Gnìomharan 1
1
1 Dol suas Iosa gu nèamh. 10 An dèidh a dhol suas thug dà aingeal rabhadh do na h‑abstoil iad a dh’imeachd romhpa, agus a shocrachadh an inntinn air ath‐theachd‐san: 12 a rèir sin thill iad, agus rinn iad ùrnaigh, agus thagh iad Matias na abstol ann an àite Iùdais.
1Rinn mi an ciad leabhar#Lùc 1:1‐4, a Theophiluis, mu thimcheall nan uile nithean a thòisich Iosa air a dhèanamh agus a theagasg,
2Gus an là anns an do thogadh suas e#Gnìo 1:9; Lùc 24:51; 1 Tim 3:16, an dèidh dha, tron Spiorad Naomh, àitheantan a thoirt#Mat 28:19; Marc 16:15‐19 do na h‑abstoil a thagh e:
3Don do rinn e mar an ceudna e fhèin a nochdadh beò an dèidh a fhulangais#Lùc 24:15; Eòin 20; 21, le mòran de chomharraidhean fìrinneach, air dha a bhith air fhaicinn leo feadh dà‑fhichead là, agus e a’ labhairt mu na nithean sin a bhuineadh do rìoghachd Dhè:
4Agus air dha a bhith maille riu, dh’àithn e dhaibh gun iad a dhol o Ierusalem, ach feitheamh ri gealladh an Athar#Eòin 14:26, arsa esan, a chuala sibh uamsa.
5Oir bhaist Eòin gu deimhinn le uisge#Mat 3:11: ach baistear sibhse leis an Spiorad Naomh#Gnìo 2:4; 10:45; 11:15, air bheag làithean an dèidh seo.
6Uime sin nuair a chruinnich iad an ceann a chèile, dh’fheòraich iad dheth, ag ràdh, A Thighearna, an aisig thu aig an àm seo an rìoghachd do Israel#Isa 1:26; Daniel 7:27?
7Ach thubhairt esan riu, Cha bhuin e dhuibhse fios nan aimsir no nan àm fhaotainn#Mat 24:36; 1 Tes 5:1, 2, a chuir an t‑Athair na chumhachd fhèin.
8Ach gheibh sibh cumhachd nuair a thig an Spiorad Naomh oirbh: agus bidh sibh nur fianaisean dhòmhsa#Mat 28:19; Lùc 24:47‐49, araon ann an Ierusalem, agus ann an Iudèa uile, agus ann an Samaria, agus gu iomall na talmhainn.
9Agus nuair a thubhairt e na nithean seo, thogadh suas e#Lùc 24:51, agus iadsan ga fhaicinn; agus thug neul as an sealladh e.
10Agus am feadh a bha iadsan a’ geur‐amharc gu nèamh, agus esan a’ dol suas, feuch, sheas dithis fhear làimh riu ann an aodach geal#Eòin 20:12;
11Agus thubhairt iad, Fheara Ghalile#Gnìo 2:7; 13:31, carson a tha sibh nur seasamh ag amharc gu nèamh? An t‑Iosa seo a thogadh suas uaibh gu nèamh, is amhail sin a thig e, mar a chunnaic sibh e a’ dol do nèamh#Eòin 14:3; 1 Tes 4:16; Tais 1:7.
12An sin thill iad gu Ierusalem#Lùc 24:52, on t‑sliabh ris an abrar Sliabh nan Crann‐ola, a tha am fagas do Ierusalem, astar là sàbaid as.
13Agus nuair a thàinig iad a‑steach, chaidh iad suas do sheòmar uachdarach#Mat 14:15; Lùc 22:12, far an robh a’ fantainn Peadar#Mat 10:2‐4, agus Seumas, agus Eòin, agus Anndras, Philip, agus Tòmas, Bartolomèus, agus Mata, Seumas mac Alphèuis, agus Sìmon Selotes, agus Iùdas bràthair Sheumais.
14Bhuanaich iad seo uile a dh’aon inntinn ann an ùrnaigh (agus ann an guidhe), maille ris na mnathan#Lùc 8:2, 3; 24:10, agus Muire màthair Iosa, agus maille ra bhràithrean.
15Agus anns na làithean sin dh’èirich Peadar ann am meadhon nan deisciobal, agus thubhairt e (b’e àireamh nan ainm a bha an làthair, mu thimcheall ceud agus fichead).
16Fheara agus a bhràithrean, b’èiginn an sgriobtar seo a bhith air a choileanadh, a ro‑labhair an Spiorad Naomh le beul Dhaibhidh timcheall Iùdais, a bha na cheann‐iùil acasan a ghlac Iosa.
17Oir bha e air àireamh maille rinne#Lùc 6:16, agus fhuair e cuibhreann den fhrithealadh seo.
18A‑nis cheannaich am fear seo#Mat 27:5‐10 fearann le duais na h‑eucoir#2 Pead 2:15; agus air dha tuiteam sìos air a aghaidh, sgàin e anns a’ mheadhon, agus bhrùchd a mhionach uile a‑mach.
19Agus rinneadh seo aithnichte do luchd‐àiteachaidh Ierusaleim uile: air chor is gun abrar ris an fhearann sin nan cainnt fhèin, Aceldama, sin ri ràdh, Fearann fala.
20Oir tha e sgrìobhte ann an leabhar nan Salm, Biodh a àite‐còmhnaidh na fhàsach, agus na gabhadh neach sam bith tàmh ann#Salm 69:25: agus, Glacadh neach eile a dhreuchd#Salm 109:8.
21Air an adhbhar sin is còir aon de na daoine sin a bha maille rinne#Lùc 10:1, 2; Eòin 15:27, rè na h‑aimsir sin uile anns an deachaidh an Tighearna Iosa a‑steach agus a‑mach nar measg,
22A’ tòiseachadh o bhaisteadh Eòin, gus an là anns an do thogadh suas uainn e, a bhith air a dhèanamh na fhianais air a aiseirigh‐san maille rinne.
23Agus shònraich iad dithis, Iòseph ris an abrar Barsabas#Gnìo 15:22, dom bu cho‐ainm Iustus, agus Matias.
24Agus rinn iad ùrnaigh, agus thubhairt iad, Thusa a Thighearna, don aithne cridheachan nan uile dhaoine#Ier 17:10; Tais 2:23, foillsich cò den dithis seo a thagh thu,
25A ghabhail cuibhrinn den fhrithealadh agus den abstolachd seo, on do thuit Iùdas le seachran, gu dol da àite fhèin.
26Agus thilg iad an crannchur; agus thuit an crannchur air Matias; agus bha e air àireamh maille ris an aon‐abstol‐deug.
Nu markerat:
Gnìomharan 1: ABIG
Märk
Dela
Kopiera

Vill du ha dina höjdpunkter sparade på alla dina enheter? Registrera dig eller logga in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017