1
Ephèsianaich 2:10
Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986
Rinn Dia obair fhèin dhinn, agus ann an Iosa Crìosd chruthaich e as ùr sinn gu bhith a' caitheamh ar beatha a' dèanamh nan deagh ghnìomh a dh'ullaich e dhuinn ro‑làimh.
比較
Ephèsianaich 2:10で検索
2
Ephèsianaich 2:8-9
Oir is ann le gràs a tha sibh air ur saoradh tre chreideamh; chan eil làmh idir agaibh fhèin ann, 's e th'ann ach tiodhlac Dhè. Chan e dad a rinn sibh fhèin a choisinn dhuibh e, 's mar sin chan fhaod neach sam bith a bhith pròiseil as fhèin.
Ephèsianaich 2:8-9で検索
3
Ephèsianaich 2:4-5-4-5
Ach ged a bha sinn marbh nar n‑eas-ùmhlachd, tha Dia cho saidhbhir na thròcair, 's tha an gràdh a th'aige dhuinn cho mòr, 's gun tug e beò sinn còmhla ri Crìosd — 's e a ghràs fhèin a rinn ar saoradh
Ephèsianaich 2:4-5-4-5で検索
4
Ephèsianaich 2:6
Thog e suas sinn còmhla ri Crìosd, 's chuir e sinn nar suidhe còmhla ris ann an nèamh
Ephèsianaich 2:6で検索
5
Ephèsianaich 2:19-20
Mar sin chan eil sibhse nur coimhich 's nur coigrich tuilleadh, ach buinidh sibh do shluagh Dhè agus tha sibh nur buill de theaghlach. Tha sibh air ur bonntachadh air stèidh nan abstol 's nam fàidhean, agus 's e Iosa Crìosd fhèin a' chlach-oisinn.
Ephèsianaich 2:19-20で検索
ホーム
聖書
読書プラン
ビデオ