Genesis 10

10
1A‑nis is iad sin ginealaichean mic Nòah, Sem, Ham, agus Iàphet: agus rugadh dhaibh mic an dèidh na dìle.
2Mic Iàpheit; Gomer, agus Magog, agus Madai, agus Iabhan, agus Tubal, agus Mesech, agus Tiras.
3Agus mic Ghomeir; Ascenas, agus Riphat, agus Togarmah.
4Agus mic Iabhain; Elisa, agus Tarsis, Citim, agus Dodanim.
5Leo sin roinneadh eileanan nan cinneach nan tìrean fhèin; gach aon a rèir a theanga, a rèir an teaghlaichean, nan cinnich.
6Agus mic Ham: Cus, agus Midsraim, agus Phut, agus Canàan.
7Agus mic Chuis: Sèba, agus Habhilah, agus Sabtah, agus Raamah; agus Sabtecha: agus mic Raamah: Sèba, agus Dedan.
8Agus ghin Cus Nimrod: thòisich esan air a bhith cumhachdach anns an talamh.
9Bha e na shealgair cumhachdach an làthair an Tighearna: uime sin theirear, Amhail mar Nimrod, an sealgair cumhachdach an làthair an Tighearna.
10Agus b’e toiseach a rìoghachd Bàbel, agus Erech, agus Acad, agus Calneh, ann an tìr Shinair.
11As an tìr sin chaidh a‑mach Asur, agus thog e Ninebheh, agus baile Rehobot, agus Calah,
12Agus Resen eadar Ninebheh agus Calah: is baile mòr sin.
13Agus ghin Midsraim Ludim, agus Anamim, agus Lehabim, agus Naphtuhim,
14Agus Patrusim, agus Casluhim (on tàinig a‑mach Philistim), agus Caphtorim.
15Agus ghin Canàan Sìdon a chiad-ghin, agus Het,
16Agus an t‑Iebusach, agus an t‑Amorach, agus an Girgasach,
17Agus an t‑Hibheach, agus an t‑Harcach, agus an Sineach,
18Agus an t‑Arbhadach, agus an Semàrach, agus an t‑Hamatach: agus na dhèidh sin sgaoileadh a‑mach teaghlaichean nan Canàanach.
19Agus bha crìoch nan Canàanach o Shìdon, mar a thig thu gu Gèrar, gu ruig Gadsa, mar a thèid thu gu Sòdom agus Gomorrah, agus Admah, agus Seboim gu ruig Lasa.
20Is iad sin mic Ham, a rèir an teaghlaichean, a rèir an teangannan, nan tìrean, agus nan cinnich.
21Agus do Shem fhèin mar an ceudna, athair chloinn Ebair uile, bràthair Iapheit a bu shine, rugadh clann.
22Clann Sheim: Elam, agus Asur, agus Arphacsad, agus Lud, agus Aram.
23Agus clann Araim: Uds, agus Hul, agus Geter, agus Mas.
24Agus ghin Arphacsad Salah; agus ghin Salah Eber.
25Agus do Eber rugadh dithis mhac: b’e ainm aoin dhiubh Peleg; oir na làithean-san roinneadh an talamh; agus b’e ainm a bhràthar Ioctan.
26Agus ghin Ioctan Almodad, agus Seleph, agus Hadsar-mabhet, agus Ierah,
27Agus Hadoram, agus Udsal, agus Diclah,
28Agus Obal, agus Abimael, agus Sèba,
29Agus Ophir, agus Habhilah, agus Iobab: b’iad sin uile mic Ioctain.
30Agus bha an àite-còmhnaidh o Mhesa, mar a thèid thu gu Sephar, beinn anns an àird an ear.
31Is iad sin mic Sheim, a rèir an teaghlaichean, a rèir an teangannan, nan tìrean, a rèir an cinneach.
32Is iad sin teaghlaichean mic Nòah, a rèir an ginealaichean, nan cinnich: agus leo sin roinneadh na cinnich anns an talamh an dèidh na dìle.

انتخاب شده:

Genesis 10: ABG1992

های‌لایت

به اشتراک گذاشتن

کپی

None

می خواهید نکات برجسته خود را در همه دستگاه های خود ذخیره کنید؟ برای ورودثبت نام کنید یا اگر ثبت نام کرده اید وارد شوید