairt: ach lean Peadar e fad as.
55ʼS nuair a bheothaich iad teine am miadhon an talla, shuidh iad mun cuairt da, us Peadar ʼnam miadhon.
56ʼS nuair a chunnaic searbhant araid e ʼna shuidhe aig an t-solus, ʼsa ghabh i fior-bheachd air, thuirt i: Bha e so cuideachd maille ris.
57Ach dhʼaicheadh esan e, a g-radh: A bhoirionnaich, cha n-aithne dhomh e.
58Agus seal an deigh sin thuirt urra eile, ʼs e ga fhaicinn: Tha thusa dhiu. Ach thuirt Peadar: A dhuine, cha n-eil.
59ʼS mun cuairt de dhʼaon uair a thìm an deigh sin, chomhdaich feareigin eile air, a g-radh: Gu firinneach bha an duine so comhla ris: oir is Galiléach e.
60Us thuirt Peadar: A dhuine, cha n-eil fhios agam ciod a tha thu cantuinn. ʼS air ball, ʼs e fhathast a bruidhinn, ghoir an coileach.
61ʼS an Tighearna a tionndadh, sheall e air Peadar. Agus chuimhnich Peadar air facal an Tighearna, mar a thuirt e: Mu ʼn goir an coileach, aicheadhaidh tu mi tri uairean:
62Us Peadar a dol mach, ghuil e gu goirt.
63Agus rinn na fir, a bha cumail Iosa, magadh air, ga bhualadh.
64Agus chomhdaich iad a shuilean, us bhuail iad san aodann e; agus dhʼ fharraid iad dheth, a g-radh: Fàisnich, co e bhuail thu?
65ʼSa labhairt blaisbheum, thuirt iad a bharrachd ioma ni eile ʼna aghaidh.
66Agus cho luath ʼsa bha an latha ann, thionail seanairean an t-sluaigh, ʼs na h-ard-shagairt, ʼs na Sgriobhaich, us thug iad thun an comhairle e, a g-radh: Ma ʼs tu Criosta, innis dhuinn.
67Us thuirt e riu: Ma dhʼ innseas mi dhuibh, cha chreid sibh mi:
68ʼS ma chuireas mi ceisd oirbh, cha fhreagair sibh mi, us cha mhua leigeas sibh as mi.
69Ach an deigh so bithidh Mac an duine ʼna shuidhe air deas laimh cumhachd Dhe.
70An sin thuirt iad uile: An tusa Mac Dhe? Thuirt esan: Tha sibhse g-radh gur mi.
71Us thuirt iadsan: Ciod am feum a thʼ againn air tuilleadh teisteanais? oir chuala sinn e bho bhial fhein.
S'ha seleccionat:
N. Luc 22: MacETN
Subratllat
Comparteix
Copia
Vols que els teus subratllats es desin a tots els teus dispositius? Registra't o inicia sessió
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017