1
Genesis 22:14
Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992
Agus thug Abrahàm Iehòbhah‐Iireh mar ainm air an àite sin: mar a theirear gus an là‑an‑diugh, Ann an sliabh an Tighearna chìthear e.
Porovnať
Preskúmať Genesis 22:14
2
Genesis 22:2
Agus thubhairt esan, Gabh a‑nis do mhac, d’aon mhac Isaac, as ionmhainn leat, agus rach do thìr Mhoriah; agus thoir suas an sin e mar thabhartas‐loisgte air aon de na beanntan a dh’innseas mise dhut.
Preskúmať Genesis 22:2
3
Genesis 22:12
Agus thubhairt e, Na leag do làmh air a’ ghille, agus na dèan nì sam bith air: oir a‑nis tha mi fiosrach gu bheil eagal Dhè ort, do bhrìgh nach do chùm thu do mhac, eadhon d’aon mhac, uamsa.
Preskúmať Genesis 22:12
4
Genesis 22:8
Agus thubhairt Abrahàm, Gheibh Dia, a mhic, uan dha fhèin airson tabhartais‐loisgte. Mar sin dh’imich iad cuideachd le chèile.
Preskúmať Genesis 22:8
5
Genesis 22:17-18
Gum beannaich mi thu gu mòr, agus gun dèan mi do shliochd ro‑lìonmhor eadhon mar reultan nèimh, agus mar a’ ghaineamh, a tha air tràigh na fairge: agus sealbhaichidh do shliochd geata an naimhdean; Agus beannaichear ann ad shliochd‐sa uile chinnich na talmhainn, a chionn gun d’èisd thu rim ghuth.
Preskúmať Genesis 22:17-18
6
Genesis 22:1
Agus an dèidh nan nithean sin dhearbh Dia Abrahàm, agus thubhairt e ris, Abrahàim: agus thubhairt e, Feuch, tha mi an seo.
Preskúmať Genesis 22:1
7
Genesis 22:11
Agus ghlaodh aingeal an Tighearna ris o nèamh, agus thubhairt e, Abrahàim, Abrahàim. Agus thubhairt esan, Feuch, tha mi an seo.
Preskúmať Genesis 22:11
8
Genesis 22:15-16
Agus ghlaodh aingeal an Tighearna ri Abrahàm an dara uair o nèamh, Agus thubhairt e, Orm fhèin mhionnaich mi, arsa an Tighearna, a chionn gun do rinn thu an nì seo, agus nach do chùm thu uam do mhac, eadhon d’aon mhac
Preskúmať Genesis 22:15-16
9
Genesis 22:9
Agus thàinig iad don àit a dh’innis Dia dha, agus thog Abrahàm altair an sin, agus chuir e am fiodh an òrdagh; agus cheangail e a mhac Isaac, agus chuir e air an altair e air uachdar an fhiodha.
Preskúmať Genesis 22:9
Domov
Biblia
Plány
Videá