Gnìomharan 6

6
1 Thagh na h‑abstoil seachdnar gus frithealadh do uireasbhaidh nam bochd: 5 b’aon dhiubh seo Stèphen, neach a bha làn de chreidimh, agus den Spiorad Naomh: 12 chaidh a ghlacadh agus agairt gu h‑eucorach an làthair na comhairle.
1Agus anns na làithean sin, nuair a bha àireamh nan deisciobal a’ meudachadh, dh’èirich gearan am measg nan Greugach an aghaidh nan Eabhraidheach, a chionn gun do dhearmadadh am bantraichean anns an fhrithealadh làitheil#Gnìo 4:35.
2An sin ghairm an dà‑fhear‐dheug mòr‐chuideachd nan deisciobal dan ionnsaigh, agus thubhairt iad, Chan eil e iomchaidh sinne a dh’fhàgail facal Dhè#Ecs 18:17‐26, agus a fhrithealadh do bhùird.
3Uime sin, a bhràithrean, iarraibh a‑mach#Deut 1:13 nur measg seachdnar dhaoine fo dheagh iomradh#Gnìo 16:2; 1 Tim 3:7, 8, 10, làn den Spiorad Naomh agus de ghliocas, a chuireas sinne os cionn an dreuchd seo.
4Ach buanaichidh sinne a‑ghnàth ann an ùrnaigh#1 Tim 4:15, agus ann am ministrealachd an fhacail.
5Agus bha a’ chainnt seo taitneach an làthair na mòr‐chuideachd uile: agus thagh iad Stèphen, duine làn de chreideamh#Gnìo 11:24, agus den Spiorad Naomh, agus Philip#Gnìo 8:5, 26; 21:8, agus Prochoras, agus Nicanor, agus Timon, agus Parmenas, agus Nicolas#Tais 2:6, 15, proseliteach de mhuinntir Antioch;
6Chuir iad iadsan an làthair nan abstol: agus air dèanamh ùrnaigh dhaibh#Gnìo 1:24; 13:3, chuir iad an làmhan orra#1 Tim 4:14; 5:22; 2 Tim 1:6.
7Agus dh’fhàs facal Dhè#Gnìo 12:24; Isa 55:11; agus mheudaicheadh àireamh nan deisciobal gu ro‑mhòr ann an Ierusalem; agus bha cuideachd mhòr de na sagartan umhail don chreideamh#Eòin 12:42.
8Agus rinn Stèphen, làn de chreideamh agus de chumhachd, mìorbhailean agus comharraidhean mòra am measg an t‑sluaigh.
9An sin dh’èirich dream àraidh den t‑sionagog, ris an abrar sionagog nan Libertineach agus nan Cirènianach, agus de mhuinntir Alecsandria, agus na dream o Chilicia, agus on Asia, a’ deasbaireachd ri Stèphen.
10Agus cha b’urrainn iad cur an aghaidh a’ ghliocais agus an spioraid leis an do labhair e#Lùc 21:15.
11An sin thug iad a‑steach le foill daoine#6:11 bhriob iad daoine. a thubhairt, Chuala sinne e a’ labhairt bhriathran toibheumach an aghaidh Mhaois, agus Dhè.
12Agus dhùisg iad suas an sluagh, agus na seanairean, agus na sgrìobhaichean, agus thàinig iad air, agus ghlac iad e, agus thug iad an làthair na comhairle e.
13Agus chuir iad suas fianaisean brèige, a thubhairt, Chan eil an duine seo a’ sgur de labhairt bhriathran toibheumach an aghaidh an ionaid naoimh seo, agus an lagha.
14Oir chuala sinn e ag ràdh gun sgrios an t‑Iosa seo o Nàsaret an t‑àite seo, agus gun atharraich e na gnàthan a thug Maois dhuinne.
15Agus air dhaibhsan uile a bha nan suidhe anns a’ chomhairle amharc gu geur air, chunnaic iad a aghaidh mar aghaidh aingil#Ecs 34:30, 35.

Märk

Dela

Kopiera

None

Vill du ha dina höjdpunkter sparade på alla dina enheter? Registrera dig eller logga in