Gnìomharan 3

3
1 Leighis Peadar agus Eòin duine bacach; 12 dh’innis iad don t‑sluagh a bha air cruinneachadh nach do rinneadh am mìorbhail seo le naomhachd nan abstol, ach le cumhachd diadhaidh Chrìosd; 13 chronaich iad iad airson esan a chur gu bàs.
1Agus chaidh Peadar agus Eòin le chèile suas don teampall, aig uair na h‑ùrnaigh, eadhon an naoidheamh uair.
2Agus bha duine àraidh a bha na bhacach o bhroinn a mhàthar air a ghiùlan, neach a chuireadh gach là aig doras sin an teampaill ris an abrar Sgiamhach#Eòin 9:8, a dh’iarraidh dèirce orrasan a bha a’ dol a‑steach don teampall:
3Neach nuair a chunnaic e Peadar agus Eòin air tì dol a‑steach don teampall, a dh’iarr dèirc.
4Agus air do Pheadar sealltainn gu geur air, maille ri Eòin, thubhairt e, Amhairc oirnne.
5Agus thug esan aire dhaibh ann an dòchas gum faigheadh e nì‑eigin uapa.
6An sin thubhairt Peadar, Airgead no òr chan eil agam; ach an nì a tha agam, seo bheir mi dhut. Ann an ainm Iosa Crìosd o Nàsaret#Gnìo 4:10, èirich agus imich.
7Agus air dha breith air a làimh dheis, thog e suas e; agus air ball neartaicheadh a aobrain agus a throighean.
8Agus leum e suas#Isa 35:6, agus sheas e, agus dh’imich e, agus chaidh e a‑steach maille riu don teampall, ag imeachd, agus a’ leumnaich, agus a’ toirt cliù do Dhia.
9Agus chunnaic an sluagh uile e ag imeachd, agus a’ toirt cliù do Dhia.
10Agus dh’aithnich iad esan gum b’e a bha na shuidhe aig geata Sgiamhach an teampaill ag iarraidh dèirce: agus lìonadh iad le iongantas agus le uamhas airson an nì sin a thachair dha.
11Agus a’ cumail Pheadair agus Eòin (don bhacach a chaidh a leigheas), ruith an sluagh uile dan ionnsaigh anns an sgàth‐thaigh ris an abrar sgàth‐thaigh Sholaimh#Gnìo 5:12; Eòin 10:23, làn iongantais.
12Agus nuair a chunnaic Peadar seo, fhreagair e an sluagh, Fheara Israeil, carson a tha sibh a’ geur‐amharc oirnne, mar gum b’ann le ar cumhachd#2 Cor 3:5 no ar naomhachd fhèin a thug sinn air an duine seo imeachd?
13Ghlòraich Dia Abrahàim, agus Isaaic, agus Iàcoib, Dia ar n‑athraichean, a Mhac Iosa#Eòin 17:1; Eph 1:20‐22; Philip 2:9‐11; Eabh 2:9; Tais 1:5, 18; a thug sibhse thairis, agus a dh’àich sibh an làthair Philait, nuair a b’i a bhreith a chur fa sgaoil.
14Ach dh’àich sibhse an t‑Aon naomh#Salm 16:10, agus am Fìrean#Gnìo 7:52; 22:14, agus dh’iarr sibh mortair a thìodhlacadh dhuibh;
15Agus mharbh sibh Prionnsa#3:15 no, ùghdar. na beatha#Eph 1:20, a thog Dia o na mairbh; air a bheil sinne nar fianaisean.
16Agus tre chreideamh na ainm#Gnìo 14:9, 10; Mat 9:22 neartaich e an tì seo, a tha sibhse a’ faicinn, agus as aithne dhuibh: seadh, thug a ainm‐san agus an creideamh a tha trìd‐san, dhàsan an t‑slàinte iomlan seo nur làthair‐se uile.
17Agus a‑nis, a bhràithrean, tha fhios agam gur ann tro aineolas a rinn sibh e#Lùc 23:34; Eòin 16:3; 1 Cor 2:8, mar a rinn mar an ceudna ur n‑uachdarain.
18Ach choilean Dia air an dòigh seo na nithean sin a ro‑fhoillsich e le beul a fhàidhean uile#Gnìo 26:22, 23; Lùc 24:44, gum fuilingeadh Crìosd.
19Air an adhbhar sin, dèanaibh‐se aithreachas#Gnìo 2:38 agus bithibh air ur n‑iompachadh, a‑chum gum bi ur peacaidhean air an glanadh as#Isa 43:25, nuair a thig àmannan fionnaireachd#Ier 31:23‐25; Tais 21:4 o làthair an Tighearna;
20Agus a chuireas e Iosa Crìosd dur n‑ionnsaigh#Gnìo 1:11; Eabh 9:28, a chaidh a ro‑òrdachadh:
21Neach as èiginn do nèamh a ghabhail gu aimsirean aiseag nan uile nithean#Mat 17:11; Ròm 8:18‐25, air an do labhair Dia le beul a fhàidhean naomha uile, o thoiseach an t‑saoghail.
22Oir gu fìrinneach thubhairt Maois ris na h‑athraichean#Deut 18:15‐19, Togaidh an Tighearna ur Dia suas fàidh dhuibh, de ur bràithrean, mar mise; ris‐san èisdidh sibh anns na h‑uile nithean a labhras e ribh.
23Agus tàrlaidh, gach anam nach èisd ris an fhàidh sin, gun sgriosar a‑mach as an t‑sluagh e.
24Seadh, dh’fhoillsich na fàidhean uile o Shamuel, agus iadsan a lean o sin, a mheud dhiubh is a labhair ro‑làimh mu na làithean seo.
25Is sibhse clann nam fàidhean#Ròm 9:4; 15:8, agus a’ choicheangail a rinn Dia ri ar n‑athraichean, ag ràdh ri Abrahàm, Agus ann ad shliochd‐sa bidh uile theaghlaichean na talmhainn air am beannachadh#Gen 22:18.
26Air do Dhia a Mhac Iosa a thogail suas, chuir e dur n‑ionnsaigh‐se e air tùs#Mat 10:5; Lùc 24:47, a‑chum gum beannaicheadh e sibh, leis gach aon agaibh iompachadh o ur lochdan#Isa 59:20; Mat 1:21; Tìt 2:11‐14.

Märk

Dela

Kopiera

None

Vill du ha dina höjdpunkter sparade på alla dina enheter? Registrera dig eller logga in