1
Marcus 9:23
Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986
Thuirt Iosa ris, “Mas urrainn dhut! Tha a h‑uile nì comasach dhan duine a chreideas.”
Comparer
Explorer Marcus 9:23
2
Marcus 9:24
Anns a' mhionaid dh'eubh athair a' ghille, “Tha mi a' creidsinn, ach cuidich thusa mi a thaobh mo mhì-chreidimh.”
Explorer Marcus 9:24
3
Marcus 9:28-29
Nuair a chaidh Iosa a‑steach, dh'fhaighnich a dheisciobail dheth 's iad leo fhèin, “Carson nach b'urrainn dhuinne an droch spiorad a thilgeil a‑mach?” Thuirt e riu, “Cha ghabh an seòrsa spioraid seo a chur a‑mach ach le ùrnaigh.”
Explorer Marcus 9:28-29
4
Marcus 9:50
Tha an salann math, ach ma chailleas an salann a shaillteachd, dè shailleas a‑rithist e? “Biodh buaidh an t‑salainn agaibh annaibh fhèin, agus bithibh beò ann an sìth ri chèile.”
Explorer Marcus 9:50
5
Marcus 9:37
“Ma ghabhas duine sam bith ri leanabh nam ainm-sa, tha e a' gabhail riumsa, agus duine sam bith a ghabhas riumsa, chan ann riumsa a tha e a' gabhail, ach ria-san a chuir an seo mi.”
Explorer Marcus 9:37
6
Marcus 9:41
Ma bheir duine sam bith deoch uisge dhuibh ri h‑òl nam ainm-sa, a chionns gur ann le Crìosd a tha sibh, gu fìrinneach tha mi ag ràdh ruibh gum bi a dhuais cinnteach dha.
Explorer Marcus 9:41
7
Marcus 9:42
“Ma chuireas neach sam bith cnap-starra roimh aon dhen fheadhainn as lugha a tha a' creidsinn annamsa, b'fheàrr dha a bhith air a thilgeil anns a' mhuir agus clach-mhuilinn ma amhaich.
Explorer Marcus 9:42
8
Marcus 9:47
'S mas e do shùil a bheir ort peacachadh, spìon asad i; 's fheàrr a dhol a‑steach a rìoghachd Dhè le aon sùil na dà shùil a bhith agad 's a bhith air do thilgeil a dh'ifrinn
Explorer Marcus 9:47
Accueil
Bible
Plans
Vidéos