Лого на YouVersion
Икона за пребарување

N. Matu 23

23
XXIII. CAIB.
Criosta comhairleachadh an t-sluaigh dea-theagasg nan Sgriobhach ʼs nam Phariseach a leantuinn, ach an droch shamhladh a sheachmadh, ʼsa cur nan deiseiopul ʼnam faireachadh gun iad a leantuinn an sannt: ʼsa maoitheadh ioma truaighe orra as leth an ceilge ʼs an doille.
1An sin labhair Iosa ris an t-sluagh ʼs ri dheisciopuil,
2A g-radh: Tha na Sgriobhaich ʼs na Phairisich ʼnan suidhe air cathair Mhaois.
3Uime sin cumaibh us dianaibh a h-uile ni a their iad ribh: ach na dianaibh air reir an gniomhan: oir their iad agus cha dian.
4Oir ceanglaidh iad eallaichean troma ʼs do-ghiulan, agus sparraidh iad air guaillnean dhaoine iad: ach cha dian iad fhein urad ʼs an carachadh leʼm miar fhein.
5Agus an oibrichean uile tha iad a dianamh los gum faicear le daoine iad: oir tha iad a liadachadh am philacteria, ʼsa miadachadh am fraoidhneasan.
6Oir is toil leo na ciad shuidheachain aig feisdean, ʼs na ciad chathraichean anns na sinagogan,
7Agus fàilt air a mhargadh, agus Rabbi a chantuinn riu le daoine.
8Ach na siribhse Rabbi a chantuinn ribh: oir is aon Mhaighistir a thʼagaibh, agus is braithrean sibh uile.
9Agus na canaibh ur n-athair ri h-aon air talamh, oir is aon ur n-Athair, a tha air neamh.
10Cha mhua theirear maighistirean ribh: oir is aon Mhaighistir a thʼagaibh, Criosta.
11Am fear is mua ʼnur measg, bithidh e ʼna sheirbhiseach dhuibh.
12Ach am fear a dhʼardaicheas e fhein, theid isleachadh: agus am fear a dhʼislicheas e fhein, theid ardachadh.
13Ach mo thruaighe sibh, a Sgriobhaiche ʼsa Phairisiche, a chealgairean; a chionn gum beil sibh a dunadh rioghachd neamh roi dhaoine; oir cha n-eil sibh fhein dol a stigh, agus an fheadhainn, a tha sireadh dol a stigh, cha leig sibh leo.
14Mo thruaighe sibh, a Sgriobhaiche agus a Phairisiche, a chealgairean; a chionn gum beil sibh a creachadh tighean bhantrach, a g-urnaigh urnaighean fada: air son so gheobh sibh breitheanas nas cruaidhe.
15Mo thruaighe sibh, a Sgriobhaiche agus a Phairisiche, a chealgairean: a chionn gun cuairtich sibh muir us tir, gu aon duine thionndadh: ʼs nuair a thionndaidhear e, ni sibh mac ifrinn deth dà chuairt nas mua na sibh fhein.
16Mo thruaighe sibh, a chinn-iuil dhalla, a tha radh: Co sam bith a mhionnaicheas air an teampull, is neoni sin: ach esan a mhionnaicheas air òr an teampuill, is fiachan air e.
17Amadana, ʼsa dhaoine dalla: Co dhiu is mua an t-òr no an teampuill, a tha naomhachadh an òir?
18Agus neach sam bith a mhionnaicheas air an altair, is neoni sin: ach neach air bith a mhionnaicheas air an tiodhlac, a tha air an altair, tha e am fiachan.
19A dhaoine dalla: Co dhiu is mua an tiodlac no an altair, a tha naomhachadh an tiodhlaic?
20Esan ma ta a mhionnaicheas air an altair, tha e mionnachadh oirre fhein, ʼs air gach ni a thʼair a h-uachdar:
21Agus neach air bith a mhionnaicheas air an teampull, tha e mionnachadh air, agus airsan a tha tamh san teampull.
22Agus an neach a mhionnaicheas air neamh, tha e mionnachadh air cathair Dhe, us airsan a tha ʼna shuidhe oirre.
23Mo thruaighe sibh, a Sgriobhaiche agus a Phairisiche, a chealgairean: a tha toirt an deachaimh de mhionn, de dhʼainis, ʼs de chuimin, agus dhʼfhag sibh nichean nas cudtromaiche deʼn lagh, ceartas, us trocair, agus creideamh: iad so bu chòir dhuibh a dhianamh, gun iad sid a dhearmad.
24A chinn-iuil dhalla, a shiolaidheas a mheanbh-chuileag, ʼsa shluigeas an camhall.
25Mo thruaighe sibh, a Sgriobhaiche agus a Phairisiche, a chealgairean: a chionn gum beil sibh a nighe taobh-mach a chupa ʼs na meise: ach air an taobh-stigh tha sibh lan reubainn agus truailleachd.
26A Phairisich dhoill, glan an toiseach taobh-stigh a chupa ʼs na meise, chum gun cinn an taobh-mach glan cuideachd.
27Mo thruaighe sibh, a Sgriobhaiche agus a Phairisiche, a chealgairean: a chionn gum beil sibh coltach ri uaighean geala, a chithear boidheach le daoine air an taobh-mach, ach air an taobh-stigh a tha lan de chnaimhean nam marbh, ʼs deʼn h-uile salachar.
28Mar sin air an taobh-mach tha sibhse gu dearbh a sealltuinn ionraie an lathair dhaoine: ach air an taobh-stigh, tha sibh lan ceilge ʼs eucoire.
29Mo thruaighe sibh, a Sgriobhaiche agus a Phairisiche, a chealgairean, a tha togail uaighean nam faidhean, ʼsa sgeimheachadh cruislean nan ionracan,
30Agus tha sibh a g-radh: Nam bithemid ann ri linn ar n-aithrichean, cha bhiodh comh-pairt againn riu ann am fuil nam faidhean.
31Mar sin tha sibh a toirt teisteanais ʼnur n-aghaidh fhein, a chionn ʼs gur sibh mic na feadhnach a mharbh na faidhean.
32Lionaibh suas ma ta tomhas ur n-aithrichean.
33A nathraiche, a ghineil nan nathraichean, ciamar a sheachnas sibh binn iutharna?
34Uime sin, seall, tha mise cur fhaidhean gu ʼr n-ionnsuidh, agus dhaoine glice, agus Sgriobhach, us cuid dhiu sin marbhaidh sibh agus ceusaidh sibh, us cuid sgiursaidh sibh ʼnur sinagogan, agus ni sibh geur-leanmhuinn orra bho bhaile gu baile:
35Gus a h-uile fuil neo-chiontach a dhoirteadh air talamh a thighinn oirbh, bho fhuil Abeil an t-ionracan gu ruig fuil Shachariais, mac Bharachiais, a mharbh sibh eadar an teampull agus an altair.
36Gu firinneach tha mi g-radh ribh: thig iad so uile air a ghinealach so.
37A Ierusalem, Ierusalem, a mharbhas na fàidhean, ʼsa chlachas an fheadhainn a chuirear ad ionnsuidh, nach minic a bʼaill leam do chlann a chruinneachadh, mar a chruinnicheas a chearc a h-iseanan fo ʼsgiathan, ach cha bʼaill leat!
38Seall, fagar ur tigh falamh dhuibh.
39Oir tha mi a g-radh ribh: cha n-fhaic sibh mise á so suas, gus an abair sibh: Is beannaichte esan a tha tighinn an ainm an Tighearna.

Селектирано:

N. Matu 23: MacETN

Нагласи

Сподели

Копирај

None

Дали сакаш да ги зачуваш Нагласувањата на сите твои уреди? Пријави се или најави се