N. Luc 23
23
XXIII. CAIB.
Eachdraidh na pais air a leanailt.
1ʼS air eirigh do ʼn chuideachda uile aca, thug iad gu Pilat e.
2Agus leig iad air coire chur air, a g-radh: Fhuair sinn an duine so a cur ar cinnidh air aimhreadh, ʼsa bacail cis a thoirt do Chésar, ʼsa g-radh gur e fhein Criosta an righ.
3Agus dhʼfharraid Pilat dheth, a g-radh: An tu righ nan Iudhach? Ach thuirt esan, ʼs e freagairt: Tha thu ga radh,
4Us thuirt Pilat ris na h-ard-shagairt ʼs ris an t-sluagh: Cha n-eil mi faighinn coire sam bith anns an duine so.
5Ach ʼsann bu bhraise a dhʼfhas iad, a g-radh: Tha e togail an t-sluaigh, a teagasg feadh Iudéa uile, a tòiseachadh aig Galile gu ruig so.
6Ach Pilat a cluinntinn mu Ghalile, dhʼfhaighnich e am bu Ghaliléach e.
7Agus cho luath ʼsa thuig e gur ann fo chumhachd Heroid a bha e, chuir e e gu Herod, a bha sna laithean sin fhein ann an Ierusalem.
8Us Herod a faicinn Iosa, thug sin toileachadh mor dha: oir bha e an geall bho cheann fhada air fhaicinn, a chionn gun cuala e moran mu dheidhinn, agus bha dùil aige gum faiceadh e miarailte air choireigin air a dianamh leis.
9Agus chuir e ceisdean air am moran bhriathran. Ach cha tug e freagairt air bith dha.
10Agus sheas na h-ard-shagairt ʼs na Sgriobhaich a sior-chur choire as a leth.
11Ach chuir Herod us ʼarmailt suarach e; ʼs ga eideadh an trusgan geal, rinn e culaidh-mhagaidh dheth, agus chuir e air ais gu Pilat e.
12Us rinneadh Herod agus Pilat ʼnan cairdean an latha sin fhein: oir roimh sin bu naimhdean dha cheile iad.
13ʼS air do Philat na h-ard-shagairt, ʼs na h-uachdrain, agus an sluagh a ghairm ri cheile,
14Thuirt e riu: Thug sibh gam ionnsuidh an duine so, mar neach a tha cur an t-sluaigh air aimhreadh; agus, seall, an deigh dhomhsʼ a cheasnachadh air ur bialaobh, cha n-eil mi faighinn cionta sam bith san duine so thaobh nan nichean muʼm beil sibhse dianamh casaid air.
15Agus cha mhua tha Herod: oir chuir mi sibh ga ionnsuidh, agus, seall, cha dʼ rinneadh ni ris mar toillteannach air bàs.
16Uime sin an deigh a smachdachadh, bheir mi chead da.
17Agus bha e mar fhiachaibh air a h-aon a leigeil mu sgaoil dhaibh air latha na feille.
18Us ghlaodh an sluagh uile comhla, a g-radh: Cuir as dhasan, agus leig mu sgaoil dhuinn Barabbas,
19Neach a thilgeadh am priosan as leth ceannairce araid a rinneadh sa bhaile, ʼs air son muirt.
20Agus labhair Pilat riu rithist, ʼs e toileach Iosa a leigeil mu sgaoil.
21Us ghlaodh iadsan a rithist, a g-radh: Ceus e, ceus e.
22ʼS an treas uair thuirt e riu: Car-son, ciod an t-olc a rinn e? cha n-eil mi faighinn aobhar bàis ann: smachdaichidh mi e ma ta, us leigidh mi chead da.
23Ach le iolaich aird dhianlean iad a g-iarraidh a cheusadh; agus bhuadhaich an guth-sa.
24Agus thug Pilat binn, gum faigheadh iad an iarratas.
25Agus leig e as dhaibh am fear a bha iad a g-iarraidh, ʼsa chuireadh am priosan air son muirt us ceannairce: ach liubhair e Iosa seachad dha ʼn toil.
26Us nuair bha iad ga thoirt leo, rug iad air Simon araid bho Chirene, ʼs e tilleadh bho thigh-ducha; agus chuir iad a chrois air, gus a giulan an deigh Iosa.
27Agus bha cuideachda mhor sluaigh agus bhoirionnach ga leanntuinn, a bha a caoidh ʼsa gal air a shon.
28Agus thuirt Iosa, ʼs e tionndadh riu: A nigheana Ierusalem, na bithibh a gal air mo shonsa, ach guilibh air ur son fhein, ʼs air son ur cloinne.
29Oir, seall, thig na laithean anns an abair iad: Is sona na mnathan neo-thorrach, ʼs na bronnaichean nach do ghin, ʼs na ciochan nach tug bainne.
30An sin tòisichidh iad ri radh ris na beanntan: Tuitibh oirnn; ʼs ris na cnuic: Fallaichibh sinn.
31Oir ma ni iad na nichean so air an fhiodh ùr, ciod a nithear air a chrionaich?
32Us thugadh dithis eile de dhroch dhaoine comhla ris, gus an cuirteadh gu bàs iad.
33Agus nuair rainig iad an t-aite ris an abrar Calbhari, cheus iad an sin e, agus na meirlich, fear air an laimh dheis, am fear eile air an laimh chli.
34Us thuirt Iosa: Athair, thoir mathanas dhaibh, oir cha n-aithne dhaibh ciod a tha iad a dianamh. Agus roinn iad ʼaodach, a tilgeadh chrann.
35Agus sheas an sluagh a g-amharc, agus rinn na h-uachdrain cuide riu magadh air, a g-radh: Shabhail e feadhainn eile, sabhaladh e e fhein, ma ʼs esan Criosta taghte Dhe.
36Agus rinn na saighdearan cuideachd fanaid air, a tighinn dluth, ʼsa tairgse fion-gheir dha,
37ʼSa g-radh: Ma ʼs tu righ nan Iudhach, sabhail thu fhein.
38Agus bha sgriobhadh mar an ciadna fos a chionn, sgriobhte ann an litrichean Greigis, us Laidinn, us Eabhra: Se so righ nan Iudhach.
39Agus labhair fear dhe na meirlich a chrochadh blais-bheum ʼna aghaidh, a g-radh: Ma ʼs tu Criosta, sabhail thu fhein agus sinne.
40Ach am fear eile a freagairt, chronaich e e, a g-radh: Nach eil eagal De unnad, us tu fo ʼn diteadh chiadna?
41Us sinne gu dearbh le ceartas: oir tha sinn a faighinn mar a thoill ar gniomhan: ach cha dʼ rinn e so olc air bith.
42Agus thuirt e ri Iosa: A Thighearna, cuimhnich ormsa, nuair a thig thu gu dʼ rioghachd.
43Agus thuirt Iosa ris: Gu deimhinn tha mi g-radh riut: An diugh bithidh thu maille riumsa am pàrras.
44Us bha e mun cuairt do ʼn t-siathamh uair, agus bha dorchadas air an talamh uile gus an naoitheamh uair.
45Agus thainig dorchadas air a ghrein: agus sthracadh brat an teampuill ʼna mhiadhon.
46Agus Iosa a g-eigheach le guth ard, thuirt e: Athair, ann ad lamhan tha mi liubhairt mo spioraid. ʼSa g-radh so, thilg e an anail.
47A nis an ceannard-ciad a faicinn ciod a thachair, thug e gloir do Dhia, a g-radh: Gu dearbh bu duine ionraic e so.
48ʼS an sluagh uile a chruinnich dhʼionnsuidh an t-seallaidh so, ʼsa chunnaic na rinneadh, thill iad a bualadh an uchd.
49Agus sheas a luchd-eolais uile, ʼs na boirionnaich, a lean e bho Ghalile, fad as a faicinn nan nichean so.
50Agus, seall, duine, dha ʼm bʼ ainm Ioseph, a bha ʼna chomhairleach, duine math agus ceart,
51(Duine nach dʼ aontaich dha ʼn comhairle no dha ʼn dianadas:) bho Arimatéa, baile ann an Iudéa, aig an robh suil e fhein ri rioghachd Dhe.
52Chaidh am fear so gu Pilat, agus dhʼ iarr e corp Iosa;
53Agus air dha a thoirt a nuas, shuain e an anart grinn e, agus chuir e ann an uaigh snaithte á creig e, anns nach deachaidh duine a chur riamh roimhe.
54Agus bʼ e là an uidheamachaidh a bhʼ ann, us bha an t-sàbaid faisg.
55Agus chunnaic na boirionnaich, a thainig comhla ris ga leanailt á Galile, an uaigh, ʼs mar a chaidh a chorp a chur.
56ʼSa tilleadh rinn iad deas spiosradh agus ola; ʼs ghabh iad fois air an t-sàbaid a reir na fainte.
S'ha seleccionat:
N. Luc 23: MacETN
Subratllat
Comparteix
Copia
Vols que els teus subratllats es desin a tots els teus dispositius? Registra't o inicia sessió
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017