N. Matu 3

3
III. CAIB.
Teagasg Eoin; baisteadh Chriosta.
1Anns na laithean sin thainig Eoin Baiste, a searmonachadh am fasach Iudéa,
2ʼSa g-radh: Dianaibh aithreachas: oir tha rioghachd fhlathanais faisg.#3.2 III., 2. Dianaibh aithreachas. Metanoeite. Air reir cleachdadh nan Sgriobtur ʼs nan aithrichean Naomha, cha n-e aithreachas a ghabhail us caithe-beatha atharrachadh a mhain a thaʼm facal so ciallachadh, ach cuideachd dioladh air son nam peacannan a chaidh seachad le traisg agus le an leithidean eile de dhʼoibrichean aithreachail.
3Oir se so esan mun do labhair am faidh Isaias, a g-radh: Guth neach a g-eigheach san fhasach, Reitichibh slighe an Tighearna, dianaibh direach ʼaisridhean.
4Agus bha eideadh Eoin de chalg chamhal, us crios leathrach timchioll a leasraidh: agus bʼe bhiadh locuist us mil fhiadhaich.
5An sin chaidh Ierusalem a mach ga ionnsuidh agus Iudéa gu leir, ʼs an duthaich uile mun cuairt do Iordan:
6Agus bhaisteadh iad leis ann an Iordan, a g-aideachadh am peacannan.
7Ach a faicinn morain de na Phairisich ʼs de na Sadusaich a tighinn gu bhaisteadh, thuirt e riu: A ghineil nan nathraichean, co dhʼ fhiach dhuibhse teicheadh bhoʼn fheirg a tha ri tighinn?
8Thugaibh a mach ma ta toradh freagrach doʼn aithreachas.
9ʼS na smaoinichibh air a radh umaibh fhein: ʼSe Abraham ar n-athair-ne. Oir deiream ribh gum beil Dia comasach air mic a thogail suas do Abraham de na clachan sin.
10Oir a nis tha an tuagh air a cur ri bun nan craobh. Uime sin a h-uile craobh nach toir mach dea-mheas, theid a gearradh sios, ʼsa tilgeadh san teine.
11Tha mise gu dearbh gu ʼr baisteadh le uisge gu aithreachas: ach esan a thig am dheigh se is cumhachdaiche na mise, ʼs cha n-airidh mi air a bhrogan a ghiulan: baistidh esan sibh san Spiorad Naomh agus ann an teine.
12Aigesan tha ghuit ʼna laimh, us glanaidh e gu buileach ʼurlar-bualaidh, agus tionailidh e a chruithneachd gu shabhal; ach loisgidh e am moll le teine nach gabh diocladh.
13An sin thainig Iosa bho Ghalile gu Iordan dhʼionnsuidh Eoin, gu bhith air a bhaisteadh leis.
14Ach bhac Eoin e, a cantuinn: Bu chòir dhomhsa bhith air mo bhaisteadh leatsa, ʼsa bheil thusa tighinn h-ugamsa?
15Us Iosa freagairt, thuirt e ris: Ceadaich e an drasda: oir ʼsann mar so is còir dhuinn a h-uile ceartas a choimhlionadh. An sin leig e leis.
16Agus nuair bhaisteadh Iosa, thainig e air ball nuas as an uisge: agus, seall, dhʼfhosgladh neamh dha: agus chunnaic e Spiorad De a tearnadh mar chalaman, ʼsa tighinn air.
17Agus, seall, guth bho neamh, a g-radh: Se so mo Mhac ionmhuinn, agus is mor mo thlachd dheth.

اکنون انتخاب شده:

N. Matu 3: MacETN

های‌لایت

به اشتراک گذاشتن

کپی

None

می خواهید نکات برجسته خود را در همه دستگاه های خود ذخیره کنید؟ برای ورودثبت نام کنید یا اگر ثبت نام کرده اید وارد شوید