Лого на YouVersion
Икона за пребарување

N. Matu 14

14
XIV. CAIB.
Bàs Eoin le ordugh Heroid, Criosta a riarachadh choig mile san fhasach, e a g-imeachd air a mhuir, ʼsa leigheas nan easlainteach uile le beanailt dha eideadh.
1San àm sin chuala Herod an Tetrarch cliu Iosa:
2Us thuirt e ri sheirbhisich: Se so Eoin Baiste; dhʼeirich e bho na mairbh, agus a bhrigh sin tha feartan air an dianamh leis.
3Oir ghlac Herod Eoin, us cheangail e e, agus chuir e am priosan e air son Herodiais, bean a bhrathar.
4Oir thuirt Eoin ris: Cha n-eil e laghail dhut i bhith agad.
5ʼS ged a bha toil aige a chur gu bàs, bha eagal an t-sluaigh air: oir bha meas faidh aca air.
6Ach air latha breith Heroid dhanns nighean Herodiais ʼnan lathair, agus thaitinn i ri Herod.
7Ionnus guna gheall e le mionn gun tugadh e dhi ni sam bith, a dhʼiarradh i air.
8Ach thuirt ise, ʼs i air a comhairleachadh roi sin le mathair: Thoir dhomh an so air meis ceann Eoin Baiste.
9Agus bha an righ duilich: ach air son a mhionna, ʼs air son na feadhnach a bha ʼnan suidhe cuide ris, dhʼorduich e a thoirt di.
10Agus chuir e, us thug e an ceann dhe Eoin anns a phriosan.
11Agus ghiulaineadh a stigh a cheann air meis, us thugadh doʼn chailin e, agus thug ise dha mathair e.
12Agus thainig a dheisciopuil, us thug iad leo a chorp, agus thiodhlaic iad e: ʼsa tighinn dhʼinnis iad do Iosa.
13ʼS nuair a chuala Iosa so, dhʼfhalbh e as a sin air bàta gu aite fàs lethoireach: agus nuair a chual an sluagh so, lean iad air an cois e as na bailtean.
14ʼSa falbh á sin, chunnaic e cuideachda mhor, us ghabh e truas riu, agus leighis e an daoine easlainteach.
15ʼS nuair a thainig am feasgar, thainig a dheisciopuil ga ionnsuidh, a g-radh: Is aite fàs so, us tha an tim an nis air ruith; leig air falbh a chuideachda, los a falbh do na bailtean, gun ceannaich iad biadh dhaibh fhein.
16Ach thuirt Iosa riu: Cha ruig iad a leas falbh; thugaibh fhein biadh dhaibh gus ithe.
17Fhreagair iad e: Cha n-eil againn an so ach coig builionnan us dà iasg.
18Thuirt e riu: Thugaibh gam ionnsuidh an so iad.
19Agus nuair a dhʼorduich e doʼn t-sluagh suidhe sios air an fhiar, ghlac e na coig builionnan ʼs an dà iasg, ʼsa g-amharc suas gu neamh bheannaich e, agus bhrist e, us thug e na builionnan dha dheisciopuil, agus thug na deisciopuil doʼn t-sluagh iad.
20Us dhʼich iad uile, ʼs bha iad riaraichte. Agus thog iad lan dà chliabh dhiag de phronnaig, a bha dhʼ fhuighleach ann.
21Agus bʼe aireamh na feadhnach a dhʼith, coig mile fear, a bharr air boirionnaich us cloinn.
22ʼS air ball thug Iosa air a dheisciopuil a dhol a stigh do bhàta, ʼs dhol roimhe thar a chaol, gus an cuireadh e an sluagh air falbh.
23ʼS an deigh dha an sluagh a sgaoileadh, chaidh e suas ʼna aonar do bheinn a dhianamh urnaigh, ʼs nuair a thainig am feasgar bha e an sin leis fhein.
24Ach bha ʼm bàta am miadhon na fairge air a luasgadh leis na tuinn: oir bha ghaoth ʼnan aghaidh.
25Ach air a cheathramh faire de ʼn oidhche thainig esan gan ionnsuidh a coiseachd air a mhuir.
26Agus nuair a chunnaic iad e coiseachd air a mhuir, dhʼoilltich iad, a g-radh: Se tannasg a thʼann. Us dhʼeigh iad le geilt.
27ʼS air ball labhair Iosa riu: Biodh misneach agaibh, is mise thʼ ann, na biodh eagal oirbh, os esan.
28Agus thuirt Peadar, ʼs e freagairt: A Thighearna, ma ʼs tusa thʼann, iarr ormsa tighinn ad ionnsuidh air na h-uisgeachan.
29Ach thuirt esan: Thig. Us Peadar a tighinn as a bhàta choisich e air an uisge gu Iosa ruighinn.
30ʼSa faireachduinn na gaoith laidir, ghabh e eagal; ʼs nuair a theann e ri dol fodha, ghlaodh e, a g-radh: A Thighearna, teasraig mi.
31Agus ghrad-shìn Iosa lamh, ʼs rug e air, us thuirt e ris: A lag-chreidiche, car-son a bha thu an teagamh?
32Agus nuair a chaidh iad a stigh doʼn bhàta, sguir a ghaoth.
33Agus thainig iadsan a bha sa bhàta agus thug iad aoradh dha, a g-radh: Gu firinneach is tu Mac Dhe.
34Agus nuair a dhʼaisig iad a null, rainig iad talamh Ghenesair.
35ʼS nuair a dhʼaithnich muinntir an aite sin e, chuir iad fios feadh na ducha sin uile, agus thug iad ga ionnsuidh iadsan uile a bha easlainteach;
36Us ghuidh iad air leigeil leo a mhain beanailt do dhʼfhaitheam aodaich. Agus a mhiad ʼsa bhean, rinneadh slan iad.

Селектирано:

N. Matu 14: MacETN

Нагласи

Сподели

Копирај

None

Дали сакаш да ги зачуваш Нагласувањата на сите твои уреди? Пријави се или најави се