Kisary famantarana ny YouVersion
Kisary fikarohana

Marcus 5

5
An Gearasènach air a Leigheas
1Thàinig iad gu taobh thall an loch, gu dùthaich nan Gearasènach. 2Nuair a thàinig Iosa a‑mach ás a' bhàta, thachair fear anns an robh droch spiorad ris, 3's e a' tighinn on chladh far an robh e a' còmhnaidh. Cha chumadh duine sam bith ceangailte e, fiù 's le sèinichean. 4Chaidh sèinichean 's geimhlean a chur air iomadh uair, ach bhrist e na sèinichean 's chuir e na geimhlean nam bloighdean, 's cha robh neach sam bith cho làidir 's gun cuireadh e casg air. 5A dh'oidhche 's a là bha e a' falbh air feadh nan uaighean 's nam monaidhean, a' sgriachail 's ga ghearradh fhèin le clachan.
6Nuair a chunnaic e Iosa astar bhuaithe, ruith e far an robh e, 's thuit e aig a chasan. 7Dh'eubh e àird a chlaiginn, “Dè an gnothach a th'agadsa riumsa, Iosa, a Mhic an Dè as àirde? Tha mi a' guidhe ort an ainm Dhè, na dèan mo phianadh.” 8Oir bha Iosa air a ràdh ris an droch spiorad, “Thig a‑mach ás an duine.”
9Dh'fhaighnich Iosa dheth, “Dè an t‑ainm a th'ort?”
Fhreagair esan, “'Se Lègion m'ainm, oir tha mòran dhinn ann.” 10Dh'iarr e gu dùrachdach air gun na droch spioradan a chur a‑mach ás an dùthaich.
11Bha treud mhòr mhuc ann an siod ag ithe air a' mhonadh. 12Dh'eubh na droch spioradan ris, “Cuir sinn gu ruig na mucan, gus an tèid sinn a‑steach anntasan.” 13Thug esan cead dhaibh. Thàinig na droch spioradan a‑mach ás an duine, 's ghabh iad a‑steach dha na mucan. Thog an treud orra le roid, mu dhà mhìle dhiubh, sìos leis a' bhruthach a‑mach air an loch, 's chaidh am bàthadh.
14Theich an fheadhainn a bha gam buachailleachd, 's dh'innis iad anns a' bhaile 's air feadh na dùthcha mar a thachair, 's thàinig daoine a‑mach a choimhead. 15Thàinig iad gu Iosa, 's dè chunnaic iad ach am fear anns an robh an Lègion dheamhan, 's e na shuidhe 's a chuid aodaich uime, 's a chiall air tilleadh thuige. Chuir seo eagal orra. 16'S dh'innis an fheadhainn a chunnaic e mar a thachair dhan fhear anns an robh na deamhain, 's dha na mucan.
17Thòisich iad air iarraidh air Iosa a bhith a' falbh ás na crìochan aca.
18Nuair a bha e a' dol air bòrd a' bhàta, dh'iarr am fear anns an robh na deamhain cead air falbh còmhla ris.
19Ach cha do leig Iosa leis. 'Sann a thuirt e ris, “Bi falbh dhachaigh gu do dhaoine fhèin, 's innis dhaibhsan na nithean mòra a rinn an Tighearna air do shon, 's mar a rinn e tròcair ort.”
20Dh'fhalbh esan 's thòisich e air innse anns na Deich Bailtean na rinn Iosa air a shon, 's ghabh a h‑uile duine ioghnadh.
Nighean Iàruis, 's am Boireannach air an robh an Sileadh-fala
21Nuair a thill Iosa air ais chun an taobh thall, chruinnich sluagh mòr man cuairt air, ri oir an loch. 22Thàinig fear de cheannardan an t‑sionagoig, air an robh Iàrus, 's nuair a chunnaic e Iosa, thuit e aig a chasan 23's ghuidh e air, ag ràdh ris, “Tha mo nighean bheag ri uchd bàis. Nach tig thu 's nach cuir thu do làmhan oirre gus am bi i air a slànachadh, 's gum mair i beò.”
24Dh'fhalbh e còmhla ris. Bha sluagh mòr ga leantainn 's iad ga dhùmhlachadh air gach taobh.
25'S bha boireannach ann a bha air a bhith a' call fala fad dà bhliadhna dheug. 26Bha i air mòran fhulang fo iomadh dotair, 's air a cuid gu lèir a chosg, 's cha robh i dad na b'fheàrr, ach na bu mhiosa buileach. 27Chuala i iomradh air Iosa, thàinig i air a chùlaibh a‑measg an t‑sluaigh, 's bhean i ri aodach. 28Oir bha i ag ràdh rithe fhèin, “Ma thèid agam air beantainn fiù 's ri aodach, bidh mi air mo shlànachadh.”
29Agus gun dàil sam bith sguir i a shileadh fala, agus mhothaich i innte fhèin gun deach a trioblaid a leigheas. 30Dh'aithnich Iosa sa mhionaid gun robh cumhachd air a dhol a‑mach bhuaithe, 's thionndaidh e man cuairt am meadhon an t‑sluaigh, 's thuirt e, “Cò bhean ri m'aodach?”
31Thuirt a dheisciobail ris, “Nach eil thu a' faicinn an t‑sluaigh gad dhùmhlachadh, 's carson mar sin a tha thu ag ràdh, ‘Cò bhean rium?’ ”
32Thug e sùil man cuairt feuch am faiceadh e cò bh'ann. 33A chionns gun robh fhios aice dè thachair dhi, thàinig am boireannach 's i air chrith leis an eagal. Thuit i aig a chasan 's dh'innis i dha a h‑uile nì mar a bha. 34Thuirt esan rithe, “A nighean, rinn do chreideamh slàn thu; bi falbh ann an sìth, 's bi saor o do thinneas.”
35Bha Iosa fhathast a' bruidhinn rithe nuair a thàinig feadhainn bho thaigh Iàruis a ràdh ris, “Tha do nighean marbh; carson a chuireadh tu tuilleadh dragh air a' mhaighistir?”
36Cha do ghabh Iosa suim sam bith dhan nì a chaidh a ràdh, ach thuirt e ri Iàrus, “Na biodh eagal idir ort, ach biodh creideamh agad.” 37Cha do leig e le neach sam bith a dhol còmhla ris ach Peadar agus Seumas agus Eòin bràthair Sheumais. 38Nuair a ràinig iad an taigh, chunnaic e an troimhe-chèile is daoine a' caoidh 's a' caoineadh gu goirt. 39Chaidh e a‑steach 's thuirt e riu, “Carson a tha sibh ris an ùbraid seo 's a' caoineadh? Chan eil am pàisde marbh, 'sann a tha i na cadal.”
40Thòisich iadsan air fanaid air. Chuir e a‑mach a h‑uile duine a bh'ann ach thug e leis athair is màthair a' phàisde agus an fheadhainn a bha còmhla ris, 's chaidh e a‑steach far an robh an nighean. 41Rug e air làimh oirre 's thuirt e rithe, “Talitha koum”; 'se sin, air eadar-theangachadh, “A nìonag, tha mi ag ràdh riut, èirich.”
42Gun dàil sam bith dh'èirich an nighean 's choisich i, oir bha i dà bhliadhna dheug a dh'aois. Chuir seo ioghnadh anabarrach orra. 43Thug e òrdugh teann dhaibh gun seo innse do dhuine, agus dh'iarr e orra biadh a thoirt dhi.

Voafantina amin'izao fotoana izao:

Marcus 5: GLD

Asongadina

Hizara

Dika mitovy

None

Tianao hovoatahiry amin'ireo fitaovana ampiasainao rehetra ve ireo nasongadina? Hisoratra na Hiditra