Laoidhean 9
9
LAOIDH 9
Iob 26.6-14
1Cò ghleachdas ris a' ghairdean threun
a dhealbh na speuran àrd'?
No c'àit am folaich neach e féin
o'n t‑sùil d'an léir gach àit?
2'Na shealladh‑san tha ifrinn féin
is léir‑sgrios uile rùisgt':
'S an ceilear lochd air bith no beud
o fhradharc geur a shùl?
3Air neo‑ni chroch e'n domhan mòr,
's an àirde tuath do agaoil
Ar ionad falamh, agus phaisg
uisge 's na neulaibh faoin'.
4Tràth chithear cumhachd Dhé 's gach àit,
tha sgàil 'ga fholach féin;
Tha 'chaithir cuairtichte le neòil,
's do dhuine beò cha léir.
5Onfha na fairge pillidh e
le tràight air meud a neirt
Is air a' chrìch a thug e dhi
cha téid i chaoidh a thart.
6Roimh achmhasan Iehobhah thréin,
tha talamh 's nèamh air chrith:
Clisgidh an stéidh ma lasas suas
a chorruich uair air bith.
7Gun doinionn luaisgidh e an cuan,
's togaidh e suas a thuinn;
'S an t‑uaibhreach tilgidh e, gun nàmh,
o 'àirde bun os ceann.
8'S e lìonas nèamh le cuideachd naomh,
's a ni iad aobhach ait;
Ach sliochd na nathrach tilgidh sìos
gu ionad claoidh le smachd.
9D'a oibribh 's beag a chithear leinn,
's cha tuig sinn iad sin féin:
Ach tairneanach a Chumhachd mhòir,
cò dh'fheudas chur an céill?
अहिले सेलेक्ट गरिएको:
Laoidhean 9: LSN1987
हाइलाइट
शेयर गर्नुहोस्
कपी गर्नुहोस्
तपाईंका हाइलाइटहरू तपाईंका सबै यन्त्रहरूमा सुरक्षित गर्न चाहनुहुन्छ? साइन अप वा साइन इन गर्नुहोस्
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1987, 2017
© Scottish Bible Society 1987, 2017