N. Matu 4

4
IV. CAIB.
Tha Criosta trasgadh; air a bhuaireadh; a teannadh ri teagasg; a taghadh a dheisciopul; ʼsa dianamh mhiarailtean.
1An sin chaidh Iosa stiuradh leis an Spiorad doʼn fhasach, gus e bhith air a bhuaireadh leis an aibhistear.
2ʼS nuair a thraisg e dàfhichead latha agus dàfhichead oidhche, an deigh sin bha acras air.
3ʼS am buaireadair a tighinn, thuirt e ris: Maʼs tu Mac De, orduich do na clachan so a bhith ʼnan aran.
4Os esan, a freagairt: Tha e sgribhte: Cha n-ann air aran a mhain a thig an duine beo, ach air a h-uile facal a thig a mach á bial De.
5An sin thug an deomhan suas e gus am baile naomh, agus chuir e air binnein an teampuill e,
6Agus thuirt e ris: Ma ʼs tu Mac De, tilg thu fhein sios: oir tha e sgribhte: Thug e fainte dha ʼainglean mu dʼ dheidhinn, us togaidh iad suas ʼnan lamhan thu, eagal ma dhʼfhaoidte gum buail thu do chas an aghaidh cloiche.
7Thuirt Iosa ris: Tha e sgribhte rithist: Na buair an Tighearna do Dhia.
8Thug an deomhan e rithist gu beinn gle ard, agus dhʼfhiach e dha rioghachdan an domhain uile agus an gloir,
9Us thuirt e ris: Iad so uile bheir mi dhut, ma thuiteas tu sios agus aoradh a thoirt domh.
10An sin thuirt Iosa ris: Gabh romhad, a shatain: oir tha e sgribhte: Doʼn Tighearna do Dhia bheir thu aoradh, agus dhasan a mhain ni thu seirbhis.
11An sin dhʼfhag an deomhan e; agus, seall, thainig ainglean, agus fhreasdail iad dha.
12Ach nuair a chual Iosa, gun do ghlacadh Eoin, dhʼfhalbh e do Ghalile.
13ʼSa fagail baile Nasareth, thainig e agus ghabh e comhnuidh ann an Capharnaum ri taobh na mara, an criochan Shabuloin agus Nephtalim:
14Gus an ni, a thuirt am faidh Isaias, a choimhlionadh:
15 Talamh Shabuloin us talamh Nephtalim ri oir na mara air taobh thall Iordain, Galile nan Cinneach:
16 Am pobull a shuidh an dorchadas, chunnaic iad solus mor: us dhaibhse, a shuidh an tir sgàil a bhais, dhʼeirich solus.
17Bhoʼn àm sin thòisich Iosa ri teagasg, ʼs ri radh: Dianaibh peanas, oir tha rioghachd De faisg.
18Us nuair a bha Iosa g-imeachd ri taobh muir Ghalile, chunnaic e dithis bhraithrean, Simon dhaʼn ainm Peadar, agus Aindris a bhrathair, a cur lin sa mhuir (oir bʼiasgairean iad).
19Us thuirt e riu: Leanaibh mise, agus ni mi iasgairean dhaoine dhibh.
20Agus ghrad-dhʼfhag iad na lin, us lean iad e.
21ʼSa falbh as a sin, chunnaic e dithis bhraithrean eile, Seumas mac Shebede, agus Eoin a bhrathair, ann am bàta maille riʼn athair Sebede, a càradh an lion: agus ghairm e iad.
22ʼS air ball dhʼfhag iad an lin agus an athair, us lean iad e.
23Agus dhʼimich Iosa mun cuairt feadh Ghalile uile, a teagasg ʼnan sinagogan, ʼsa searmonachadh soisgeul na rioghachd, ʼsa leigheas a h-uile gné thinnis, ʼsa h-uile easlaint am measg an t-sluaigh.
24Agus sgaoil a chliu feadh Shiria uile, us thug iad ga ionnsuidh an sluagh tinn uile, a bha air am pianadh le iomadh aiceid agus doruinn, us iadsan anns an robh deomhain, us iadsan air an robh an caothach, us iadsan air an robh a chrith, agus leighis e iad.
25Agus lean cuideachda mhor e bho Ghalile, ʼs bho Dhecapolis, bho Ierusalem ʼs bho Iudéa, ʼs bho thaobh thall Iordain.

தற்சமயம் தேர்ந்தெடுக்கப்பட்டது:

N. Matu 4: MacETN

சிறப்புக்கூறு

பகிர்

நகல்

None

உங்கள் எல்லா சாதனங்களிலும் உங்கள் சிறப்பம்சங்கள் சேமிக்கப்பட வேண்டுமா? பதிவு செய்யவும் அல்லது உள்நுழையவும்