Seallaibh dhòmhsa bonn na cìse.” Agus thug iad bonn airgid thuige. Agus thuirt Ìosa riutha, “Cò leis a tha an coltas agus an sgrìobhadh seo?”
Thuirt iadsan ris, “Le Cèasar.”
An uair sin thuirt esan riutha, “Mar sin, thugaibh do Chèasar na rudan a tha le Cèasar, agus do Dhia na rudan a tha le Dia.”